Ro-ràdh
Tha an aon mhiann ri nàdar a thoirt air ais no ath-fhiadhachadh aig mòran dhaoine air feadh na h-Alba.
Airson tòrr bhuidhnean coimhearsnachd, tha ath-stèidheachadh nàdair is adhartachadh bìth-eòlais glè chudromach. Dh’fhaodadh gum bi sin a’ gabhail a-steach ath-fhiadhachadh practaigeach, a’ toirt cach do thaobh ath-fhiadhachadh, no a’ gabhail pàirt ann an gnìomhan a bheir taic do ath-fhiadhachadh (leithid saidheans shaoranaich). Tha guth leasachaidh aig coimhearsnachdan a’ chladaich is iad a’ dol an sàs ann a bhith ag ath-leasachadh eag-shiostaman na mara ionadail.
Chan eil dòigh ann a chuireas na h-èiginnean nàdair is gnàth-sìde ceart gu luath – ach le bhith a’ toirt comas do dhaoine obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris na h-èiginnean seo, thèid comasachd na coimhearsnachd a chur am meud gus dèiligeadh ris na dùbhlain a tha romhainn, agus bheir seo uiread de shochairean bho shlàinte is sunnd gu obraichean co-cheangailte ri nàdar gu lughdachadh thuiltean is teintean-fiadhain.
Chaidh ar brosnachadh an stiùireadh seo a thoirt gu buil air sgàth an àireimh a tha a’ dol am meud de bhuidhnean coimhearsnachd dha bheil ath-fhiadhachadh mar phàirt den obair aca. Tha sinn airson grad-shealladh a thoirt den obair àibheiseach a tha a’ tachairt gus eag-shiostaman na Alba ath-stèidheachadh, beachdan a thoirt do dhaoine a tha ag iarraidh an gnìomh ceudna a ghabhail, is ceanglaichean a thoirt do stòrasan airson buidhnean coimhearsnachd. Tha sinn cuideachd airson a dhèanamh cinnteach gu bheil cudrom ga chur air mar a dh’fhaodas coimhearsnachdan a chur ri ath-fhiadhachadh no ath-stèidheachadh eag-shiostaman aig ìre mhòr.
Mar a leughas tu an stiùireadh seo, chì thu na rudan diofraichte a tha ath-fhiadhachadh a’ ciallachadh do dhiofar bhuidhnean coimhearsnachd. A thuilleadh air an sin, tha ath-fhiadhachadh a’ ciallachadh dòchas. Dòchas airson àm ri teachd sam faodar a bhith beò. Dòchas gum faod an saoghal a bhith nas fhiadhain. Dòchas gum faod sinn nàdar, agus sinn fhèin, ath-stèidheachadh – còmhla.
Fàilte dhan stiùireadh seo
Tha an stiùireadh seo do dhuine sam bith ann an Alba aig a bheil ùidh ann an ath-fhiadhachadh còmhla ri càch sa choimhearsnachd. Ma dh’fhaodte gu bheil thu am beachd buidheann choimhearsnachd a dhèanamh gus obrachadh le càch ann a bhith ag ath-fhiadhachadh àitichean ionadail. Is dòcha gu bheil thu mar phàirt de bhuidheann choimhearsnachd is ùidh agad air mar a dh’fhaodadh ath-fhiadhachadh a bhith buntainneach dha na gnìomhachdan a tha no a bhios agad.
Bhon fheadhainn a tha ag obair air làraich nàdair bhailteil ath-stèidheachadh ’s a cheangail no eisirean a thilleadh dhan loch ionadail aca, dhan fheadhainn a tha a’ gabhail gnothach ri ath-stèidheachadh mìltean de heactairean de mhonaidhean a th’ air a dhol am miosad, tha daoine air feadh na h-Alba a’ cruthachadh àm ri teachd a tha beartach a thaobh nàdair.
Faodaidh sin na thòisicheas ann an àite ionadail nas lugha fàs, an dà chuid tro mhothachadh nas motha air nas urrainnear a dhèanamh, agus tro cheangail àitichean le trannsairean. Faodaidh do choimhearsnachdan cuideachadh comas a thoirt do ath-fhiadhachadh san àite aca, le bhith mar ghuth do nàdar fhiadhain. Agus le bhith ag obair còmhla ri buidhnean eile, leithid Northwoods Rewilding Network air feadh na h-Alba no iomairtean leithid Black Hills Regeneration Project, faodaidh coimhearsnachdan a bhith mar phàirt de dh’ath-stèidheachadh eag-eòlach aig ìre mhòr. Aig muir, bidh ath-fhiadhachadh aig ìre mhòr a’ toirt chothroman do choimhearsnachdan eag-shiostaman ath-stèidheachadh aig sgèile.
Tha gach coimhearsnachd gun samhail. Bidh ath-fhiadhachadh, mar an ceudna, diofraichte do dhiofar bhuidhnean dhaoine is ann an diofar àitichean. Tha an stiùireadh seo a rèir fhèin-fhiosrachadh choimhearsnachdan fìor a dh’innis dhuinn na sgeulachdan is beachdan do chàch. Tha an stiùireadh seo a’ beachdachadh air mar a dh’fhaodas na buidhnean seo a chur ri ath-stèidheachadh nàdair aig ìre mhòr tron obair aca fhèin.
Geàrr-chunntas de shusbaint an stiùiridh a dh’fhaodar a chleachdadh mar phostair
Ath-fhiadhachadh: stiùireadh do bhuidhnean coimhearsnachd
Tha ath-fhiadhachadh ag iarraidh oirnn ceumannan dàna, atharrachail gus nàdar a thoirt air ais dhan ìre san urrainn dha cùram a thoirt dha fhèin – agus dhuinn fhèin – a-rithist. Tha an stiùireadh seo a’ mìneachadh nan ceumannan a dh’fheumar ann a bhith a’ cruthachadh is a’ fàs buidheann ath-fhiadhachaidh coimhearsnachd.
A’ tòiseachadh
Tha iomadh diofar dhòigh ann gus pròiseact ath-fhiadhachadh coimhearsnachd a thòiseachadh. Feumaidh tu buidheann, aonta air dè tha sibh ag iarraidh a dhèanamh, àite far am faod sibh diofar a dhèanamh, beachdan airson na tha sibh ag iarraidh a dhèanamh, cothrom air fiosrachadh eag-eòlasach agus dòigh gus sùl a chumail air adhartas. Tha tòrr bhrosnachaidh is taic ri fhaotainn ann an Alba.
A’ ceangail ’s ag eagrachadh
Smaoinich air cò th’ anns a’ choimhearsnachd agad. Fiù ’s ma thòisicheas sibh le buidheann neo-fhoirmeil, is dòcha gum feum sibh buidheann fhoirmeil a chruthachadh mar a dh’fhàsas sibh. Tha diofar modailean ann a dh’fhaodas sibh a thaghadh is bidh diofar dhùbhlain romhaibh.
Ag obair air tìr ’s aig muir
Bidh diofar mhodhan-obrach aig diofar bhuidhnean air mar a bheirear air ath-fhiadhachadh a thachairt air tìr ’s aig muir. Ge bith dè thaghas sibh, tha comhairle ri fhaotainn.
A’ conaltradh ’s a’ toirt an sàs
Aig amannan, feumaidh an obair agaibh a’ choimhearsnachd nas fharsainge a thoirt an sàs. Tha diofar dhòighean ann gus seo a dhèanamh – is ’s e diofar rudan a chanar ris! – ach ’s e an rud as cudromaiche a dhèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile duine a bhith an sàs.
Ath-fhiadhachadh an àite agad
Tha ath-fhiadhachadh mu dheidhinn pròiseasan nàdarrach air tìr ’s aig muir a bhreab-thòiseachadh. Faodaidh gum bithear ag obair ann an aineolas. Faigh eòlas air an àite agad, faigh cothrom air eòlas is taic – is gabh ceumannan gus nàdar ath-stèidheachadh.
LEUGH AN STIÙIREADH SLÀN AN SEO:
- Mu ath-fhiadhachadh
- Dè th’ ann an ath-fhiadhachadh?
’S e ath-fhiadhachadh, gu sìmplidh, gnìomhachd sam bith a tha ag amas air pròiseasan nàdarrach a thoirt air ais.
Tha pròiseasan nàdarrach nan eadar-obraichean a bheir cumadh dhan planaid is a bheir taic do bheatha. Faodaidh pròiseasan nàdarrach tachairt aig ìre mhòr, leithid gluaiseadh àbhainn a’ sruthadh no ùir a’ cumadh. Faodaidh iad tachairt cuideachd aig ìre bheag, leithid seillean no dealan-dè a’ poileanachadh nam flùraichean sa ghàrradh agad. Faodaidh an t-sìde, pròiseasan cruinn-eòlach, pròiseactan ceimigeach agus mar a dh’obraicheas diofar sheòrsaichean còmhla a bhith uile a’ stiùireadh pròiseasan nàdarrach. Bidh sealgairean leithid iolairean no cait-fhiadhain a’ toirt buaidh air àireamhan is giùlain sheòrsaichean eile, agus seòrsaichean leithid bìobharan no màrla (coireal) ag atharrachadh na tìre is na mara mun cuairt orra.
’S e eag-shiostam fallainn a th’ ann far a bheil pròiseasan nàdarrach ag obair gu ceart.
Air feadh na h-Alba, tha casg air a chur air pròiseasan nàdarrach, tha cron air a dhèanamh orra no tha iad air stad. Mas urrainnear na pròiseasan nàdarrach seo ath-stèidheachadh, faodaidh nàdar ath-stèidheachadh fhèin. Le bhith a’ cruthachadh eag-shiostaman fallainn is a bhith beò gu cothromach le nàdar, bidh thu a’ cruthachadh bhuannachdan dhan chinne-daonna cuideachd. Tha sinn uile an earbsa nàdar airson uisge, biadh is adhart cho math ri ar slàinte is sunnd.
Tha ath-fhiadhachadh ag iarraidh oirnn ceumannan dàna, atharrachail a ghabhail gus nàdar a thoirt air ais dhan ìre san urrainn dha cùram a thoirt dha fhèin – agus dhuinn fhèin – a-rithist.
Cò ris a tha ath-fhiadhachadh coltach?
Tha Ath-fhiadhachadh Bhreatainn air sgrìobhainn Slighean Ath-fhiadhachaidh a dhèanamh, a tha a’ cur an cèill còig ìrean de dh’ath-fhiadhachadh – bho ‘Bidh gniomhachdan ath-stèidheachaidh a’ toirt breab-tòisich do ath-bhuannachd’ gu ‘Bidh nàdar a’ toirt cùram dha fhèin, le pròiseasan nàdarrach air ath-stèidheachadh.’ Tha pàirt riatanach aig coimhearsnachdan ann an gach ìre. Faic an speactram ath-fhiadhachaidh aig Slighean Ath-fhiadhachaidh | Ath-fhiadhachadh Bhreatainn.
Dh’fhaodadh gum bi gnìomhachdan ath-fhiadhachaidh a’ gabhail a-steach:
- Coilltean nàdarrach a dhìon, a mheudachadh agus a cheangail
- Cuideam air ionaltradh a lughdachadh gus craobhan a chuideachadh a’ fàs
- Cuideam iasgaich air àrainnean-mara a lughdachadh
- Ath-stèidheachadh talamhan fliche, a’ gabhail a-steach tro bhìobharan a thoirt air ais
- Cuideachadh ann a bhith a’ toirt sheòrsaichean caillte air ais gus pròiseasan caillte ath-stèidheachadh
- Feur-mara a chur no eisirean ath-stèidheachadh gus eag-shiostaman mara a chàradh
- A’ toirt air ais gluasad saor aibhnichean, tro dhamaichean a thoirt air falbh no an ceangal a-rithist ri raointean-tuile.
- A’ ceangail àrainnean ionadail, a’ leigeil le beatha-fiadhaich a ghluasad gu saor
- A’ sònrachadh raointean nas motha do nàdar
- A’ cruthachadh raointean beatha-fiadhain nas lugha is an ceangail
Prionnsabalan ath-fhiadhachaidh Northwoods Nine
ALBA: Tha an Dealbh Mòr air naoi prionnsapal ath-fhiadhachaidh a mhìneachadh a tha sònraichte do dh’Alba (The “Northwoods Nine”). Tuilleadh fiosrachaidh aig https://www.scotlandbigpicture.com/the-northwoods-nine
- Carson a dh’fheumas ath-fhiadhachadh is coimhearsnachdan a chèile?
Tha clann-daonna nam pàirt de nàdar. Bidh na coimhearsnachdan againn gan cumadh leis an tìr is a’ mhuir mun cuairt oirnn, le bhith beò còmhla ri lusan is beathaichean ann an eag-shiostaman co-cheangailte. Ann an àitichean bailteil is neo-bhailteil, bidh ar gnìomhan a’ toirt buaidh air nàdar, bhon dòigh a nì sinn gàirnealachd no a stiùireas sinn àitichean-gorm gu na roghainnean a nì sinn air mar a chleachdas sinn stòrasan nàdarrach ann an àitichean mòra.
’S e a bhith ag aithneachadh ar n-àite san t-saoghal nàdarrach a tha gar cuideachadh a thuigsinn gu bheil ath-fhiadhachadh mu dheidhinn cothromachadh a thoirt air ais, a’ gabhail ris a’ phàirt a th’ againn mar luchd-cùraim an t-saoghail nàdarraiche agus a’ dèanamh àite airson beathaichean is lusan a bhith beò còmhla rinn.
Tha rannsachadh a dhan deach barantas a chur le Ath-fhiadhachadh Bhreatainn a’ sealltainn gu bheil ath-leasachadh fhearainn ann an Alba, agus gluasad a dh’ionnsaigh sealbhadaireachd coimhearsnachd, gu tric co-cheangailte ri beachdan caochlaideach air mar a ghabhas fearann a stiùireadh. Bidh 21 eisimpleirean a th’ air an toirt a-staigh san rannsachadh seo air sealbhadaireachd coimhearsnachd is ath-fhiadhachadh a’ sealltainn amasan a tha a’ gabhail a-steach meudachadh bith-eòlas is ath-stèidheachadh nàdair. Far a bheil coimhearsnachdan air an fhearann a stiùireadh airson àm foghainteach, tha sluaighean sheòrsaichean air fàs, is tha àrainnean air an toirt am feabhas.
