ATH-FHIADHACHADH: stiùireadh do bhuidhnean coimhearsnachd

Stiùireadh Ath-fhiadhachaidh Coimhearsnachd

Switch to English / Tionndaidh gu Beurla

Tha an aon mhiann ri nàdar a thoirt air ais no ath-fhiadhachadh aig mòran dhaoine air feadh na h-Alba.

Airson tòrr bhuidhnean coimhearsnachd, tha ath-stèidheachadh nàdair is adhartachadh bìth-eòlais glè chudromach. Dh’fhaodadh gum bi sin a’ gabhail a-steach ath-fhiadhachadh practaigeach, a’ toirt cach do thaobh ath-fhiadhachadh, no a’ gabhail pàirt ann an gnìomhan a bheir taic do ath-fhiadhachadh (leithid saidheans shaoranaich). Tha guth leasachaidh aig coimhearsnachdan a’ chladaich is iad a’ dol an sàs ann a bhith ag ath-leasachadh eag-shiostaman na mara ionadail.

Chan eil dòigh ann a chuireas na h-èiginnean nàdair is gnàth-sìde ceart gu luath - ach le bhith a’ toirt comas do dhaoine obrachadh còmhla gus dèiligeadh ris na h-èiginnean seo, thèid comasachd na coimhearsnachd a chur am meud gus dèiligeadh ris na dùbhlain a tha romhainn, agus bheir seo uiread de shochairean bho shlàinte is sunnd gu obraichean co-cheangailte ri nàdar gu lughdachadh thuiltean is teintean-fiadhain.

Chaidh ar brosnachadh an stiùireadh seo a thoirt gu buil air sgàth an àireimh a tha a’ dol am meud de bhuidhnean coimhearsnachd dha bheil ath-fhiadhachadh mar phàirt den obair aca. Tha sinn airson grad-shealladh a thoirt den obair àibheiseach a tha a’ tachairt gus eag-shiostaman na Alba ath-stèidheachadh, beachdan a thoirt do dhaoine a tha ag iarraidh an gnìomh ceudna a ghabhail, is ceanglaichean a thoirt do stòrasan airson buidhnean coimhearsnachd. Tha sinn cuideachd airson a dhèanamh cinnteach gu bheil cudrom ga chur air mar a dh’fhaodas coimhearsnachdan a chur ri ath-fhiadhachadh no ath-stèidheachadh eag-shiostaman aig ìre mhòr.

Mar a leughas tu an stiùireadh seo, chì thu na rudan diofraichte a tha ath-fhiadhachadh a’ ciallachadh do dhiofar bhuidhnean coimhearsnachd. A thuilleadh air an sin, tha ath-fhiadhachadh a’ ciallachadh dòchas. Dòchas airson àm ri teachd sam faodar a bhith beò. Dòchas gum faod an saoghal a bhith nas fhiadhain. Dòchas gum faod sinn nàdar, agus sinn fhèin, ath-stèidheachadh - còmhla.

Luchdaich sìos an stiùireadh

Report Cover

Stiùireadh Ath-fhiadhachaidh Coimhearsnachd
Published 2025
PDF, 66 pages

Download PDF

Leugh an stiùireadh air-loidhne

Tòisich a’ leughadh →

Sgaoil an stiùireadh: luchdaich a-nuas postair is bileag

Poster Preview

Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd Postair A4
Luchdaich a-nuas, clò-bhuail agus taisbean am postair seo gus daoine a chuideachadh a’ lorg an stiùiridh do bhuidhnean coimhearsnachd.

Luchdaich a-nuas am postair
Leaflet Preview

Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd Bileag A6 
Cleachd am bileag seo aig tachartasan gus innse do dhaoine mun stiùireadh do bhuidhnean coimhearsnachd.

Luchdaich a-nuas am bileag

Connect with us:

Follow us on Facebook Follow us on Twitter

Get in touch: info@rewild.scot

All images are subject to copyright. Copyright © 2025 The Scottish Rewilding Alliance, all rights reserved.