’S e seo an cothrom agad do thaic airson ath-fhiadhachadh ann an Alba a leigeil fhaicinn le bhith ag earalachadh air Riaghaltas na h-Alba Alba a ghairm na Nàisean Ath-fhiadhachaidh, a’ gealltainn do dh’ath-shlànachadh nàdair thar 30% den fhearann is na cuantan againn - a’ toirt buannachd do nàdar, na gnàth-sìde agus daoine.
Smaoinich air Alba far a bheil fiadh-bheatha lìonmhor, far a bheil na cnuic air an còmhdachadh le cleòca de choilltean dùthchasach is mòintichean fallain; far an tig flùraichean fo bhlàth air na raointean is far a bheil boglaichean làn bheatha; far a bheil feòir-locha mòra gorma a’ sgaoileadh thar grunnd na mara is leapannan eisir a’ cumail taic ris ar costaichean fiadhain.
Smaoinich air Alba a tha làn choimhearsnachdan beòthail, far a bheil ath-leasachadh nàdair a’ brosnachadh ’s a’ cumail taic ri iomairtean ionadail, far am faigh daoine de gach aois obraichean buannachdail, agus far a bheil cruthan-tìre le beairteas nàdair ruigsinneach dhan h-uile duine, ag ath-dhùsgadh ar ceangail ri mìorbhailean an t-saoghail nàdarra.
Tha na siostaman-beatha air a bheil sinn uile an eisimeil gan cnàmhadh, a’ lagachadh a’ chothruim a th’ againn air biadh, fior-uisge is adhar glan, a’ cur bacadh air a’ chomas againn carbon a chumail air falbh, agus a’ dèanamh cron air ar slàinte is sunnd.
A-nis ’s i Alba tè de na dùthchannnan air thalamh a tha as motha gann nàdair.
Mar a bhios briseadh na gnàth-sìde a’ luathachadh agus call nàdair a’ leantainn, tha cunnart gun choimeas mu choinneimh ar dòigh-bheatha is àm ri teachd ar cloinne. ’S e nàdar ar taic-bheatha - is tha e ann an cunnart.
Ach, tha dòchas ann fhathast.
Tha ath-fhiadhachadh a’ toirt cothrom dhuinn beatha a thoirt air ais dhan fhearann is na cuantan againn, ag ath-bheothachadh pròiseasan nàdarrach, ag ath-stèidheachadh seòrsaichean a chaidh air chall, a’ saoibhreachadh choimhearsnachdan, agus a’ togail tapaidheachd an aghaidh nan dùbhlan a bhios ann san àm ri teachd.
Tha còrr is 150 pròiseactan ath-fhiadhachaidh air feadh na h-Alba mar-thà, bho choilltean coimhearsnachd gu com-pàirteachasan cruth-tìre, ach feumaidh sinn barrachd a dhèanamh.
Tòrr a bharrachd!
’S e sin an t-adhbhar a tha Caidreachas Ath-fhiadhachaidh na h-Alba air a’ Chairt Nàisean Ath-fhiadhachaidh a chruthachadh.
Faodaidh na h-èiginnean nàdair is gnàth-sìde a bhith nam mòr-uallach. Dè nì duine mu dheidhinn? Faodaidh sinn uile tighinn còmhla fo aon theachdaireachd shoilleir. Tog do ghuth còmhla rinn, a dh’iarraidh air Riaghaltas na h-Alba ar dùthaich ainmeachadh a’ chiad Nàisean Ath-fhiadhachaidh san t-saoghal, a’ gealltainn ath-bheothachadh nàdair air feadh 30% den fhearann is na cuantan againn.
Tha sinn ag iarraidh air a h-uile duine leis an aon dòchas is a tha a’ faireachadh dè cho deatamach ’s a tha a’ chùis ur guthan a thogail, a’ cur ur taic an cèill do cheithir prìomh phrionnsabalan:
1. Ath-fhiadhachadh gus Nàdar Ath-stèidheachadh Tha nàdair mar bhunait a’ bhidh a dh’itheas sinn, an adhair a dh’anaileas sinn agus an uisge a dh’òlas sinn, ach chan urrainn do nàdair a chumail a’ dol a thoirt nan seirbheisean seo nuair a thathas a’ gabhail brath air gun sgur. Tha ath-fhiadhachadh a’ toirt an dòchais as fheàrr gus slàinte a thoirt air ais dhan t-saoghal nàdarra air a bheil sinn uile an eisimeil. 2. Gar n-Ath-fhiadhachadh Fhèin Tha nàdar as fheàrr nuair a tha e fiadhaich is gun dùil - làn annas, aoibhneas is iongnaidh. Ma tha sinn ag iarraidh tlachd a ghabhail às na toraidhean nàdair, nach ionnsaich sinn a ghabhail ri barrachd mì-chinnt, taic a thoirt do cho-bhith le fiadh-bheatha is barrachd àite a dhèanamh do dh’fhiadhachas nar beathannan làitheil. 3. Ath-fhiadhachadh do Dhaoine Chan urrainnear a dhol air adhart mar as àbhaist. Tha e riatanach a-nis a bhith ag atharrachadh mar a nì sinn rudan, ach feumaidh a h-uile duine a bhith an sàs san atharrachadh sin. Tha sinn a’ toirt cuireadh mar sin do dhaoine a thighinn an sàs ann an ath-fhiadhachadh na h-Alba. Ag obair còmhla, ’s urrainn dhuinn Nàisean Ath-fhiadhachaidh nas sheasmhaiche, nas cothromaiche a dhèanamh, às am faod sinn uile a bhith moiteil. 4. Ath-fhiadhachadh aig Ìre Mhòr Faodaidh ath-fhiadhachadh na mìrean a tha air fhàgail de nàdair ath-cheanglachadh is mheudachadh - a’ cur car de chall bìth-iomadachd sna ceàrnaidhean beaga iomallach seo .Gu cudromach, bhiodh ath-fhiadhachadh aig ìre mhòr a’ toirt ceangailteachd air ais aig ìre a’ chruth-tìre, a’ leigeil le fiadh-bheatha soirbheachadh agus gar cuideachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri briseadh na gnàth-sìde. |