Tha ath-stèidheachadh nàdar na mara air feadh na h-Alba a’ sealltainn gu bheil eag-shiostaman fallainn feumach air coimhearsnachdan a tha an sàs. Tha pròiseactan ath-stèidheachaidh thùsail, air an stiùireadh leis a’ choimhearsnachd, leithid COAST, Seawilding is eile, a’ nochdadh mar a dh’fhaodas coimhearsnachdan is nàdar soirbheachadh còmhla air na costaichean, is iad a’ cruthachadh obraichean ùra ann an coimhearsnachdan neo-bhailteil.
Tha coimhearsnachdan math airson ath-fhiadhachadh. Mar an ceudna, tha ath-fhiadhachadh math do choimhearsnachdan. Tha na sgrùdaidhean-cùise an cois seo a’ nochdadh mar a tha ath-fhiadhachadh air cosnadh a dhèanamh. Tha sochairean a bharrachd a gheibhear bho ath-stèidheachadh nàdair a’ gabhail a-steach:
- Seasmhachd bìdh
- Slàinte is sunnd nas fheàrr
- Eòlassaidheansail ùr air mar a thachras ath-stèidheachadh nàdair
- Stòr foghlaim is brosnachadh do sgoiltean
Tha iomadh eisimpleir eile le Coimisean Fearann na h-Alba aig Luach na Coimhearsnachd – Deagh Chleachdadh – Ar n-obair – Coimisean Fearann na h-Alba.
- A’ tòiseachadh
Brosnachadh is taic
Tha iomadh diofar dhòighean ann gus tòiseachadh air ath-fhiadhachadh mar choimhearsnachd.
Am measg nan coimhearsnachdan a chuir ris an stiùireadh seo, thòisich cuid le fearann is an uair sin chuir iad romhpa ath-fhiadhachadh a dhèanamh. Bha feadhainn eile ag iarraidh ath-fhiadhachadh ged nach robh fearann aca, ach thòisich iad co-dhiù a’ dèanamh suirbhidh air bith-eòlas is a’ conaltradh mun àite ionadail aca – is na b’ fhaide air adhart lorg iad am fearann aca fhèin. Tha coimhearsnachdan air a bheil draghan mu ghrunnd na mara air tòiseachadh le iomairt gus an t-àite ionadail aca a dhìon, le bhith a’ toirt buaidh air luchd-poilitigs no le bhith a’ dèanamh dheuchainnean gus feur-mara ath-stèidheachadh.
Bidh mòran buidhnean coimhearsnachd a’ tòiseachadh air sgàth ’s gum fairich iad bagairt san sgìre. Dh’fhaodadh seo a bhith mar iarrtas planaidh ùr, no sealbhadair-fearainn a’ leagail chraobhan ionmhainn. Ann an Alba tha còraichean againn air fiosrachadh àrainneachdail a ruigsinn, pàirt a ghabhail ann an roghainnean àrainneachdail is cothrom fhaighinn air ceartas ma tha laghan briste no ma nì roghainnean cron air an àrainneachd.
Gus a bhith èifeachdach, feumaidh tu:
- Buidheann – daoine eile gus an obair a roinn is beachdan a chruthachadh
- Aonta làn air dè tha sibh ag iarraidh a dhèanamh – ma dh’fhaodte seòrsaichean caillte leithid eisirean ath-stèidheachadh, a’ meudachadh feur-mara no coilltean nàdarrach.
- Àite far as urrainn dhut diofar a dhèanamh – ged a bhiodh sin na chladach, abhainn, àite-ghorm no raon nas motha de ghrunnd na mara no fearann.
- Eòlas eag-eòlach (no cothrom fhaighinn air) – feumaidh tu cuideigin sa bhuidheann agad, no san lìonra nas fharsainge agad, a tha a’ tuigsinn mar a tha eag-shiostaman ag obair.
- Dòigh gus sùil a chumail air an adhartas agad – gus an urrainn dhut atharrachadh fhaicinn thar nam bliadhnaichean.
Thar ùine, dh’fhaodadh gum bi cothrom agad air fearann a cheannach, no air obrachadh còmhla ri eòlaichean-laghail gus glèidhteachas mara no fearainn a shònrachadh. Is dòcha gum bi feum agad air a’ bhuidheann a dhèanamh foirmeil. Is dòcha gum feum thu co-chomhairlichean coimhearsnachd a thoirt gu buil, is a’ choimhearsnachd as fharsainge a thoirt a-steach ann a bhith a’ stiùireadh is a’ dèanamh cho-dhùnaidhean. Ma dh’fhaodte gun ruig thu ìre sa bheil thu ag iarraidh daoine a chosnadh.
Bidh na gnìomhachdan seo air fad a’ cuideachadh gus a’ bhuaidh agad fhàs is a neartachadh, agus bidh iad cuideachd feumach air stòrasan: ùine, neart, eòlas is maoin.
Sgrùdadh-cùise: Pàirc Taobh na h-Aibhne Ùraidh – Ath-fhiadhachadh àitichean bailteil
’S e Pàirc Taobh na h-Aibhne Ùraidh na raon-tuile 60 heactair ann an meadhan Inbhir Ùraidh. Fo stiùireadh coimhearsnachd tha e a-nis na àite do dhaoine is nàdar – ag obair a dh’ionnsaigh eag-shiostaman a tha ag obair gu nàdarrach is as lugha de dh’eadar-theachd bhon chinne-daonna.
Mar a thòisich sinn
Thàinig Comhairle Obar Dheathain thugainn an toiseach a bha air fearann na pàirce fhaighinn mar phàirt de dh’ullachadh planaidh airson leasachadh mòr. Cha ghabhadh taighean a thogail ann air sgàth ’s gur e raon-tuile a th’ ann. Dh’fhaighnich iad am biodh ùidh againn san àite bìth-eòlais. Cha robh sinn ach beag ach bha ùidh againn. Chaidh sinn gu co-chomhairle coimhearsnachd, a’ cleachdadh mhapaichean den àite, gus beachd fhaighinn bhon choimhearsnachd air na chòrdadh riuthasan faicinn ann. Chaidh sinn air ais gu beachdan gu math sìmplidh, is chruthaich sinn plana airson pàirc bhìth-iomadach a’ cleachdadh sheòrsaichean dualchasach de bhun-sgeòil ionadail.
Chùm a’ chomhairle taic ris a’ bheachd Buidheann Chorporaichte Charthannach na h-Alba (SCIO) a chruthachadh gus stiùireadh na pàirce a ghabhail os làimhe, is mar sin ’s e carthannas coimhearsnachd a th’ annainn. Faodaidh duine sam bith sa choimhearsnachd a bhith na bhall.
Feumaidh tu a’ choimhearsnachd a thuigsinn – tha gach coimhearsnachd eadar-dhealaichte. Gus a dhèanamh gu math, feumaidh tu a bhith nad phàirt den choimhearsnachd sin. Agus na sgilean a dh’fheumas tu a thuigsinn. Tha urrasairean againn le sgilean ann am bith-eòlas, stiùireadh phàircean, hidreòlas, ionmhais, clach-eòlas, coimhearsnachd, làraich-linn, na meadhanan sòisealta, togail-dhealbhan.
Comhairle eile
- Feumaidh an t-àite a bhith cudromach do dhaoine, air neo thèid a dhìth. Chan eil com-pàirteachas leis a’ choimhearsnachd mu dheidhinn co-chomhairleachadh a-mhàin ach a’ dol air ais thuca is a’ sealltainn dhaibh na b’ urrainn dhut is nach b’ urrainn dhut a ghabhail ris.
- ’S e àite a th’ ann a tha ag obair gu nàdarrach, chan eil e coltach ri pàirc a th’ air a shaoidheadh. Tha daoine air fàs cleachdte ri sin. Tha an abhainn lùbach a’ sìor-atharrachadh. Gheibh sinn rothaichean, luchd-coiseachd, luchd-coimhid eòin is iasgairean; tha raon-chluiche chloinne ann agus raon-chluiche nàdarrach. Faodaidh tu suidhe is èisteachd ri na h-uiseagan.
- ’S e odharan-mòr fear de na dùbhlain stiùiridh mhòra. Thàinig e bho shuas na aibhne is tha e puinnseanta is cunnartach do chinne-daonna. Tha sinn a’ dèanamh dheuchainnean is a’ toirt eòlas ùr air stiùireadh odharan-mòr.
Aithneachadh
B’ e Pàirc Taobh na h-Aithne Ùraidh buannaiche Duais Iomairt Coimhearsnachd 2022 le Nàdar na h-Alba RSPB is tha teisteanas 5-rionnag aca bho Chùm Alba Àlainn.
Fiosrachadh a bharrachd air rudeigin sònraichte:
’S e an Lìonra Ath-fhiadhachaidh Northwoods sreath de ghealltanasan-fearainn air feadh na h-Alba air an cruinneachadh is co-òrdanachadh le ALBA: An Dealbh Mòr. Tha na com-pàirtichean aca – a tha 20% air an ruith leis a’ choimhearsnachd – uile dealasach mu ath-shlànachadh nàdair is lèirsinn a roinn airson cruth-tìre far a bheil eag-eòlas ath-stèidhichte, far a bheil àrainnean air an ceangal nas fheàrr is far am faod seòrsaichean ath-shlànachadh, mheudachadh is sgaoileadh.
Tha an Lìonra Ath-fhiadhachaidh aig Ath-fhiadhachadh Bhreatainn fosgailte do phròiseactan ath-fhiadhachaidh air feadh na dùthcha. Tha e a’ toirt taic do ath-fhiadhaichean a cheangail is eòlas is beachdan a roinn.
’S e Community Woodlands Association buidheann ballrachd airson coilltean coimhearsnachd ann an Alba. Tha e a’ toirt taic do bhuill is daoine sam bith aig a bheil ùidh, tron Cho-labhairt bhliadhnail, Cuairt-iomradh mìosail, Cuairt-litir ràitheil, is tadhailean-iomlaid ionnsachaidh aca. Bidh e cuideachd a’ toirt sheiseanan trèanaidh air-loidhne is pearsanta seachad, a’ toirt taic air feadh sreath de chuspairean, nam measg fearann fhaotainn, stiùireadh choilltean is com-pàirteachadh coimhearsnachd.
’S e an Lìonra Coimhearsnachdan a’ Chladaich (CCN) co-bhanntachd de bhuidhnean coimhearsnachd a tha dealasach mu ghlèidhteachas is dìon àrainneachdan a’ chladaich is na mara ann an Alba. Tha taic aca bhon bhuidheann beatha-fiadhain Fauna & Flora. Còmhla, bidh buill CCN a’ dèiligeadh ri iomadh cùis chudromach – nam measg iasgachd nam breac, truailleachd plastaig mara is ath-stèidheachadh àrainnean mara. Tha Fauna & Flora a’ cumail taic ri buill CCN fa leth, gan cuideachadh ann a bhith a’ cur nan obraichean aca air bhonn, a’ leasachadh structaran riaghlaidh, a’ togail maoin fa leth is a’ tòiseachadh phròiseactan.
A’ ceangail ’s ag eagrachadh
Cò th’ anns a’ choimhearsnachd agad?
Faodaidh coimhearsnachdan a bhith mar ‘coimhearsnachdan àite’ – na daoine a tha a’ fuireach ann an àite cruinn-eòlach. Faodaidh iad a bhith cuideachd mar ‘coimhearsnachdan ùidh’ – daoine aig a bheil ùidh no aithne choitcheann, an àite a bhith a’ fuireach san aon àite. Dh’fhaodadh seo a ghabhail a-steach buidhnean le ùidhean cultarail, sòisealta, no eaconamach coitcheann.
Tha coimhearsnachdan a tha ag iarraidh nàdar ath-stèidheachadh ann an àite an-còmhnaidh an dòigh air choireigin ceangailte ri ‘àite’, ged a bhiodh sin a’ ciallachadh diofar rudan do dhiofar dhaoine. Do chuid, tha an dearbhadh seo dlùth-cheangailte ris na daoine a tha a’ fuireach ann an àite sònraichte is a tha mar dhachaigh dhaibh. Do fheadhainn eile, dh’fhaodadh gum bithear a’ cur barrachd fhòcais air ùidh shònraichte, leithid iasgachd no coiseachd, no air sgàth ’s gum b’ ann às an sin a bha an sinnsirean, a tha a’ toirt dhaibh ceangail no gràdh làidir airson an àite sin. Tha na h-eisimpleirean san stiùireadh seo a’ nochdadh seo air fad. Tha an Iomairt Ath-stèidheachaidh Sgìre Abhainn Eireachd a’ toirt iomradh air ‘coimhearsnachdan de dh’àite is ùidh’. Bidh feadhainn eile a’ bruidhinn cho luachmhor ’s a tha e a bhith beò ann an àite, is gu bheil dàimhean làidir aca dhan chruth-tìre is eachdraidh.
Bidh mìneachadh do choimhearsnachd a’ cuideachadh slatan-tomhais bhuill a mhìneachadh. Ma tha thu a’ cur laghan leasachadh fearann na h-Alba gu feum, feumaidh tu a’ choimhearsnachd agad a mhìneachadh gu faiceallach. Feumar coimhearsnachdan a mhìneachadh a thaobh cruinn-eòlais airson Còir Cheannachd Coimhearsnachd, ach tha Tar-chur So-mhaoin fosgailte do choimhearsnachdan air a bheil ùidh.
A’ cruthachadh ’s a’ leasachadh buidheann coimhearsnachd
Bidh tòrr phròiseactan ath-fhiadhachaidh coimhearsnachd a’ tòiseachadh le buidhnean neo-fhoirmeil, a tha ag obair còmhla le dealas is lèirsinn. Thòisich Coille-fiadhain Carrifran, a tha a-nis fear de na pròiseactan ath-stèidheachadh coille as sìne stèidhichte is air a bheil meas àrd ann an Alba, le coinneamhan gach cola-deug ann an taigh-seinnse sna Puballan. Cha tug an t-àite buaidh air aire na buidhne, a dh’adhbharaich an obair chruaidh aca ceannachd gleann de 655 heactairean is cur trì chairtealan às a’ mhillean de chraobhan a rèir plana eag-eòlach a chaidh a riaghailteachadh gu faiceallach.
Ach gus làrach a bhith agad, iarrtas maoineachaidh a dhèanamh, is luchd-obrach a chosnadh, feumaidh tu a bhith mar bhuidheann fhoirmeil.
Tha sreath de mhodailean ri fhaotainn do choimhearsnachdan, agus is fhiach e ùine a chosg gus fear a thaghadh a tha ag obair dhan bhuidhinn agad. B’ fheudar do dh’iomadh buidheann choimhearsnachd tìde is airgead a chosg ag atharrachadh an reachdais no a bhith na dhiofar sheòrsa bhuidheann, gus a bhith ion-roghnach airson laghan ath-leasachaidh fhearainn, no gus teisteanachadh mar charthannais.
