Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd
Tha an duilleag seo nam pàirt den Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd, goireas do bhuidhnean ionadail a tha ag obair gus nàdar ath-nuadhachadh. Air ais gu clàr-innse an stiùiridh.
Bìth-eòlais
Teirm ghoirid airson iom-sgaradh bìth-eòlach, ’s e seo “caochlaideachd am measg fhàs-bheartan bho gach stòras, a’ gabhail a-steach, am measg, neo-thalmhaidh, muir is eag-shiostaman uisgeach eile is iom-fhillteachd eag-eòlach sa bheil iad nam pàirt; nam measg sin tha iom-sgaradh am broinn sheòrsaichean, eadar seòrsaichean is eag-shiostaman”) (Convention of Biological Diversity). Gu tric na theirm choitcheann airson seòrsaichean beò.
Trannsaichean (àrainn no beatha-fiadhain)
Tha raointean de dh’àrainn glèidhte, fo dhìon no de dh’àrd-chàileachd a tha a’ ceangail beatha-fiadhain nas motha còmhla, a’ leigeil airson gluasad bheatha fiadhain eadar a leithid de dh’àitichean is a’ cur bhacadh air mìreanachadh is iomallachd.
Eag-shiostam
Tha eag-shiostam ga dhèanamh le nithean beò is neo-beò ann an àite. Tha lusan, beathaichean, fungasan is meanbh-bheathaichean cho math ri clachan, ùir is uisge uile nam pàirt de dh’eag-shiostaman. Chan e àite, mar àrainn, a th’ ann an eag-shiostam - ’s e coimhearsnachd a th’ ann de nithean beò is neo-bheò.
Tha poll na àrainn - dhachaigh airson èisg is fàs-bheartan eile a tha a’ fuireach ann. Ach ’s e eag-shiostam a th’ ann cuideachd - cruinneachadh de chàirdeasan iom-fhillte eadar na h-èisg, lusan, clachan is nithean eile sa pholl.
Einnseanair eag-shiostaim
Seòrsaichean a tha ag atharrachadh àrainnean gu mòr. Faodaidh na seòrsaichean seo buaidh mhòr a thoirt air bìth-eòlas an àite.
Ri linn seo, tha pàirt chudromach aca ann a bhith a’ cumail na h-àrainneachd aca suas. Tha an teirm tric air a chleachdadh a-mhàin airson seòrsaichean bunaiteach, oir bheir fàs-bheartan buaidh air an àite sa bheil iad a’ fuireach, fiù ’s mas e buaidh bheag a th’ ann.
Biadhtaiche
Beathach a dh’itheas feur is lusan.
Àrainn
Àite, àrainn no suidheachaidhean far a bheil lus no beathach a’ fuireach ’s a’ fàs.
Heactair
Tha heactair na dhòigh air fearann a thomhas. Tha e mu 10,000 meatairean ceàrnagach. Faodaidh tu coiseachd tarsainn ann am beagan mionaidean.
Seòrsaichean sgaoilteach
Seòrsa neo-dhualchasach a sgaoileas bhon phuing-thòiseachaidh is a dh’fhàsas lìonmhor. Tha an t-ainm seòrsa sgaoilteach mar as trice air a chur ri seòrsaichean a tha air droch-bhuaidh a thoirt air eag-eòlas àite an dèidh a thoirt a-steach.
Seòrsaichean bunaiteach
Seòrsa a bheir buaidh gu mì-chothromach mòr air an àrainneachd nàdarra co-cheangailte ris a phailteas no bìth-thomad. Tha eisimpleirean clasaigeach a’ gabhail a-steach madaidhean-allaidh, biobhairean, dòbhrain-mhara is ailbheanan. Tha pàirt chudromach aig seòrsaichean bunaiteach ann a bhith a’ toirt mìneachadh dhan eag-shiostam air fad sam faighear iad, is bidh iad tric a’ cruthachadh àrainn de sheòrsaichean eile. Às aonais sheòrsaichean bunaiteach, tha eag-shiostam air leth diofraichte no dh’fhaodadh gun tèid e à bith uile gu lèir.
