Stòrasan Sgoile

Bhon t-seòmar-chlas am bliadhna, thoir taic dha na sgoilearan agad a dhol air chuairt air feadh cruthan-tìre na Roinn Eòrpa a tha a’ tighinn am feabhas.

San fhilm Why Not Scotland?, tha Flo a’ coimhead air staid chaithte nàdair air feadh na dùthcha ach tha i cuideachd a’ faighinn dòchas ’s i air chuairt gus àitichean a lorg far a bheil nàdar a’ tighinn air ais ann an dòigh car iongantach. Air a’ chuairt, tha i a’ bruidhinn ri daoine a tha a’ faighinn buannachd bho nàdar a’ tilleadh agus a tha a’ dèiligeadh ri iomagaineachd a thaobh na h-àrainneachd.

Tha planaichean leasain is stòrasan rim faotainn an seo gus sgoilearan a chuideachadh a dh’ionnsachadh mar a tha nàdar a’ tighinn am feabhas gu mòr.

Tha am film agus na stòrasan plana leasain nam pàirt den iomairt #Ath-fhiadhachadh, a tha ag iarraidh air Alba a h-ainmeachadh fhèin mar a’ chiad Nàisean Ath-fhiadhachaidh, le nàdar a’ soirbheachadh thar 30% den fhearann ’s na cuantan againn.

Faodaidh na planaichean leasain taic a chumail ri smaoineachadh breithneachail, deasbad is ionnsachadh am broinn tòrr de na h-eòlasan is toraidhean aig na dàrna, treas is ceathramh ìrean de dh’Eòlas Sòisealta: Daoine, Àite is Àrainneachd agus taobh a-staigh Saidheans: An Talamh is Saidheans Cuspaireil.

An Taisbeanadh PowerPoint
An Trèilear Airson ‘Why Not Scotland?’
A’ Chairt Nàisean Ath-fhiadhachaidh
A’ Chairt Nàisean Ath-fhiadhachaidh (clò-bhualaidh)
10 Fìrinnean Fiadhain

Connect with us:

Follow us on Facebook Follow us on Twitter

Get in touch: info@rewild.scot

All images are subject to copyright. Copyright © 2024 The Scottish Rewilding Alliance, all rights reserved.