Ann an lagh ath-leasachadh fhearainn ’s e Buidheann Choimhearsnachd a chanar ris a’ bhuidhinn, a dh’fhaodas a bhith na Chompanaich Earranta le Barantas (CLG), Buidheann Chorpaichte Charthannach Albannach (SCIO) no Comann Buannachd Coimhearsnachd (CBS). Tha stiùireadh air a’ mhodail cheart a thaghadh dhut ri fhaotainn bho Chomhairle na h-Alba airson Buidhnean Shaor-thoileach (SCVO) (faic bogsa) no tro Notaichean Fiosrachaidh air fhoillseachadh le Coilltean na Coimhearsnachd.
Mar eisimpleir, thòisich COAST mar bhuidheann neo-fhoirmeil, is chaidh inbhe charthannach a thoirt dhaibh gus a’ chiad neach-obrach aca a chosnadh. Thòisich iad leis a’ phrìomh amas an uisge timcheall air Arainn a thoirt am feabhas do àrainneachd is eaconamaidh na coimhearsnachd. Dh’obraich iad leis na cothroman is uidheaman a thàinig am bàrr aig an àm. Bha cothroman poilitigeach ann airson Raon Gun Ghabhail is an Raon-Glèidhte Mara Arainn a Deas, agus luchd-poilitigs sònraichte deònach na pròiseactan a thoirt air adhart.
’S e ceum cudromach airson buidheann coimhearsnachd tighinn a dh’ionnsaigh cosnadh. Tha COAST is Seawilding air fàs bho bhuidheann bheag de shaor-thoilich gu cosnadh còrr is còignear luchd-obrach làn-ùine. Tha Bright Green Nature air a chur a-staigh gu soirbheachail airson tabhartas Awards for All bhon Chrannchur Nàiseanta gus an neach ruigsinneachd coimhearsnachd aca a chosnadh.
Riaghladh bhuidhnean coimhearsnachd
Feumaidh buidhnean coimhearsnachd roghainnean a dhèanamh ann an dòigh a nochdas na buill is a choinneachas ri amasan na buidhne. Tha seo uile mar phàirt den chomhairle a thugadh seachad le SCVO (Bogsa xXX). Tha na duilleagan aca air A’ stiùireadh na buidhne agad Tha e cudromach a thuigsinn mar a stiùirichear coinneamhan èifeachdach, dreuchdan cathraiche, rianaire is ionmhasair a choileanadh, is dèiligeadh ri duilgheadasan. Tha SCVO cuideachd a’ tabhann theamplaidean is innealan gus do chuideachadh deagh chleachdaidhean stiùiridh a thoirt gu buil.
Tha tòrr de na sgrùdaidhean-cùise san stiùireadh seo a’ nochdadh an fheum a th’ air raon de sgilean air bòrd nam ball, is tha seo a’ ciallachadh san fharsaingeachd daoine le sgilean ionmhasail, teicnigeach is eag-eòlasach. Tha iad cuideachd a’ cur cuideam air a’ bhitheantas sa bheil na sgilean seo ri fhaicinn sa choimhearsnachd.
Sgrùdadh-cùise: Seawilding
’S e an carthannas cliùiteach, Seawilding, a’ chiad pròiseact san RA airson ath-stèidheachadh eisirean dùthchasach is feur-mara a th’ air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd. ’S e an t-amas aca bìth-eòlas caillte a thoirt air ais, carbon a chur gu taobh, obraichean uaine a chruthachadh is buidhnean eile a tha stèidhichte air a’ choimhearsnachd a theagasg a dhèanamh an rud ceudna (www.seawilding.org/). Nì iad seo le bhith ag ath-stèidheachadh àrainnean mara ris a’ chladach, gu h-àraid leapannan-eisir dùthchasach.
Mar a dh’fhàs sinn a’ bhuidheann againn
An toiseach, rinn buidheann coimhearsnachd air an robh Cromach iomairt gus dreideadh a stad ann an Loch Creag an Nis. Chaidh caraid againn a bheò-ghlacadh le eisirean, is thòisich e gam fàs, is an uair sin chuir e roimhe carthannas a chur air bhonn gus ath-stèidheachadh eisirean a thoirt seachad aig ìre mhòr.
Tha thu an toiseach nad bhuidheann le glè bheag de rianachd, bidh thu a’ tighinn còmhla gach dàrna mhìos, tha e saor-thoileach, bidh thu a’ roinn obraichean. Gus faighinn dhan ath-ìre feumar carthannas a chur air dòigh gus maoineachadh a thoirt a-steach is cosnadh. Feumaidh airgead gu leòr a bhith agad gus sin a dhèanamh.
Fhuair sinn còig bhliadhna de mhaoineachadh bhon Crannchur Dualchais Nàiseanta, tha sin a’ toirt dhuinn fad-saoghaltachd air leth. B’ e fìor dheagh thaic a bh’ ann Lìonra Coimhearsnachdan a’ Chladaich. ’S ann às a’ choimhearsnachd a tha ar n-urrasairean uile. Air an rubha againn gheibh thu cuideigin aig a bheil eòlas air rudeigin. A-nis tha còignear luchd-cosnaidh làn-ùine is neach-cosnaidh pàirt-ùine againn.
Agus tha sinn air taic a thoirt do choimhearsnachdan eile a’ tòiseachadh air na rudan aca fhèin. Tha sinn a’ mhòr-chuid den ùine a’ toirt misneachd dhaibh. No molaidh sinn a’ chiad ceum: bheir beagan daoine còmhla, dèan suirbhidh, thoir sùil air dè tha agaibh.
Comhairle eile
- ’S e pàirt mhòr de na nì sinn a bhith a’ dèanamh dheuchainnean – bha fios againn sa bhad gun robh sinn an seo a dh’fhàilligeadh gus nach biodh coimhearsnachdan eile a’ fàilligeadh. Cha robh leabhar-làimh ann air ath-stèidheachadh feur-mara, chan eil duine sam bith eòlach air ciamar a nithear e. Tha sinn a’ dol tro na pròiseasan seo, a’ faighinn a-mach mar a ghabhas a’ mhuir ath-fhiadhachadh. Tha sinn a bhith as saidheansail ’s as urrainn dhuinn ach ma dh’fhuiricheas tu gus an toir saidheans na freagairtean dhut air fad, tha thu air deich bliadhna a chall. Tha a h-uile duine ag ràdh gur e seo Deichead Ath-stèidheachaidh nan Nàiseanan Aonaichte, is chaidh sinn oirnn leis.
- Tha sinn ag innse na sgeulachd gu h-èifeachdach. Tha deagh stuth-lèirsinneach is dealbhadh làrach-lìn againn, deagh chòmhraidhean nuair a thachras sinn ri daoine, luchd-maoineachaidh, no daoine uaigneach fa leth. Thòisich sinn ar cliù a thogail, ionmhas uaigneach fhaighinn, an uair sin thàinig daoine le eòlas saidheansail dhan choimhearsnachd, rinn sinn tairgsean airson maoineachadh saidheansail, dh’fhàs sinn nas làidire nar aithriseadh is sgrìobhadh thairgsean.
- Chan eil maoineachadh riaghaltais ach bliadhna no dhà bhliadhna, nach eil ag obair airson ath-stèidheachadh nàdair. Ann an trì bhliadhna, chan tèid agad air ach aon rud fheuchainn is a mheudachadh tron àm sin. Tha sinn a-nis a’ feuchainn ri barrachd maoineachaidh chorporra fhaighinn. Chan eil meatraigean carboin no bìth-eòlas sa mhuir fhathast, ach tha sinn ag obair le companaidhean a tha ag iarraidh a bhith còmhla rinn mar sgioba is dàimhean a dhèanamh. ’S e àite math a th’ ann an sin dhuinn.
Faic cuideachd: Faic: https://www.craignish.info/blog/craignish-launches-scotlands-first-community-oyster-restoration-project
Fiosrachadh a bharrachd air rudeigin sònraichte:
Dè th’ ann an urrasan leasachadh coimhearsnachd?
Tha coimhearsnachdan air feadh na h-Alba – mòr is beag, dùthchail is bailteil, stèidhichte air tìr-mòr is eilean – a’ cur urrasan leasachaidh air bhonn gus togail a thoirt dha na coimhearsnachdan aca tro ghnìomhachdan, obair chom-pàirteachais agus iomairt.
Tuilleadh fiosrachaidh: https://towntoolkit.scot/case-studies/development-trusts
Fiosrachadh a bharrachd air rudeigin sònraichte:
’S e Comhairle na h-Alba airson Buidhnean Saor-thoileach (SCVO) a’ bhallrachd nàiseanta dhan roinn shaor-thoileach. ’S e an t-amas a bhith a’ cumail taic ri, adhartachadh is leasachadh roinn shaor-thoilich sheasmhach ann an Alba. Faodaidh SCVO cuideachadh leis a’ bhuidhinn agad a chur air bhonn, a stiùireadh, riaghladh is luchd-obrach a chosnadh.
A’ maoineachadh a’ phròiseict agad
’S e fear de na dùbhlain mhòra do ath-fhiadhaichean na coimhearsnachd a bhith a’ planadh, a’ faighinn is a’ stiùireadh ionmhas. Faodaidh maoineachadh airson ath-fhiadhachadh, eadar-theachdan, gnìomhachdan is tachartasan tighinn bho iomadach àite, leithid tabhartasan an riaghaltais, togail-maoin is stòrasan prìobhaideach.
Gu tric bidh buidhnean coimhearsnachd ag iarraidh thogalach – àite sam faod daoine tighinn còmhla is ionnsachadh mu na tha a’ tachairt. Airson ath-fhiadhaichean, is dòcha gum bithear ag iarraidh sùil a thoirt air fearann a cheannach. Faodaidh seo a bhith na atharrachadh mòr do bhuidheann. Faodaidh e a bhith gu math daor fearann a cheannach. ’S urrainn do Mhaoin Fhearainn na h-Alba do chuideachadh ann a bhith ag ullachadh airson is maoineachadh fhaighinn airson toglaichean no fearann a cheannach. Ach, chan eil am maoineachadh ag obair airson a h-uile buidheann. Tha slighean eile a’ gabhail a-steach maoineachadh-sluaigh de dh’àrd-ìomhaigh leithid sin a thòisich an Iomair Langholm a tha an sgeulachd bhrosnachail air innse aig Ar Sgeul – Glèidhteachas Nàdair Gleann Tarrais.
Do bhuidhnean mara, ma tha bàta aca airson rannsachadh faodaidh seo a’ bhuidhinn a ghluasad a dh’ionnsaigh rannsachadh is obair le oilthighean.
Faodaidh maoineachadh bho luchd-tasgaidh air an taobh a-muigh a bhith na chothrom agus cunnartan a thoirt. B’ fheudar do dh’aon phròiseact slighe atharrachadh gu h-obann o chionn ghoirid, oir dh’fhàilig modail iasaid an luchd-tasgaidh, agus chaidh am fearann a chur air ais air a’ mhargadh.
Bidh cuid de bhuidhnean a’ faighinn cothrom ceanglaichean a dhèanamh eadar tasgadh is togail-ionmhais na coimhearsnachd. Tha Iomairt Ath-stèidheachadh Sgìre Abhainn Eireachd, mar eisimpleir, a’ toirt iomradh air Slat-thomhais Ion-ghabhaltas na Coimhearsnachd, is tha Coimisean Fearann na h-Alba a’ leasachadh slat-thomhais bhuannachdan coimhearsnachd, a tha ga dhèanamh aig àm sgrìobhadh an stiùiridh seo. Tha an roinn seo a’ leasachadh gu luath, is feumaidh na coimhearsnachdan a tha ag iarraidh obrachadh ann an com-pàirteachas le tasgadairean calpa nàdarrach rannsachadh a dhèanamh air na ceanglaichean seo is eile.
Sgrùdadh-cùise: Iomairt Langholm – Glèidhteachas Nàdair Gleann an Tarrais.
’S e Iomairt Langholm urras leasachadh coimhearsnachd buannachail airson Eisgeadail is Lìdeasdal, air a stèidheachadh ann an Langholm. ’S e am prìomh amas aca a bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan ionadail gus an t-àite a leasachadh gu àite nas fheàrr a dh’fhuireach ann, obair ann, is thadhail air.
Mar a mhaoinich sinn ar n-obair
Sa Chèitean 2019, ghairm Oighreachd Buccleuch an co-dhùnadh aca còrr is 10,000 heactairean de Mhonadh Langholm a reic. Bha an naidheachd seo na chùis-iongnaidh dhan choimhearsnachd ionadail aig a bheil ceanglaichean cultarach làidir ris an fhearann.
An dèidh co-chomhairlichean ionadail farsaing, dh’aontaich Iomairt Langholm iomairt maoineachaidh a thoirt air adhart às leth na coimhearsnachd, a’ feuchainn ri còrr is £6 millean a thogail gus 4,250 heactairean den chruth-thìre shònraichte seo a cheannach. Bha sealbhadaireachd-fhearainn leis a’ choimhearsnachd na chothrom gus taic a chumail ri ath-ghineamhainn nas motha a’ bhaile tro iomairtean nàdair ùra agus tabhartas brìoghmhor a dhèanamh do èiginn na gnàth-sìde is eag-eòlais.
Aig an toiseach, cha b’ e seo ach lèirsinn mì-chomasach, ach le oidhirp mhòr air feadh na coimhearsnachd, le sluagh de shaor-thoilich is taic bho bhuidhnean com-pàirteach, dh’fhàs an iomairt gu luath is thog e àite gu h-eadar-nàiseanta. Fhuair iomairt maoineachaidh £3.8 millean ann an dìreach sia mìosan. Thug seo comas airson ceannachd thùsail 2,100 heactairean de Shrath Tharrais, leis a’ chiad leth-chuid den fhearann ga thoirt gu h-oifigeil dhan coimhearsnachd sa Mhàrt 2021. Bha 2,140 heactairean mu dheireadh de dh’fhearann air a chumail far a’ mhargaidh fhosgailte ann an aonta le Buccleuch gus comas a thoirt dhan choimhearsnachd an £2.2 millean mu dheireadh a thogail gus leth tuathach Srath Tharrais fhaighinn.
Chaidh dàrna ìre na ceannachd a thòiseachadh san Dàmhair 2021. Ann an naoi mhìosan, chaidh a’ choimhearsnachd an aghaidh dùilean is “chaidh aca air na bha mì-chomasach” turas eile ann an dà bhliadhna, a’ togail na suim a dh’fheumadh gus meud an gabhaltas-fearainn a dhùblachadh is a thoirt dhan choimhearsnachd.