Glèidhteachas aig ìre na cruth-tìre
Dòigh-obrach air stiùireadh-fhearainn a tha iomlanach a tha a’ gabhail a-steach a’ dol air thòir air iomadh bhuannachd (m.e. càileachd uisge, bìth-iomadachd) thar àite sònraichte (m.e. sgìre, inbhir no aonad cruth-tìre eile a ghabhas aithneachadh) tro cho-obrachadh agus aig ìre mhòr.
Pròiseasan nàdarra
’S e seirbheisean eag-shiostam a chanar ri stòrasan nàdarrach an t-saoghail, a’ gabhail a-steach cruinn-eòlas, ùir, adhar, uisge agus fàs-bheart beò, a tha mòran dhiubh a’ toirt buannachdan luachmhor do dhaoine. M.e. faodaidh coille a bhith na sho-mhaoin chalpa nàdarra, às an tig seirbheisean eag-shiostam leithid lughdachadh de chunnartan tuile, glacadh charboin is adhar glan.
Natural processes
Eadar-obrachadh am measg lusan, beathaichean, agus pàirtean neo-bheò na h-àrainneachd leithid gnàth-sìde no clachan. Tha na h-eadar-obraichean seo a’ gabhail a-steach co-thàthadh solais, poileanachadh, sgaoileadh sìl, ionaltradh, lobhadh is eile. Tha iad seo deatamach airson eag-shiostaman fallainn a chumail suas agus taic a chumail ri leantalachd bìth-iomadachd fad-ùine.
Ath-chruthachadh nàdarrach
Ath-ghineamhainn chraobhan is choilltean tro phròiseasan nàdarrach (m.e. sgaoileadh sìl), an àite sìol a chur le daoine.
Feurachadh nàdarrach
Feurachadh a tha ag amas air mac-samhladh a dhèanamh air pàtrain feurachaidh nàdarrach.
Fàs-bheart
Nì beò, leithid lus, beathach no fungas.
Sealgair
Beathach a bhios a’ sealg, a’ marbhadh ’s ag ithe bheathaichean eile.
Creachadair
Beathach a bhios beathaichean eile ag ithe.
Ath-thilleadh
Gluasad de dh’fhàs-bheartan beò le cinne-daonna gu àite far an robh an seòrsa dualchasach roimhe is air a chur à bìth.
Ath-stèidheachadh
A’ phròiseas de dh’eag-shiostaman a chàradh a tha air chrìonadh, air an cronachadh no air am milleadh le gnìomhachdan daonna. Tha deasbad air an diofar eadar ath-stèidheachadh is ath-fhiadhachadh leantainneach is tha na teirmichean tric air an cleachdadh gu co-iomlaideach, ach bho shean tha ath-stèidheachadh air cuideam nas motha a chur air cinneas/ùir/geò-morfeolas mar thagraichean ath-shlànachaidh, pròiseasan bho bhonn gu bun is modhan-obrach ‘air an stiùireadh leis a’ chinne-daonne (comasachadh-nàdair’) a dh’ionnsaigh deireadh sònraichte.
Ath-fhiadhachadh
Ath-stèidheachadh de dh’eag-shiostaman aig ìre mhòr, far am faod nàdar cùram a thoirt dha fhèin. Tha e ag iarraidh pròiseasan nàdarrach a thoirt air ais agus, far a bheil seo iomchaidh, seòrsaichean caillte a thoirt air ais - a’ leigeil leotha cumadh a thoirt dhan cruth-tìre, cruth-mara is na h-àrainnean nam broinn.
SSSI
Àite le Ùidh Saidheansail Sònraichte (àite fo dhìon laghail nàiseanta).
Àitichean fo shònrachadh no fo dhìon
Tha cuid de dh’àitichean ‘fo shònrachadh’, a tha a’ ciallachadh gu bheil inbhe shònraichte aca mar àitichean fo dhìon. Ann an Alba, tha seo a’ gabhail a-steach Àitichean Mara fo Dhìon, Àitichean-glèidhte Nàdair Nàiseanta is SSSIs.
Co-arbais
An sreath de dh’atharraichean eag-eòlasach sa bheil buidheann de sheòrsaichean lusan no beathaichean a’ tighinn an àite buidheann eile mar phàirt de chearcall-bheatha nàdarrach cruth-tìre.
Tar-shuidheachadh
’S e tar-shuidheachadh an gluasad de dh’fhàs-bheartan beò bho àite gu àite le cinne-daonna.