Bha tùsan maoineachaidh a’ gabhail a-steach:
Tabhartasan is tiodhlacan: Chaidh aca air tabhartasan mòra fhaighinn bho iomadh bhuidheann phoblach, fonndasan carthannach, tabhartaichean gràdh-daonna mòra agus buidhnean àrainneachdail. Am measg nan co-thabhartaichean comharraichte bha Alex Gerko, Urras Iain Muir, South of Scotland Enterprise, Anne Reece Foundation, Bently Foundation, Carman Family Foundation, Ath-fhiadhachadh Bhreatainn agus Garfield Weston Foundation.
Maoin Fearainn na h-Alba: Chaidh a’ cheannach a chuideachadh le tabhartasan is taic bho Mhaoin Fhearann na h-Alba a tha ann gus taic a chumail ri ceannachdan fearann is so-mhaoin leis a’ choimhearsnachd ann an Alba, air a chur air bhonn le reachdas ath-leasachaidh fhearainn.
Maoineachadh-sluaigh: Chleachd iad ùrlair maoineachadh-sluaigh air-loidhne gus luchd-amhairc nas fharsainge a ruigsinn is tabhartasan beaga a bhrosnachadh bho àireamh mhòr de dhaoine. B’ e seo a’ phrìomh ùrlair phoblach airson tabhartasan a dh’ionnsaigh an fhearainn a cheannach. Chaidh a chleachdadh mar prìomh naidheachd cuideachd dha na meadhanan gus cuideachadh ri adhartas maoineachaidh a shealltainn an aghaidh a’ phrìomh amais agus chuidich e ùidh cunbhalach a thogail bhon phoball is na meadhanan.
Ag obair air tìr ’s aig muir
Tha iomadh dòigh ann gus buaidh a thoirt air mar a ghabhas raointean fearainn is mara a stiùireadh, bho a bhith ag obair còmhla riutha a tha aig an stiùir mar-thà gu smachd a ghabhail thu fhèin is a’ ceannachd fearainn mar choimhearsnachd.
Air tìr
Faodaidh sealbhadairean-fearainn a tha nam pàirt de choimhearsnachd àite obrachadh còmhla gus atharrachadh a chur an comas aig ìre na cruth-tìre.
Bidh Bright Green Nature a’ dèanamh seo tro obrachadh le sealbhadairean ghàrraidhean. Tha feadhainn eile ag amas air obair tro shealbhadairean-fearainn aig ìre mhòr. Tha an Iomairt Ath-stèidheachaidh Sgìre Abhainn Eireachd a’ soilleireachadh nan dùbhlan de shealbhadairean-fearainn a chonaltradh mar bhuidheann coimhearsnachd aig nach eil fearann iad fhèin, agus far a bheil cuid shealbhadairean-fearainn ‘neo-làthaireach’ – gun a bhith a’ fuireach gu h-ionadail. Ghabh Com-pàirteachas Cruth-tìre Nibheis ri bun-reachd ùr ann an 2021, gu bhith na bhuidheann coimhearsnachd aig a bheil an t-amas Ro-innleachd Nibheis a lìbhrigeadh. Tha seo ag ràdh gum bi ‘a’ choimhearsnachd an sàs ann am pròiseasan cho-dhùnaidhean air stiùireadh chruth-thìre Nibheis is am buaidh a bheir luchd-turais air.’
Thòisich Pròiseact Allt Gleann na Meanbh-cuileige às aonais fhearainn, le bhith a’ cur fòcas air rannsachadh sgìre Gleann na Meanbh-cuileige, is ged a tha fearann aig a’ phròiseact a-nis, tha e ga fhaicinn mar phàirt de dh’amas nas fharsainge àrainneachd an uillt air fad a thogail.
Agus tha coimhearsnachdan ann, gu h-àraid buidhnean bailteil, dha bheil sealbhadaireachd na uallach neo-fheumail. Mar eisimpleir, tha Flùraichean-fiadhain Lodainn Mheadhanaich ag obair gu dlùth ris an ùghdarras ionadail gus achaidhean san àite ath-stèidheachadh, is e ag obair còmhla ri buill Lìonra Gnìomh na Gnàth-sìde Lodainn Mheadhanaich gus taic a chumail ri leasachadh trannsa beatha-fiadhain Lodainn Mheadhanaich, cho math ri lìonra airson biadh fhàs gu h-ionadail.
Mar a bhithear mar shealbhadair-fhearainn coimhearsnachd
Do mhòran dhaoine tha sealbhadaireachd na slighe a dh’ionnsaidh cumhachdachadh coimhearsnachd airson ath-fhiadhachadh. Mar shealbhadairean-fearainn, faodaidh a’ choimhearsnachd na roghainnean aca fhèin a dhèanamh is a thoirt gu buil mu shlighean gu ath-fhiadhachadh.
Bidh laghan ath-leasachaidh fhearainn agus an Achd Cumhachdachadh Coimhearsnachd a’ toirt dòighean gus coimhearsnachdan a chuideachadh ri fearann fhaighinn. Bidh tòrr choimhearsnachdan a’ lorg slighean eile gu fearann fhaighinn, tro reicean air an socrachadh le sealbhadairean-fhearainn, maoineachadh-shluaigh no aontachaidhean buannachdan coimhearsnachd le tasgadairean.
Tha comhairle air gluasad a dh’ionnsaigh sealbhadaireachd coimhearsnachd ri fhaotainn bhon dà chuid stòrasan riaghaltais is neo-riaghaltais.
’S e buidheann ballrachd a th’ ann am Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a chuireadh air bhonn gus guth choitcheann a thoirt airson sealbhadairean-fearainn na coimhearsnachd ann an Alba. Tha còrr is 130 buidhnean ballrachd air feadh na h-Alba, bho sealbhadairean-fearainn coimhearsnachd de dh’oighreachdan croitearachd mòra sna h-Eileanan Siar gu ionadan coimhearsnachd bailteil ann an coimhearsnachdan eadar-mheasgte. Tha e a’ toirt mapa a dh’ionnsaigh sealbhadaireachd coimhearsnachd an seo: Sealbhadaireachd Coimhearsnachd – Fearann Coimhearsnachd na h-Alba.
’S e Coimisean Fearann na h-Alba buidheann phoblach a chaidh a chur air bhonn gus “prògram de dh’ath-leasachadh fhearainn thar fearann bailteil is dùthchail, gus Alba a chruthachadh far a bheil fearann air a shealbhachadh is a chleachdadh ann an dòighean a tha cothromach, cùramach is tarbhach.” Tha e a’ toirt seachad stiùireadh air com-pàirteachas is sealbhadaireachd coimhearsnachd, a rèir fianais. Faic Community Ownership – Governance & Ownership – Our work – Scottish Land Commission.
Tha Seirbheis Taic Sealbhadaireachd na Coimhearsnachd (COSS) air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba is bidh e a’ toirt comhairle is taic do choimhearsnachdan air feadh a’ phròiseis de shealbhadaireachd a ghabhail de dh’fhearann is togalaichean. Tha seo a’ gabhail a-steach cuideachadh le rannsachadh so-dhèantachd, planadh gnìomhachais, agus ag obair a rèir riatanasan laghail.
Tha còir aig coimhearsnachdan iarrtasan a dhèanamh air ùghdarrasan ionadail air fad, Ministearan na h-Alba agus iomadach buidheann phoblach airson fearann no togalaichean sam bith a tha iad am beachd a b’ urrainn dhaibh a chur gu feum nas fheàrr. Faodaidh iad sealbhadaireachd, aonta no chòraichean eile iarraidh mar a thogras iad. Tha Riaghaltas na h-Alba air stòran a dhèanamh gus taic a chumail ri coimhearsnachdan ann a bhith a’ faighinn fearann. Tha e a’ toirt geàrr-stiùireadh air so-mhaoin a ghluasad.
Dh’fhaodadh fearann bàn is fàsaichte cothroman a thoirt airson ath-fhiadhachadh coimhearsnachd. Tha clàr oifigeil ann de dh’fhearann bàn is fàsaichte. Faodar am map fhaighinn aig https://isshinyapps.shinyapps.io/SVDL_mapping_2023/ Faodaidh Fearann Bàn is Fàsaichte a bhith dùbhlanach, oir ma dh’fhaodte gum bi e truaillte no mì-shàbhailte. Tha Ionad Sealbhadaireachd Coimhearsnachd Ghlaschu is Srath Chluaidh air geàrr-chunntas a dhèanamh air fèin-fhiosrachaidhean coimhearsnachd leis an t-seòrsa sho-mhaoin seo.
Sgrùdadh-cùise: Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Loch Uinnich – a’ toirt seachad fearann air aonta airson càradh eag-shiostaim
Tha Loch Uinneach na bhaile air taobh deas Pàirc Roinneil Muir Seile a’ Chluaidh. Tha Buill Urras Leasachaidh Choimhearsnachd air a dhèanamh de dhaoine a dh’àraicheadh an sin, aig an robh dreuchdan trang an àitichean eile agus a thàinig air ais gu dachaigh an òige an dèidh an dreuchdan a leigeil seachad. Thàinig am Pròiseact Yearn Stane gu cuid dhiubh, pròiseact a chaidh a chur air bhonn gus eag-shiostam obrachail a thoirt air ais gu bràigh Àirdean Siorrachd Rinn Friù. Ar slighe gu fearann a stiùireadh
Tha Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Loch Uinnich (LCDT) ag amas air Oighreachd Loch Uinnich, sgìre a tha timcheall air 500 heactairean de dh’fheurachadh garbh is 800 heactairean de bhoglach a tha air chrìonadh ann am pàirt, le Comhairle Siorrachd Rinn Friù. Ann an 2021, chaidh Pròiseact Yearn Stane còmhla ri Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Loch Uinnich gus obrachadh a dh’ionnsaigh Tar-chur So-mhaoin na Coimhearsnachd fhaighinn airson na h-oighreachd gus an rachadh sealbhadaireachd dhan coimhearsnachd ionadail. Tha LCDT a-nis a’ cur a-staigh airson aonta 99 bliadhna an àite sin.
Tha a’ bhuidheann ag ràdh: ’S e an t-amas a th’ ann àm ri teachd Monadh an Teine-dhèal a ghlèidheadh mar bhuannachd do choimhearsnachdan ionadail. Tha sinn ag amas air dòighean-obrach a leasachadh a thaobh cleachdadh fhearainn a tha seasmhach, a’ measgachadh àiteachas ath-ghineach aig ìre bheag is ath-stèidheachadh àrainn is turasachd-eco a bheir togail do bhìth-iomadachd, a lùghdachas tuilteachadh is a ghlacas charboin, cho math ri buannachd a thoirt do shunnd eaconamach muinntir Rinn Friù.’
Comhairle eile
- Tha eòlas LCDT a’ nochdadh cho luachmhor ’s a tha eòlas ionadail. Mar iomadh eisimpleir eile san stiùireadh seo, tha eòlas luachmhor ri fhaighinn an sin sa choimhearsnachd. Mar eisimpleir, tha fear de na h-urrasairean ag ràdh, “Bha m’ athair na thuanaiche an seo – is aithne dhomh am fearann gu math is tha fios agam cò ris nach eil e coltach tuilleadh.”
- Tha iad cuideachd a’ nochdadh eisimpleir nan tuathanaichean san nàbaidheachd a tha air ghluasad gu dòighean-obrach ath-chruthachaidh. “Tha sluagh adharcan air a dhol am meud, air sgàth a’ chrodh Ghàidhealaich aige a’ feurach sa gheamhradh. Chan eil e a’ cleachdadh fheansaichean, ’s e coileirean a tha e a’ cleachdadh – gam feurach leis an iPad aige! Tha e na chùis-bhrosnachaidh. Tha ùidh againn ann a bhith ga dhèanamh.”
Aig muir
Do bhuidhnean a tha ag iarraidh raointean mara ath-fhiadhachadh, tha dùbhlan diofraichte a’ tighinn am bàrr. Tha a’ mhòr-chuid de ghrunnd na mara timcheall air Alba leis a’ mhòrachd ach air a stiùireadh le Oighreachd a’ Chrùin Alba, buidheann phoblach. Chan e roghainn a th’ ann sealbhadaireachd a ghabhail de ghrunnd na mara – ach ’s e a bhith an sàs gu foirmeil ann an stiùireadh grunnd na mara. Eadar 2021 is 2024, bha com-pàirteachas deuchainneach aig Comhairle Eileanan Arcaibh le Oighreachd a’ Chrùin Alba gus co-dhùnaidhean a dhèanamh nas deamocrataigeach mu ghrunnd na mara timcheall air Arcaibh. Aig an aon àm, mar a bheir Riaghaltas na h-Alba cumadh do àm ri teachd raointean-glèidhte na mara ann an Alba, dh’fhaodadh gum bi barrachd chothroman ann do choimhearsnachdan buaidh a thoirt air mar a tha cuantan ionadail gan stiùireadh.
Ma dh’fhaodte gum bi gnìomhachdan air an riaghladh cuideachd le Buidheann-stiùiridh na Mara, NatureScot (ma tha buaidh air bìth-iomadachd – a’ cur feur-mara, mar eisimpleir) agus Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba no SEPA (ma tha buaidh ga thoirt air càileachd uisge). Dh’fhaodadh gum feumar Cead-mara airson structar a chur leithid riof fuadain.
A’ conaltradh ’s a’ toirt an sàs
A’ dol an sàs, a’ gabhail pàirt, a’ teagasg
Ann an gnìomhachd coimhearsnachd sam bith tha diofar ìrean de chom-pàirt a thaobh co-dhùnaidhean a dhèanamh. Ged a bhios urrasairean is buill na buidhne an sàs as motha, feumaidh buidheann coimhearsnachd a’ choimhearsnachd nas fharsainge a thoirt an sàs – ’s e com-pàirt coimhearsnachd a chanar ri seo.
Bidh e a’ gabhail diofar chruthan aig diofar ìrean a’ choimhearsnachd a thoirt an sàs. Aig ìre-thràth dh’fhaodadh gum bi e a’ ciallachadh còmhraidhean neo-fhoirmeil gus ‘fiosrachadh fhaighinn’ air ùidh a dh’fhaodadh a bhith ann am beachd. Is dòcha gum feumar co-chomhairleachadh nas làine nas fhaide air adhart. Dh’fhaodadh gum bi seo na riatanas foirmeil airson adhbharan maoineachaidh, no gus a dhèanamh cinnteach gu bheil taic agad, tha thu air dèiligeadh ri dùbhlain, agus tha thu a’ faighinn buannachd bho mholaidhean cruthachail agus an raon de sgilean sa choimhearsnachd.
Faodaidh com-pàirt nas èasgaidh cumhachd a thoirt dhan choimhearsnachd nas fharsainge a dhol an sàs ann an co-dhùnaidhean is gnìomhachdan stiùiridh. Tha stòrasan cuideachail ri fhaotainn gus do stiùireadh tro sheòrsaichean is modhan-obrach airson com-pàirteachas.
Ged a tha tòrr bhuidhnean eile a’ cleachdadh na teirm ‘cosnadh na coimhearsnachd’ a thaobh iomadachd de gnìomhachdan is com-pàirt, is fheàrr le cuid eile teirmichean leithid ‘com-pàirteachadh’, a dh’fhaodadh a bhith nas èasgaidh. Faodaidh ‘co-dhealbhadh’ a bhith feumail a rannsachadh cuideachd. Tha e cudromach na faclan is cànan a chleachdadh a dh’obraicheas airson an suidheachadh agadsa – ach ’s e an rud as cudromaiche an dòigh-smaoineachaidh a tha na chois, agus na dòighean sa bheil cothrom aig a h-uile duine a bhith an sàs.
Prìomh chomhairle, stòrasan is ceanglaichean:
Tha an Comann Eadar-nàiseanta airson Com-pàirteachadh a’ Phobaill air speactram a dhealbhadh gus cuideachadh ann a bhith a’ taghadh na h-ìre iomchaidh de com-pàirt airson pròiseas sam bith. Faodar IAP2 Spectrum of Participation a chuimseachadh ri ‘com-pàirteachadh coimhearsnachd’ le bhith a’ cur an fhacail ‘poball’ an àite ‘coimhearsnachd’ troimhe. Tha e a’ dol bho ‘Thoir fios’, ìrean de bhuaidh a’ choimhearsnachd air co-dhùnaidhean a tha a’ sìor fhàs: ‘Comhairlich’, ‘Thoir an sàs’ agus ‘Co-obraich’ agus mu dheireadh ‘Cumhachdaich’.
Sgrùdadh-cùise: Ag ionnsachadh bho eòlas: mar a dhèanadh sinn com-pàirteachadh coimhearsnachd diofraichte!
Thug buidheann coimhearsnachd na beachdan aca seachad air am fèin-fhiosrachadh.
Na dh’ionnsaich sinn bho chomhairleachadh ris a’ choimhearsnachd
Chaidh cùisean troimhe-chèile dhuinn. Dhèanainn a-rithist e, leis an fhios air mar a bheirear com-pàirteachas coimhearsnachd shoirbheachail gu buil – is a dhèanamh nas fhasa. Far am faod daoine bruidhinn, is na beachdan aca a roinn. Seach coinneamh far a bheil a h-uile duine ag ràdh, “chan eil fios agad air na tha thu a’ dèanamh!” Dh’fhàs cùisean beagan teth.
’S e ann am pàirt gu bheil na cumhaichean maoineachaidh a’ mìneachadh taic coimhearsnachd mar a’ choimhearsnachd ionadail gu sònraichte. Gus taic fhaighinn bho Mhaoin Fearainn na h-Alba, feumaidh an taic coimhearsnachd a bhith làn aonta. Cha do thuig mi sin. Bha e soilleir – mar a dhealaich a’ choimhearsnachd – nach biodh comas againn air a dhol a dh’ionnsaigh a’ mhaoineachaidh sin. Chaidh foirgheall a chur thugainn air an robh ainmean dhaoine ag ràdh nach robh iad ag iarraidh a’ choimhearsnachd an fhearann a cheannach. Bha cuideigin ag iarraidh am fearann a cheannach is chuir iad bacadh oirnn! An rud a chur cùisean air falbh bhuam ’s e gun tug sinn cothrom gun fhiosta airson mì-fhiosrachadh.
’S e comhairle ma-thà: dèan ullachadh faiceallach airson coinneamh coimhearsnachd is iarr air cuideigin bho thaobh a-muigh na coimhearsnachd a chur an comas. Gus nach canar bu chòir / cha bu chòir a-mhàin ach cuideachd “bu chòir is seall na rudan a b’ urrainn dhuinn a dhèanamh”, gus an gabh daoine beagan brosnachadh is gun tòisich iad a’ smaoineachadh. Oir tha e doirbh – sin an rud a dh’fheumas tu.
’S e sin fear de rudan as cugallaiche is duilghe ris am feumar dèiligeadh, an taic coimhearsnachd. Tha mi air iomadh pròiseact cruthachail a dhèanamh le coimhearsnachdan. Ach thachair gun robh sinn buileach thar ar comais. Is fhiach e fiù ’s mura thachras e, cha tèid an càirdeas leis a’ choimhearsnachd a chur an cunnart leis a’ mholadh – a sgaradh le cha bu chòir agus bu chòir. Agus ma thachras e tha an t-astar-mheud seo agad!
A’ togail chàirdeasan is com-pàirteachasan
Seachad air a’ choimhearsnachd, bidh càirdeasan le buidhnean eile is daoine fa leth a cuideachadh gus pròiseactan ath-fhiadhachaidh a thoirt gu buil. Uaireannan bidh an iomairt a’ tòiseachadh le com-pàirtiche air an taobh a-muigh. Chaidh am Pròiseact Yearn Stane, a chaidh a chur air bhonn e fhèin le iomairt-sòisealta lios chraobhan is co-comhairleachaidh eag-eòlach, an comhair Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Loch Uinnich, gus eag-shiostam obrachail a thoirt air ais gu bruaichean Àirdean Siorrachd Rinn Friù. Bha Urras Leasachaidh Coimhearsnachd air a bhrosnachadh ceumannan a ghabhail ri pàirt den àite a thoirt air aonta.
Thòisich feadhainn eile le buidheann coimhearsnachd bheag agus chaidh iad a shireadh caidreachas le com-pàirtichean buadhmhor, no buidhnean le cothrom air luchd-ùidh leithid sealbhadairean-fearainn no iasgairean. Shoilleirich grunn coimhearsnachdan luach na taic bho Bhuill-Pàrlamaid, Bhuill-Pàrlamaid na h-Alba, is comhairlichean. Thug Pàirc Taobh na h-Aibhne Ùraidh fa-near dhan deimhinneachd a bh’ ann obrachadh còmhla ris an ùghdarras ionadail agus comhairlichean a thoirt air a’ bhòrd aca.
Tha saoghal ath-fhiadhachaidh a’ gabhail a-steach measgachadh de lìonraidhean taice is buidhnean luachmhor, leithid Lìonra Coimhearsnachdan a’ Chladaich (air a stiùireadh le Fauna & Flora International), ALBA: Lìonra Ath-fhiadhachaidh Northwoods An Dealbh Mòr agus Lìonra Ath-fhiadhachaidh Ath-fhiadhachadh Bhreatainn. Tha Caidreachas Ath-fhiadhachaidh an t-Saoghail a’ ceangail bhuidhnean ri pròiseactan ath-fhiadhachaidh air feadh an t-saoghail. Bidh Caidreachas Ath-fhiadhachaidh na h-Alba a’ ceangail buidhnean ath-fhiadhachaidh, buidhnean coimhearsnachd nam measg, gus iomairt is tagradh airson ath-fhiadhachadh ann an Alba.
Fiosrachadh a bharrachd air rudeigin sònraichte:
Planaichean Àite Ionadail is Planaichean Gnìomha Coimhearsnachd
Bidh an dà sheòrsa phlana seo a’ toirt dhòighean do choimhearsnachdan na feumalachdan aca a mhìneachadh is an innse do chàch. Tha iad gu tric air an ullachadh le coimhairlean na coimhearsnachd no urrasan leasachadh coimhearsnachd, ag obair ann an com-pàirteachas leis a’ choimhearsnachd nas fharsainge. Faodaidh e a bhith cuideachail do bhuidhnean coimhearsnachd na làraichean a tha iad am beachd ath-fhiadhachadh, no na làraichean iad fhèin, a ghabhail a-steach ann an aonan no dhà sheòrsa plana, gus aithne is taic nas fharsainge a dhèanamh cinnteach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh faic Planaichean Àite Ionadail | An t-Àite Againn
Tha Planaichean Gnìomh na Coimhearsnachd (CAPs) ann an Alba, nan sgrìobhainnean innleachdail air an dèanamh le coimhearsnachdan ionadail gus dèiligeadh ris na feumalachdan, duilgheadasan is comasachd aca. Thèid na planaichean seo a leasachadh tro phròiseas com-pàirteach sa bheil buill na coimhearsnachd ag obair còmhla a dh’aithneachadh phrìomhachasan is a mhìneachadh na ceumannan a dh’fheumas iad gus an t-àite ionadail aca a thoirt am feabhas.
Airson tuilleadh fiosrachaidh faic Community Action Plans | DTAS Community Ownership Support Service
Ag obair le comhairlean ionadail
Le bhith ag obair le buidhnean poblach faodaidh dùbhlain a nochdadh gun dùil. Faodaidh na riaghailtean a stiùireas buidhnean poblach, dleastanasan glèidhteachais is riaghladh stiùireadh-stòrais, a bhith uile nan dòighean dìreach a dh’ionnsaigh stiùireadh coimhearsnachd, agus airson ath-stèidheachadh eag-shiostaman a tha ag obair gu slàn.
Mar eisimpleir, tha pàirtean de Shrath Tharrais (a tha leis an Iomairt Langholm) air an sònrachadh mar Làrach de dh’Ùidh Saidheansail Sònraichte (SSSI), agus Àite Dìon Sònraichte (SPA). Gu h-oifigeil, tha sluagh de chlamhain-circe na chomharrachadh cudromach airson stiùireadh soirbheachail. Tha stiùireadh a’ moladh airson ath-ghineamhainn choilltean nàdarra a thoirt air falbh is a’ cumail an àite mar ‘raon fosgailte’, ach mar is eòlar gabhaidh a’ mhòr-chuid den reachdas a thuigsinn gu diofraichte, a rèir an nach fa leth.
Mar an ceudna, mhothaich Seawilding gun deach riaghailtean a bh’ air an droch cur an gnìomh le buidhnean malairteach a chur ris na gnìomhachdan beaga aca. Faodaidh na bacaidhean seo a bhith a’ faireachdainn mì-chothromach is feumar foighidinn.
Sgrùdadh-cùise: Bright Green Nature: ag obair le sealbhadairean-taighe
’S e carthannas a th’ ann am Bright Green Nature a bhios a’ toirt meanbh-thabhartasan is comhairle, ag obair le sgoiltean, teaghlaichean is buidhnean bhaile air feadh Crìochan na h-Alba gus nàdar a thoirt air ais do dh’àitichean a tha leotha is sa bheil iad a’ fuireach.
Mar a thèid sinn an sàs le daoine ionadail
Bidh sinn a’ toirt meanbh-tabhartas fa leth do chom-pàirtichean air a’ phrògram ‘Wild Your Space’ againn – mar is trice tha sinn ro-chlàraichte. Tha na h-àitichean ris a bheil sinn ag obair a’ tòiseachadh aig meanbh-mheud (gàrraidhean beaga) gu àitichean coimhearsnachd de dh’iomadh heactair. Bidh feum ann daonnan na h-àitichean seo a stiùireadh, is tha bacaidhean ann air càite am faod pròiseasan nàdarrach smachd a ghabhail. Ach fiù ’s ann an gàrradh beag chì sinn badan fhlùraichean-fiadhain no puill a tha a’ cur iom-sgarachd structair am meud is a’ toirt slàinte am feabhas san àite sin, no coimhearsnachdan a’ fàgail fiodh marbh ann an coilltean an àite ga sgioblachadh.
Ann an sgoiltean tha trèanadh is gu h-àraid tìde a dhìth gus na h-àitichean seo a chumail suas, is mar sin bidh ar n-Oifigear Ath-stèidheachaidh Nàdair a’ cur seachad ùine a’ toirt trèanadh do dhaoine. Uaireannan gheibh sinn iarrtas mìorbhaileach bho theaghlach no sgoil a tha a’ seasamh a-mach a thaobh na tha iad a’ dèanamh, agus ìre de chom-pàirt leis a’ choimhearsnachd ionadail. Mar sin tha sinn air prògram ‘Tosgaire’ a thòiseachadh, daoine am broinn na coimhearsnachd a chumhachdachadh is an naidheachd a sgaoileadh.
An toiseach b’ e am maoineachadh a bh’ ann – teaghlaichean aig nach robh airgead a bharrachd gus nàdar a thoirt air ais dha na h-àitichean aca. ’S e na tha a’ dèanamh diofar ge-tà, an ìre de chom-pàirt is trèanadh as urrainn dhuinn a thoirt, gu tric 1:1, a tha loma-làn stòrasan ach is fhiach e airson cumhachdachadh. Tha sinn dìreach an dèidh stòrasan a leasachadh airson ‘puill’, ‘flùr-fiadhain’ no ‘callaidean’. Gu tric chan eil fios aig daoine far am bu chòir dhaibh coimhead air loidhne is ’s e stòrasan feumail a th’ annta. Tha cruinneachadh innealan againn cuideachd airson sgoiltean, is bheir sinn lusan-puill is compost gun mhòine. Tha sinn am beachd feuchainn ri sìl is craobhan a thoirt tro chom-pàirtichean.
Tha neach-cosnaidh phàirt-ùine againn (Oifigear Ath-stèidheachadh Nàdair) is saor-thoileach pàirt-ùine againn. Tha an rianachd meanbh-thabhartasan cuideachd a’ gabhail a-steach an stèidheadair (1 latha sa mhìos) is ar Urrasairean sa phròiseas cho-dhùnaidhean.
Fiosrachadh air ais bho chom-pàirtichean:
- “Tha a’ phròiseact againn air a thoirt air adhart nas luatha air sgàth ’s a’ mhaoineachaidh a fhuair sinn airson lusan-puill. Tha am poll a’ tarraing beatha-fhiadhain dhùthchasach mar-thà is chaidh ar glacadh leis na diofar sheòrsaichean tairbh-nathrach a thadhail air an-uiridh.”
- “Nuair a thog a’ choimhearsnachd Newstead maoinean gus Raon a’ Bhaile a cheannachd, bha luchd-còmhnaidh air miann soilleir innse bìth-iomadachd is àrainnean beatha-fiadhain a bhrosnachadh is iad a’ toirt àite sòisealta seachad air an taobh a-muigh. Leis a’ mheanbh-thabhartas chaidh againn air àite lusan-fhiadhain a chur gus poileanadairean a tharraing cho math ri brògan-cuthaige is sòbhragan sa choille. Tha sinn cuideachd air luach a chur air a’ chomhairle is taic cuideachail a tha Bright Green Nature air a thoirt dhuinn.”
Saor-thoilich is eòlaichean
Tha obair coimhearsnachd saor-thoileach – tha thu a’ toirt seachad do thìde is sgilean saor an asgaidh. Mar a dh’fhàsas tu dh’fhaodadh gum bi tuilleadh saor-thoilich an sàs. Tha tòrr fiosrachaidh ri fhaotainn mu shaor-thoilich a bhrosnachadh is a stiùireadh, a bhios air leth feumail airson pròiseactan nas motha. Tha e cudromach a chuimhneachadh cuideachd gu bheil saor-thoilich nan eòlaichean cuideachd, is tha sgilean, eòlas is ceanglaichean aca as urrainn dhaibh a thoirt gu pròiseact.
Faodaidh ceanglaichean proifeasanta is pearsanta a chuideachadh daoine a thoirt a-staigh a tha ag iarraidh taic a thoirt dhan obair agad. Ma dh’fhaodte gun toir iad seirbheisean pro bono – an-asgaidh – no do cheangail ri oileanaich is càch a tha ag iarraidh gnàth-eòlas a thogail le bhith a’ toirt an sgilean ris.
Shoilleirich Urras Grunnd-mara Coimhearsnachd Arainn (COAST) eòlas shaor-thoilich mar phrìomh fheart den obair aca. Mar eisimpleir, tha bòrd-comhairleachaidh aca, air a dhèanamh de dhaoine bho dhiofar àitichean is gnìomhachasan timcheall an eilein. ’S iad ‘ciad puing’ na buidhne, bòrd airson beachdan no stiùireadh ùra dhan bhuidhinn.
Tha urrasairean nan saor-thoilich cuideachd, agus faodaidh obair urrasairean a bhith iarrtach is a’ toirt ùine. Bidh buidhnean nas sine a’ moladh dòighean sam faodadh urrasairean fois a ghabhail greis, is tha dòighean gu tric gan togail a-staigh gu sgrìobhainnean tùsail na buidhne a dh’fheumas cuairteachadh. Faodaidh seo a chuideachadh gus sgìos a sheachnadh sa bhuidheann.
Sgrùdadh-cùise: Flùraichean-fuadain Lodainn Mheadhanaich
‘S e buidheann coimhearsnachd sluaigh bhun-reachdail a th’ ann am Flùraichean-fuadain Lodainn Mheadhanaich, a tha ag obair gus àitichean-gorma a chruthachadh, a dhìon is cùram a thoirt dhaibh air feadh Lodainn Meadhanach is iad a’ cumail taic ri slàinte is sunnd nan coimhearsnachdan ris am bi sinn ag obair.
Mar a dh’obraicheas sinn le càch – saor-thoilich, com-pàirtichean, eòlaichean
Sa chiad bliadhna dh’obraich sinn còmhla ri 80 saor-thoilich gus achadh a bhuineadh ris a’ chomhairle ath-stèidheachadh ann an Tobar an Ròis. ’S e oidhirp fìor-mhòr a bh’ ann is dh’fheumadh e tòrr obair air sgàth ’s nach do chùm an comhairle an achadh fhlùraichean-fiadhain suas, ri lìn ghearraidhean buidseit gu mòr.
’S e sin an t-adhbhar a tha Flùraichean-fiadhain Lodainn Mheadhanaich ann, gus dèiligeadh ri èiginn na gnàth-sìde is eag-eòlach gu h-ionadail – fhad ’s a tha sinn a’ sìor-chall àitichean-gorma ri linn mòr-leasachaidhean taigheadais. ’S e ar n-amas achaidhean a th’ ann an-dràsta a dhìon, ath-stèidheachadh is cùram a thoirt dhaibh is sinn a’ lorg chothroman àrainnean ùra a chruthachadh fhad ’s a thathar a’ faireachdainn gu math is a’ dèanamh diofar dhan àrainneachd againn.
Bidh sinn ag obair air dà achadh a th’ aig a’ chomhairle. Dh’iarr sinn cead tron phoileasaidh ‘Gabh ri àite gorm’. Bidh Comhairle Lodainn Mheadhanaich a’ sanasachadh a’ chothruim seo, le ceann-latha iarrtasan air 29 Giblean gach bliadhna, airson buidhnean coimhearsnachd a ghabhail ri àite-gorm is a chumail suas còmhla ris a’ chomhairle airson buannachd na coimhearsnachd is bith-iomadachd. Tha e iongantach a’ mheud de dh’fhearann a th’ aca.
Tha sinn air obair ann an com-pàirteachas air leas-chunnradh le buidhnean eile gus taic a chumail ris a’ chomhairle air plana obair-ghlèidhidh achaidh fhlùraichean-fiadhain. Mas urrainn dhut, seall dhaibh gun urrainn dhut a dhèanamh soirbh dhaibh, gur e com-pàirteachas luachmhor dhan h-uile duine.
Bidh sinn ag obair còmhla ri buidhnean eile, Comhairle Lodainn Mheadhanaich, Comhairle Coimhearsnachd Tobar an Ròis is na Sgìre, Scouts and Beavers Tobar an Ròis, Àrd-sgoil Lasswade agus Coille Coimhearsnachd Three Hares. Is sinne nar buill èasgaidh de dh’iomadh bhuidheann leithid Lìonra Gnìomh na Gnàth-sìde Lodainn Mheadhanaich.
Comhairle eile
- Lorg àitichean-gorma a tha daoine cùramach mu dheidhinn. Dh’fhaodadh gu bheil iad salach le sgudal, ach tha comasachd aca. Dh’fhaodadh gur e bruach a th’ ann, pàirc bheag far nach eil dad a’ fàs. Tha cothroman ath-fhiadhachaidh sa chruth-tìre.
- Tha fios againn gur ann an èiginn gnàth-sìde a tha sinn. Tha ‘gabh air do shocair’ ceart gu leòr, ach cha cuidich e an sluagh dhealain-dhè is laomainn a tha a’ crìonadh. ’S e na dh’fheumas sinn a dhèanamh ar tìde a chleachdadh gus eag-shiostaman a thuigsinn air fad is tuigsinn dè a th’ againn. Eòlas air an àite-ghorm agad, eòlas air an fhearann, freumhaichte san àite is coimhearsnachd agad fhèin.
Conaltradh math
Tha conaltradh na phàirt chudromach de choimhearsnachd no gnìomhachd co-obrachail sam bith. Bidh ath-fhiadhaichean coimhearsnachd a’ cur cuideam air trì rudan gu sònraichte:
- Thoir aire sònraichte dha na prìomh theachdaireachdan agad. Dè fiosrachadh a tha thu ag iarraidh a bhith aig daoine, is dè tha thu airson ’s gun innis iad dhut, no tighinn an sàs leis, no cuideachadh a dhèanamh co-dhùnadh mu dheidhinn? Tha an sgrùdadh-cùis ‘Ionnsachadh bho fhèin-fhiosrachadh’ a’ sealltainn cuid dhùbhlain a nochdas nuair a dh’èiricheas cothrom airson smachd a chaill air oidheaman.
- Stiùirich dùilean. Is dòcha gum bi sealbhadairean coimhearsnachd ag iarraidh gun tachairt atharrachadh gu luath. Ma dh’fhaodte gum bi a’ choimhearsnachd nas fharsainge fo bhriseadh-dùil nuair a bheir atharrachadh greis nas motha, no nuair nach eil e soilleir dè na h-atharrachaidhean a tha a’ tachairt (mar a thachras nuair a tha feum air tìde a thoirt gus eòlas a chur air an àite).
- Smaoinich air cho ruigsinneach a bhios an conaltradh agad do dhaoine. A bheil cus teacsa ann do dhaoine lèirsinneach? A bheil an còdachadh-datha ag obair do luchd-amhairc le iom-sgàrachd inntinn? An gabh dreachan diofraichte a dhèanamh – is dòcha aithisg mhionaideach, is pòstair dealbhaichte goirid?
Fiosrachadh a bharrachd air rudeigin sònraichte:
A rèir artaigil air CharityComms, a’ bhuidheann ballrachd airson proifeiseantaich chonaltraidh charthannais, tha doille-fhacail air duine à 10 san t-saoghail, tha fear ann an 12 fo bhuaidh dhath-doille, ’s e naoi bliadhna a dh’aois aois-leughaidh chuibheasach san RA, agus tha call-claisneachd air còrr is 460 millean daoine. Tha seo a’ ciallachadh gur dòcha nach faighear is nach tuigear an conaltradh agad san dòigh ris a bheil thu an dùil. Tha an t-artaigeal a’ toirt mholaidhean airson conaltradh ruigsinneach.
Tha stòrasan a’ gabhail a-steach:
- Tha earann ann an Ionad Conaltradh Ionannach na h-Alba air tachartasan ion-ghabhalach is ruigsinneach a chur air dòigh.
- Tha fiosrachadh feumail air làrach-lìn Co-ionannachd Ciorramachd na h-Alba air mar a nithear tachartasan air-loidhne ruigsinneach.
- Tha stiùireadh aig Inclusion Scotland air na meadhanan sòisealta a dhèanamh ruigsinneach.
Grunndachadh tro sgeulachdan
Bidh seanchas a’ cuideachadh daoine ann a bhith a’ faireachdainn ceangailte ri nàdar is a’ tuigsinn mar a tha ath-fhiadhachadh ag obair. Bidh sgeulachdan mu bheatha-fiadhain, àrainnean, is pròiseactan ionadail a’ toirt dhaoine còmhla. Tha e gam brosnachadh a dhol an sàs is a’ nochdadh na buaidh deimhinneach a dh’fhaodas a bhith aig ath-fhiadhachadh air daoine agus an àrainneachd.
Thug Bioregioning Tayside mìneachadh air cho cudromach ’s e tha e gnìomhachdan is freagairtean cultarail agus saidheansail a ghabhail a-steach ann am pròiseactan ath-stèidheachadh nàdair.
“Tha ar fòcas air èiginnean na gnàth-sìde is bith-eòlas fhuasgladh air a bhith a’ taobhachadh air saidheans, tha air uile air a bhith mu ath-stèidheachadh eag-eòlach. Cha robh aithneachadh gu leòr ann no comharrachadh air mar a tha na cruthan-tìre againn nam pàirt den cultar againn tro, mar eisimpleir, sgeulachdan, òrain no ainmean-àite. Bho thaobh bìth-roinneil, bhithinn a’ brosnachadh do dhaoine ath-cheangail ris an dualchas cultarail seo agus eachdraidh a dhèanamh, gus ionnsachadh mar a tha an cinne-daonna air buaidh a thoirt air an cruthan-tìre thar mhìltean de bhliadhnaichean.
A’ cosg tìde rannsachadh a dhèanamh, gus a thuigsinn, mar eisimpleir, mar a tha uisgeachan air atharrachadh gus barrachd fhearainn a chur an comais airson tuathanachas no muilleanan airson gnìomhachas obair-chlòtha, dè na h-àitichean a b’ àbhaist a bhith fearann coitcheann, dè na h-oighreachdan a chaidh a cheannach is a thogail tro airgead tràilleachd, a’ bhuaidh eag-eòlach a tha damaichean hàidreo air a thoirt.
Mura h-eil fios agad air an sin, cha ionnsaich thu bhon àm a dh’fhalbh no a bhith a’ chumhachd agad a ràdh, “Chan fheum e a bhith mar seo’.
Ath-fhiadhachadh an àite agad
Eadar-theachdan
Tha ath-fhiadhachadh mu dheidhinn pròiseasan nàdarrach air tìr ’s aig muir a bhreab-thòiseachadh. Tha obair le tha a tha gun fhiosta dhuinn na lùib – agus a’ cruthachadh dòchas a dh’ionnsaigh àm ri teachd chugallach, fhad ’s a tha an gnàth-sìde is eag-shiostaman ag atharrachadh mun cuairt oirnn.
Gu tric ’s e a’ chiad ceum gun a bhith a’ dèanamh càil. Chuir gach coimhearsnachd a bha an sàs ann an riochdachadh an stiùiridh seo cuideam air cho cudromach ’s a tha e tìde a thoirt eòlas fhaighinn air an àite agus an eag-shiostam a tha iad an dòchas ath-stèidheachadh.
Is dòcha gum biodh e feumail dhut cuideachd sùil a thoirt air 12 ceumannan a dh’ionnsaigh ath-fhiadhachadh aig Ath-fhiadhachadh Bhreatainn.
Tha an Iomairt Langholm, a tha a’ stiùireadh còrr is 4,200 heactairean den ghlèidhteachas Srath Tharrais, air còrr is dà bhliadhna a chur seachad a thuigsinn an àite is a’ beachdachadh dè na gnìomhan air bu chòir prìomhachas a chur. Tha iad a-nis a’ cuimseachadh air ceudan mìltean de thraoghadh a thoirt air falbh air monaidhean na bruaiche, gus cuideachadh ri haidreòlas nàdarra is comas na mòine ri uisge is carbon a chumail ath-stèidheachadh.
Gu tric ’s e gnìomh ath-fhiadhachaidh chudromach a’ choille a mheudachadh. Bidh an slighe gu tuilleadh choilltean a chur air dòigh a’ crochadh air faotainneachd chraobhan ri sgaoileadh san àite, tro shìol is dòighean eile air ath-bheothachadh nàdarrach. Mura h-eil ach glè bheag de chraobhan dùthchasach san àite, dh’fhaodadh gum bi e riatanach craobhan a chur – mar eisimpleir aig Carrifran, far an robh ach grunn bheag de chraobhan sa ghleann is cha mhòr millean chraobhan air an cur bhon do ghabh Urras Coille na Crìochan sealbhadaireachd air a’ ghleann 655-heactair.
Nuair a thathas a’ cur chraobhan, dèan cinnteach gum faighear craobhan òga is sìl le cùram. Cùm sùil a-mach airson liosan-àraich chraobhan is reiceadairean-sìl ionadail. Tha pasgan liosan-chraoibh aig Ath-choilleachadh na h-Alba. Tha tòrr chomhairle air dòighean planntachaidh aig Urras nan Coilltean.
Ann an àitichean far a bheil an sluagh nas dlùithe, gu tric tha pàircean nan toiseach tòiseachaidh airson ath-fhiadhachadh coimhearsnachd. Dh’fhaodadh buidhnean coimhearsnachdan ann an àitichean bailteil tagradh airson saoidheadh is stealladh mar phrìomh fhòcais.
Airson mòran phròiseactan ath-fhiadhachaidh, ’s e an t-atharrachadh cudromach cuideam air eag-shiostam a thoirt air falbh gus am faod pròiseasan nàdarrach a thilleadh. A rèir COAST ’s e ‘seòrsa de ath-stèidheachadh fulangach a th’ ann: bheir sinn an cuideam air falbh (le bhith a’ cur bacadh air iasgachd) is leigidh sinn leis an àrainneachd ath-shlànachadh.’ Airson pròiseactan air tìr, tha staid mhillte ar n-àrainneachd nàdarrach a’ ciallachadh gum feumar ceumannan air choireigin a ghabhail gus breab-tòisich a thoirt do phròiseasan nàdarrach.
Faodaidh lìonraidhean leithid Native Oyster Network taic a thabhann airson pròiseactan ath-stèidheachaidh eisirean.
A’ faicinn thoraidhean
Nuair a nì thu eadar-theachd, ge b’ e ma tha thu a’ toirt cuideam air falbh no a’ toirt pàirtean ùra de dh’eag-shiostam a-steach (mar eisimpleir, le bhith a’ coille dhùthchasach no feur-mara), dh’fhaodadh gum bi na h-atharraichean iongantach is nas brosnachail na dh’fhaodadh duine sam bith smaoineachadh air.
San leabhar aice Wilding, tha Isabella Tree a’ mìneachadh mar a chuireadh iongnadh le tilleadh meanbh-bhiastagan is beatha-eòin dhan tuathanas aca ann an Sussex air eag-eòlaichean no tuathanaichean. Tha fèin-fhiosrachadh ceudna aig buidhnean ath-fhiadhachadh coimhearsnachd agus – mar a tha com-pàirtichean a’ choimhearsnachd dhan stiùireadh seo a’ sealltainn – faodaidh gu bheil iad a’ lorg nithean a tha ùr a thaobh saidheans.
Fiosrachadh a bharrachd air rudeigin sònraichte:
Tha am Pròiseact Cruth-beatha ag amas air cruthachadh, ath-stèidheachadh is dìon a thòiseachadh de chruthan-tìre fiadhain le bhith ag obair air pròiseactan a chleachdas sgilean a’ gabhail a-steach saidheans, teicneòlas, laghan, eaconamach agus conaltradh. Thug Ath-fhiadhachadh Bhreatainn barantas do sheata de notaichean stiùiridh laghail airson Alba an seo air pròiseactan ath-fhiadhachaidh a leasachadh is a stiùireadh.
A’ stiùireadh cothrom
Tha diofar adhbharan aig diofar bhuidhnean coimhearsnachd airson nàdar ath-stèidheachadh, is feumar fa-near a thoirt do dh’fheumalachdan ruigsinneachd a’ phobaill ri linn nan adhbharan sin. Ann an Alba tha còir coitcheann air cothrom cùramach, agus do chuid bhuidhnean, bidh àrd-phrìomhachas air buill a’ phobaill a tharraing.
Tha Pàirc Taobh na h-Aibhne, mar eisimpleir, moiteil air a dhòigh-obrach ri ruigsinneachd, a tha a’ gabhail a-steach slighean dìonach, beingidhean is fiù ’s raointean-cluiche ann an àitichean air an taghadh gu faiceallach, cho math ri bùird-bhratha is inntrigean a th’ air an comharrachadh gu soilleir. Tha iad a’ tomhas gu bheil iad a’ faighinn 500 luchd-tadhail gach latha oir chaidh am pàirc a dhealbhadh mar phàirt de slighe-siubhail bheò, agus gu bheil an ìre seo de ruigsinneachd is cosnadh is mothachadh dhaoine air nàdar atharrachadh. Mar eisimpleir, le bhith a’ mothachadh nuair a thig uiseagan ceòlmhor san earrach, no a’ tuigsinn adhbharan feurachaidh gus smachd a chumail air an odhar-mhòr.
Tha feadhainn eile ag iarraidh an cumail fhèin air falbh bho chus aire, oir dh’fhaodadh tòrr luchd-turais lagachadh nam pròiseasan eag-eòlach a tha a’ cuideachadh bith-iomadachd ath-stèidheachadh. Bidh Coille-fiadhain Carrifran, faisg air a’ Mhagh Fhada ann an taobh deas na h-Alba, a’ cur fàilte air luchd-turais am fèin-fhiosrachadh aca innse is bruidhinn air na toraidhean. Ach bidh iad a’ feuchainn a sheachnadh nach fhaicear iad mar àite airson luchd-turais a-mhàin. Ghabh iad comhairle ri pàirc nan càraichean a chumail beag is uaigneach. Tha fios gu bheil daoine ag iarraidh fhaicinn na tha a’ tachairt, agus ’s e cùis-bhrosnachaidh a th’ ann a bhith a’ faicinn na coille seo a’ tilleadh dhan ghleann seo a bha roimhe lom. Mar sin tha iad air slighe nas giorra a dhèanamh faisg air a’ phàirc-chàraichean a leigeas le daoine an gleann fhaicinn is a bhith ann airson nàdar a’ tilleadh dhan àite.
Seòrsaichean sgaoilteach
’S e aon dòigh sam feumar eadar-theachd gu h-èiginneach a thaobh seòrsaichean sgaoilteach. Tha an sgrùdadh-cùise air Pàirc Taobh na h-Aibhne Ùraidh a’ toirt eisimpleir de bhuidheann coimhearsnachd a tha a’ coimhead ri trì dhiofar dhòighean air smachd a chumail air odharan-mòr, le ionaltradh nam measg. Chuir iad Iomairt Seòrsaichean Sgaoilteach na h-Alba air bhonn gus a bhith na stòras cuideachail de chomhairle is beachdan.
Tha làraich eile feumach air dhèiligeadh ri giuthais-Sitka a tha air fhèin-chur, agus a dh’fhaodas ath-bheothachadh tro ‘shileadh sìl’ grunn cilemeatairean bho phlanntachasan coimeirsealta. Tha Iomairt Langholm, mar eisimpleir, dìreach an dèidh pròiseas fada, daor de ath-bheothachadh giuthais-Sitka a thoirt air falbh air feadh monaidhean Srath Tharrais a’ cleachdadh sgioba de chunnradairean ionadail, air a mhaoineachadh le Sgeama Àrainneachd Gnàth-sìde-Àiteachais le Riaghaltas na h-Alba. Uaireannan bidh taic ionmhasail ri fhaotainn airson smachd a chur air seòrsaichean sgaoilteach, leis Iomairt Seòrsaichean Sgaoilteach na h-Alba.
Fiosrachadh a bharrachd air rudeigin sònraichte:
Tha Iomairt Seòrsaichean Sgaoilteach na h-Alba a’ toirt cunntas air fhèin mar phròiseact com-pàirteachais ochd-bliadhnail a tha bheòthail is amasach, a chuireadh air bhonn gus dèiligeadh ri seòrsaichean neo-dhùthchasach an cois aibhnichean is uisgeachan ann an taobh tuath na h-Alba.
Sgrùdadh agus saidheans shaoranaich
Tha ath-fhiadhachadh na shlighe gu sin a tha gun fhiosta is ris nach eil dùil. Cho math ri eòlas fhaighinn air làrach na coimhearsnachd, bidh e cudromach sùil a chumail air atharrachadh. Tha Ath-fhiadhachadh Bhreatainn a’ leasachadh Frèam-obrach Sgrùdadh Ath-fhiadhachaidh gus cuideachadh le seo. Mar a chuireas iad an cèill, ‘Tha ath-fhiadhachadh air a mhìneachadh le neo-làthaireachd amasan stèidhichte no deireannach agus an dòigh ’s a ghabhas iad ri mì-chinnt.’
’S e na dòighean sa bheil coimhearsnachdan a’ dèiligeadh ri seo:
- Tha Pàirc Taobh na h-Aibhne Ùraidh a’ cur cuideam air luach dàta bhunaiteach ‘gus am faic ginealaich san àm ri teachd mar a tha a’ phàirc air atharrachadh thar nam bliadhnaichean.’ Tha urrasairean aca aig a bheil eòlas ann an luibh-eòlas, a tha tar-roinnean is frèamaichean-ceàrnagach a’ còrdadh riutha. Tha iad cuideachd air cunntairean a chur aig an dol a-steach, gus eòlas fhaighinn air cò mheud dhaoine a tha a’ cleachdadh na pàirce.
- Tha Pròiseact Allt Gleann na Meanbh-cuileige a’ coimhead air shamplaichean ùir, a tha air a chuideachadh leis gur e ceimeadair àrainneachd a th’ ann am fear de na urrasairean aca.
- Tha Carrifran is COAST air tòrr ionnsachadh bho shuirbhidhean fuaimearra – a’ clàradh fuaimean an eag-shiostaim.
- Tha Carrifran a’ bruidhinn air ‘fortan’ de luchd-coimhid eòin a bhith ann mar bhuill den Bhuidheann Stiùiridh aca. Tha an dàta Carrifran air eòin air sgeulachd inntinneach a thoirt seachad a’ sealltainn tilleadh de dh’eòin-choille thar 25 bliadhnaichean, gu ghleann a bha roimhe bàn.
- Faodaidh e a bhith cudromach is cumhachdach cuideachd dàta a chruinneachadh air cron dhan àrainneachd ionadail, mar a bhith ag aithris nuair a chìthear eathair-trusaidh ann an àitichean-mara far a bheil iad toirmisgte.
- Faodaidh trapaichean camara a chuideachadh gus mamalan a chlàradh ’s iad a’ dol seachad, ach ma dh’fhaodte nach toir iad dàta cunbhalach.
- Tha tòrr choimhearsnachdan a’ dèanamh clàr cunbhalach de dh’atharrachadh tro dhealbhan sreathach, air an gabhail bhon aon àite gach mìos no ràith.
- Faodar taic a bharrachd fhaighinn le bhith ag obair còmhla ri oilthighean is buidhnean eòlaichean-nàdair ionadail.
Molaidhean airson atharrachaidhean àrainn a sgrùdadh le dealbhan
Bho dhealbhadair chruth-thìre Ted Leeming
A’ TAGHADH ÀITICHEAN
- Taghadh àitichean a tha a’ còmhdachadh gach taobh is iomadh sealladh.
- Na tagh cus. Na dèan uallach dheth!
- Mas urrainn dhut an t-àite a chomharradh le feart a tha ann, no beagan peanta bidh e tòrr nas fhasa an t-àite a lorg an ath-thuras.
- Bidh cuid phròiseactan a’ cur post ann le sgeilp cuideachail no saighead a’ sealltainn far an cuirear am fòn no camara, a dhèanamh cinnteach gu bheil dealbhan an-còmhnaidh air an togail aig an aon àirde.
- Ma tha thu ag iarraidh taic bhon phoball ann a bhith a’ togail dhealbhan, dh’fhaodadh tu soidhne a chur ann ag iarraidh air luchd-turais dealbh a thogail is an cur air làrach-lìn.
- Cleachd what3words no seirbheis eile leithid clàr-iomraidh Ordnance Survery gus gach àite aithneachadh – tha seo ga fhàgail nas fhasa na puingean a lorg a-rithist.
A’ TOGAIL DHEALBHAN
- Cùm gu sìmplidh e – m.e. aon dealbh air a thogail air ceàrn farsaing, is cleachd an aon cheàrn is faid fhòcais.
- Mas e sealladh farsaing a th’ ann dh’fhaodadh tu an togail ann an cuairt-sheallach, no dà dhealbh a thogail.
- Tog iad leis a’ ghrian air do chùlaibh.
ÀM DEN BHLIADHNA
- Feuch an togail aig àm cheudna gach bliadhna. Smaoinich a bheil thu ag iarraidh gum bi na craobhan gorm is duilleach, no lom.
- Feuch gun tog thu na dealbhan agad ann an aon latha.
- Tagh latha grianach ma ghabhas a dhèanamh, is tog iad tràth no anmoch san latha airson iomsgaradh nas lugha.
IAR-RIOCHDACHADH
- Cùm dealbhan ann am pasganan le ainm an àite orra.
- Cuir cinn-latha is aistichean ann an ainmean nam faidhlichean.
Diofar mheatraigean airson diofar luchd-amhairc
Tha e na chùis-bhrosnachaidh is tha e luachmhor, a bhith a’ tomhas atharrachadh is a’ sealltainn buaidh. Faodaidh e cuideachd a bhith doirbh , gu h-àraid ma dh’fheumas tu aithisg a thoirt do bhuidheann phoblach aig a bheil dùilean seasmhach. Tha cuid den fhearann ann an Alba air an sònrachadh no fo dhìon, a tha a’ ciallachadh gum bi Riaghaltas na h-Alba a’ cuideachadh cùram a thoirt dhan làrach. Uaireannan bidh iad a’ dèanamh seo gu dìreach, ach cuideachd le bhith a’ toirt comhairle no a’ cumail sùil air dè tha a’ tachairt.
Ma tha làrach air a shònrachadh, bidh prìomhachas air na seòrsaichean a th’ air an ainmeachadh ann os cionn gach seòrsa is àrainn ann am beachd an riaghaltais. ’S e dùbhlan a bh’ ann do chuid pròiseactan ath-stèidheachaidh mhòr leis a’ choimhearsnachd prìomhachas a chur air cuid sheòrsaichean an àite leigeil leis na pròiseasan nàdarrach a thilleadh.
Saidheans shaoranaich
Tha saidheans shaoranaich a’ gabhail a-steach mòran dhaoine a’ cruinneachadh fiosrachadh mu na seòrsaichean a chì ’s a chluinneas iad rè ùine shònraichte.
Thathas a’ cleachdadh na teirm ‘saidheans shaoranaich’ ann an diofar dhòighean, ach faodaidh e ciallachadh clàradh bith-eòlach (leithid luchd-coimhid eòin a’ cumail notaichean air na chì iad, no eòlaichean-còinnich air chuairt gu achadh), suirbhidhean air an cur air dòigh le saor-thoilich, no beachdan-sùla eagarach le dàibhearan. Tha an dàta seo air fad luachmhor, gu h-àraid ma thèid a chonaltradh is a mhion-sgrùdadh. Tha Ionadan Clàraidh Ionadail nan ionadan cudromach airson beachdan-sùla bìth-eòlach fhaighinn, ann an leabhraichean-nota, post-dealain, no mar chlàran air an toirt tro aplacaidean leithid iNaturalist.
Le bhith a’ sgrùdadh sheòrsaichean is àrainnean bi cothrom ann airson com-pàirteachas na coimhearsnachd nas fharsainge. Ann an àitichean bailteil, faodar cuairtean bitheanta a chur air dòigh le comainn eachdraidh nàdarra gus daoine a chuideachadh clàradh a dhèanamh. Faodaidh buidhnean sheòrsaichean annasach no ‘doirbh’ a bhith nan cùisean-iongnaidh: mar eisimpleir, faodaidh glacadh laomainn tlachd is iongnadh a chur air com-pàirtichean le taisbeanaidhean de chreutairean nach fhaicear. ’S e dòigh ainmeil a th’ ann bioblitz a chur air dòigh – gu tric tachartas aon latha, gus na seòrsaichean-beò ann an àite a sgrùdadh ’s a chlàradh (air neo, uiread ’s a ghabhas!).
Fiù ’s far an deach dàta a chruinneachadh le dian-chunnraidhean, tha e doirbh do chuid de dh’ath-fhiadhaichean coimhearsnachd a thaobh bhuidhnean oifigeil a’ gabhail ris an dàta aca. No gheibh iad tàire a lorg nan stòrasan a chur air coimpiutair. Dh’fhuasgail na buidhnean-mara COAST agus Seawilding an duilgheadas seo le bhith a’ dèanamh com-pàirteachas le luchd-rannsachaidh acadamaigeach, a tha air am brosnachadh an dàta a sgrùdadh is fhoillseachadh. Tha deich bliadhna den obair a rinn COAST air comas a thoirt do luchd-saidheans rannsachadh a dhèanamh air na tha a’ fuireach air grunnd na mara is mar a tha sin ag atharrachadh sna h-àitichean fo dhìon. Tha an obair a tha Seawilding a’ dèanamh le ath-stèidheachadh eisirean is feur-mara a’ leudachadh air crìochan saidheans. Tha an dà chuid a-nis nam buidhnean stèidhichte a chuireas fàilte is luchd-saidheans. Mar a thuirt Seawilding, bidh iad a’ tabhann uidheam, is ionnsachadh mu ghrunnd na mara air a shon sin.
Sgrùdadh-cùis: Pròiseact Allt Ghleann a’ Mheanbh-cuileige
’S e Pròiseact Allt Ghleann a’ Mheanbh-cuileige SCIO carthannas a tha ag obair a dh’ionnsaigh adhartas de dhìon àrainneachd Allt Ghleann a’ Mheanbh-cuileige (Dùn Phrìs is Gallaibh, Alba) agus na h-àrainnean mun cuairt air.
Mar a bhios sinn a’ stiùireadh ar n-fhearainn
Bidh sinn a’ toirt gnìomhachdan gu buil gus tuigse is com-pàirteachas àrainneachdail a’ phobaill a thoirt air adhart, leithid suirbhidhean eag-eòlach com-pàirteach, bùthan-obrach is trèanadh. Tha sinn cuideachd ag iarraidh pròiseactan rannsachaidh saidheansail a thaobh na h-àrainneachd a chur an comas is ionadan foghlaim a thoirt an sàs ann a bhith a’ cleachdadh an àite airson an rannsachadh aca. ’S e pàirt riatanach den raon-dhleastanais againn aire dhan àrainneachd a thoirt air adhart, gu h-àraid ann an clann is daoine òga.
Tha a-nis 12 heactairean (30 acairean) de dh’fhearann tuath is dhan iar de Ghleann a’ Mheanbh-chuileige, a tha sinn ag amas air a dhìon, a mheudachadh is a chumail suas airson bìth-eòlas. ’S e cothrom air leth a tha seo cuideachd ar n-amasan air eòlas is mothachadh àrainneachd is eag-eòlach a mheudachadh tuilleadh.
Sa Ghearran 2025 chunnacas sluagh farsaing aig an latha-fosgailte againn, am measg luchd-còmhnaidh ionadail, sealbhadairean-fearainn, ealanaichean, nàdarraichean is buill NGOs le amasan co-cheangailte (leithid glèidhteachas Abhainn Nith, far a bheil Allt Gleann na Meanbh-cuileige a’ sruthadh). Chaidh cuireadh a thoirt do chom-pàirtichean pàirt a ghabhai ann an gnìomhachdan leithid shuirbhidhean ùir is bloideagan, a’ dèanamh shampallan den allt airson neo-altachain fìor-uisge, is dealbh-thogail rè tìde gus atharrachadh cinneis a sgrùdadh.
Comhairle eile
- A’ bruidhinn air an eòlas aca, chuir urrasan cuideam air a’ phàirt a th’ aig ionnsachadh. Thuirt fear dhiubh “Tha mi air tòrr ionnsachadh bho na daoine mun cuairt orm.”
- Thuirt fear eile “Gu tric thèid fhaighneachd dhuinn dè nì sinn. ’S e an fhreagairt, cha dèan sinn càil gus am bi tuilleadh fios againn mu dheidhinn!”
- An-dràsta, tha na h-urrasairean a’ bruidhinn air am bu chòir dhaibh tilleadh gu ìrean ìosal de dh’fheurach cròdha, is am bu chòir dhaibh drèanaichean nan achaidhean a thoirt air falbh bhon talamh nas ìsle gus àrainnean raointean-fliche ath-stèidheachadh.
- Chan eil an obair aca mu dheidhinn stiùireadh an fhearainn a th’ aca a-mhàin, ach tha e a’ buntainn ri sgìre an uillt air fad.
Beag-fhaclair
| Bìth-eòlais | Teirm ghoirid airson iom-sgaradh bìth-eòlach, ’s e seo “caochlaideachd am measg fhàs-bheartan bho gach stòras, a’ gabhail a-steach, am measg, neo-thalmhaidh, muir is eag-shiostaman uisgeach eile is iom-fhillteachd eag-eòlach sa bheil iad nam pàirt; nam measg sin tha iom-sgaradh am broinn sheòrsaichean, eadar seòrsaichean is eag-shiostaman”) (Convention of Biological Diversity). Gu tric na theirm choitcheann airson seòrsaichean beò. |
| Trannsaichean (àrainn no beatha-fiadhain) | Tha raointean de dh’àrainn glèidhte, fo dhìon no de dh’àrd-chàileachd a tha a’ ceangail beatha-fiadhain nas motha còmhla, a’ leigeil airson gluasad bheatha-fiadhain eadar a leithid de dh’àitichean is a’ cur bhacadh air mìreanachadh is iomallachd. |
| Eag-shiostam | Tha eag-shiostam ga dhèanamh le nithean beò is neo-beò ann an àite. Tha lusan, beathaichean, fungasan is meanbh-bheathaichean cho math ri clachan, ùir is uisge uile nam pàirt de dh’eag-shiostaman. Chan e àite, mar àrainn, a th’ ann an eag-shiostam – ’s e coimhearsnachd a th’ ann de nithean beò is neo-bheò. Tha poll na àrainn – dhachaigh airson èisg is fàs-bheartan eile a tha a’ fuireach ann. Ach ’s e eag-shiostam a th’ ann cuideachd – cruinneachadh de chàirdeasan iom-fhillte eadar na h-èisg, lusan, clachan is nithean eile sa pholl. |
| Einnseanair eag-shiostaim | Seòrsaichean a tha ag atharrachadh àrainnean gu mòr. Faodaidh na seòrsaichean seo buaidh mhòr a thoirt air bìth-eòlas an àite. Ri linn seo, tha pàirt chudromach aca ann a bhith a’ cumail na h-àrainneachd aca suas. Tha an teirm tric air a chleachdadh a-mhàin airson seòrsaichean bunaiteach, oir bheir fàs-bheartan buaidh air an àite sa bheil iad a’ fuireach, fiù ’s mas e buaidh bheag a th’ ann. |
| Biadhtaiche | Beathach a dh’itheas feur is lusan. |
| Àrainn | Àite, àrainn no suidheachaidhean far a bheil lus no beathach a’ fuireach ’s a’ fàs. |
| Heactair | Tha heactair na dhòigh air fearann a thomhas. Tha e mu 10,000 meatairean ceàrnagach. Faodaidh tu coiseachd tarsainn ann am beagan mionaidean. |
| Seòrsaichean sgaoilteach | Seòrsa neo-dhualchasach a sgaoileas bhon phuing-thòiseachaidh is a dh’fhàsas lìonmhor. Tha an t-ainm seòrsa sgaoilteach mar as trice air a chur ri seòrsaichean a tha air droch-bhuaidh a thoirt air eag-eòlas àite an dèidh a thoirt a-steach. |
| Seòrsaichean bunaiteach | Seòrsa a bheir buaidh gu mì-chothromach mòr air an àrainneachd nàdarra co-cheangailte ris a phailteas no bìth-thomad. Tha eisimpleirean clasaigeach a’ gabhail a-steach madaidhean-allaidh, biobhairean, dòbhrain-mhara is ailbheanan. Tha pàirt chudromach aig seòrsaichean bunaiteach ann a bhith a’ toirt mìneachadh dhan eag-shiostam air fad sam faighear iad, is bidh iad tric a’ cruthachadh àrainn de sheòrsaichean eile. Às aonais sheòrsaichean bunaiteach, tha eag-shiostam air leth diofraichte no dh’fhaodadh gun tèid e à bith uile gu lèir. |
| Glèidhteachas aig ìre na cruth-tìre | Dòigh-obrach air stiùireadh-fhearainn a tha iomlanach a tha a’ gabhail a-steach a’ dol air thòir air iomadh bhuannachd (m.e. càileachd uisge, bìth-iomadachd) thar àite sònraichte (m.e. sgìre, inbhir no aonad cruth-tìre eile a ghabhas aithneachadh) tro cho-obrachadh agus aig ìre mhòr. |
| Calpa nàdarrach | ’S e seirbheisean eag-shiostam a chanar ri stòrasan nàdarrach an t-saoghail, a’ gabhail a-steach cruinn-eòlas, ùir, adhar, uisge agus fàs-bheart beò, a tha mòran dhiubh a’ toirt buannachdan luachmhor do dhaoine. M.e. faodaidh coille a bhith na sho-mhaoin chalpa nàdarra, às an tig seirbheisean eag-shiostam leithid lughdachadh de chunnartan tuile, glacadh charboin is adhar glan. |
| Pròiseasan nàdarra | Eadar-obrachadh am measg lusan, beathaichean, agus pàirtean neo-bheò na h-àrainneachd leithid gnàth-sìde no clachan. Tha na h-eadar-obraichean seo a’ gabhail a-steach co-thàthadh solais, poileanachadh, sgaoileadh sìl, ionaltradh, lobhadh is eile. Tha iad seo deatamach airson eag-shiostaman fallainn a chumail suas agus taic a chumail ri leantalachd bìth-iomadachd fad-ùine. |
| Ath-chruthachadh nàdarrach | Ath-ghineamhainn chraobhan is choilltean tro phròiseasan nàdarrach (m.e. sgaoileadh sìl), an àite sìol a chur le daoine. |
| Feurachadh nàdarrach | Feurachadh a tha ag amas air mac-samhladh a dhèanamh air pàtrain feurachaidh nàdarrach. Chan eilear air dlùths lus-itheadair air a mhìneachadh – tha bacadh air stòrasan aig sluaighean, gus am bi àireamhan a’ dol suas is sìos a rèir adhbharan leithid faotainneachd bìth, gnàth-sìde, galar-ghineanan is faoighichean; thathas an dùil gum bi beathaichean feurachaidh a’ stiùireadh an eag-shiostaim, is gum faod pròiseasan nàdarrach a dhèanamh mar as àbhaist dhaibh, an àite an cuimseachadh aig amasan airson co-dhèanamh àrainn is seòrsa; tha eadar-theachd stiùiridh ga lughdachadh gu ìre fìor-bheag, is thathas a’ faicinn pròiseas nàdarrach mar amas e fhèin. |
| Fàs-bheart | Nì beò, leithid lus, beathach no fungas. |
| Sealgair | Beathach a bhios a’ sealg, a’ marbhadh ’s ag ithe bheathaichean eile. |
| Creachadair | Beathach a bhios beathaichean eile ag ithe. |
| Ath-thilleadh | Gluasad de dh’fhàs-bheartan beò le cinne-daonna gu àite far an robh an seòrsa dualchasach roimhe is air a chur à bìth. Faic cuideachd tar-shuidheachadh. |
| Ath-stèidheachadh | A’ phròiseas de dh’eag-shiostaman a chàradh a tha air chrìonadh, air an cronachadh no air am milleadh le gnìomhachdan daonna, mar eisimpleir tro thruailleachd uisgeachadh, toirt a-steach seòrsaichean sgaoilteach, cus às-tharraingeachd, no spionnadh sheòrsaichean nàdarrach. Tha deasbad air an diofar eadar ath-stèidheachadh is ath-fhiadhachadh leantainneach is tha na teirmichean tric air an cleachdadh gu co-iomlaideach, ach bho shean tha ath-stèidheachadh air cuideam nas motha a chur air cinneas/ùir/geò-morfeolas mar thagraichean ath-shlànachaidh, pròiseasan bho bhonn gu bun is modhan-obrach ‘air an stiùireadh leis a’ chinne-daonne (comasachadh-nàdair’) a dh’ionnsaigh deireadh sònraichte. (Dèan coimeas ri ath-fhiadhachadh) |
| Ath-fhiadhachadh | Ath-stèidheachadh de dh’eag-shiostaman aig ìre mhòr, far am faod nàdar cùram a thoirt dha fhèin. Tha e ag iarraidh pròiseasan nàdarrach a thoirt air ais agus, far a bheil seo iomchaidh, seòrsaichean caillte a thoirt air ais – a’ leigeil leotha cumadh a thoirt dhan cruth-tìre, cruth-mara is na h-àrainnean nam broinn. |
| SSSI | Àite le Ùidh Saidheansail Sònraichte (àite fo dhìon laghail nàiseanta). |
| Àitichean fo shònrachadh no fo dhìon | Tha cuid de dh’àitichean ‘fo shònrachadh’, a tha a’ ciallachadh gu bheil inbhe shònraichte aca mar àitichean fo dhìon. Ann an Alba, tha seo a’ gabhail a-steach Àitichean Mara fo Dhìon, Àitichean-glèidhte Nàdair Nàiseanta is SSSIs. |
| Co-arbais | An sreath de dh’atharraichean eag-eòlasach sa bheil buidheann de sheòrsaichean lusan no beathaichean a’ tighinn an àite buidheann eile mar phàirt de chearcall-bheatha nàdarrach cruth-tìre. |
| Tar-shuidheachadh | ’S e tar-shuidheachadh an gluasad de dh’fhàs-bheartan beò bho àite gu àite le cinne-daonna. |
