A’ Tòiseachadh

Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd
Tha an duilleag seo nam pàirt den Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd, goireas do bhuidhnean ionadail a tha ag obair gus nàdar ath-nuadhachadh. Air ais gu clàr-innse an stiùiridh.

 Brosnachadh is taic

 Tha iomadh diofar dhòighean ann gus tòiseachadh air ath-fhiadhachadh mar choimhearsnachd.

 Am measg nan coimhearsnachdan a chuir ris an stiùireadh seo, thòisich cuid le fearann is an uair sin chuir iad romhpa ath-fhiadhachadh a dhèanamh. Bha feadhainn eile ag iarraidh ath-fhiadhachadh ged nach robh fearann aca, ach thòisich iad co-dhiù a’ dèanamh suirbhidh air bith-eòlas is a’ conaltradh mun àite ionadail aca - is na b’ fhaide air adhart lorg iad am fearann aca fhèin. Tha coimhearsnachdan air a bheil draghan mu ghrunnd na mara air tòiseachadh le iomairt gus an t-àite ionadail aca a dhìon, le bhith a’ toirt buaidh air luchd-poilitigs no le bhith a’ dèanamh dheuchainnean gus feur-mara ath-stèidheachadh.

Bidh mòran buidhnean coimhearsnachd a’ tòiseachadh air sgàth ’s gum fairich iad bagairt san sgìre. Dh’fhaodadh seo a bhith mar iarrtas planaidh ùr, no sealbhadair-fearainn a’ leagail chraobhan ionmhainn.  Ann an Alba tha còraichean againn air fiosrachadh àrainneachdail a ruigsinn, pàirt a ghabhail ann an roghainnean àrainneachdail is cothrom fhaighinn air ceartas ma tha laghan briste no ma nì roghainnean cron air an àrainneachd.

Gus a bhith èifeachdach, feumaidh tu:

  • Buidheann - daoine eile gus an obair a roinn is beachdan a chruthachadh
  • Aonta làn air dè tha sibh ag iarraidh a dhèanamh - ma dh’fhaodte seòrsaichean caillte leithid eisirean ath-stèidheachadh, a’ meudachadh feur-mara no coilltean nàdarrach
  • Àite far as urrainn dhut diofar a dhèanamh - ged a bhiodh sin na chladach, abhainn, àite-ghorm no raon nas motha de ghrunnd na mara no fearann
  •  Eòlas eag-eòlach (no cothrom fhaighinn air) - feumaidh tu cuideigin sa bhuidheann agad, no san lìonra nas fharsainge agad, a tha a’ tuigsinn mar a tha eag-shiostaman ag obair
  •  Dòigh gus sùil a chumail air an adhartas agad - gus an urrainn dhut atharrachadh fhaicinn thar nam bliadhnaichean

Thar ùine, dh’fhaodadh gum bi cothrom agad air fearann a cheannach, no air obrachadh còmhla ri eòlaichean-laghail gus glèidhteachas mara no fearainn a shònrachadh.  Is dòcha gum bi feum agad air a’ bhuidheann a dhèanamh foirmeil. Is dòcha gum feum thu co-chomhairlichean coimhearsnachd a thoirt gu buil, is a’ choimhearsnachd as fharsainge a thoirt a-steach ann a bhith a’ stiùireadh is a’ dèanamh cho-dhùnaidhean. Ma dh’fhaodte gun ruig thu ìre sa bheil thu ag iarraidh daoine a chosnadh.

 Bidh na gnìomhachdan seo air fad a’ cuideachadh gus a’ bhuaidh agad fhàs is a neartachadh, agus bidh iad cuideachd feumach air stòrasan: ùine, neart, eòlas is maoin.

Sgrùdadh-cùise: Pàirc Taobh na h-Aibhne Ùraidh

Ath-fhiadhachadh àitichean bailteil

’S e Pàirc Taobh na h-Aibhne Ùraidh na raon-tuile 60 heactair ann an meadhan Inbhir Ùraidh.
 Fo stiùireadh coimhearsnachd tha e a-nis na àite do dhaoine is nàdar - ag obair a dh’ionnsaigh eag-shiostaman a tha ag obair gu nàdarrach is as lugha de dh’eadar-theachd bhon chinne-daonna.

Mar a thòisich sinn

 Thàinig Comhairle Obar Dheathain thugainn an toiseach a bha air fearann na pàirce fhaighinn mar phàirt de dh’ullachadh planaidh airson leasachadh mòr.  Cha ghabhadh taighean a thogail ann air sgàth ’s gur e raon-tuile a th’ ann.  Dh’fhaighnich iad am biodh ùidh againn san àite bìth-eòlais.  Cha robh sinn ach beag ach bha ùidh againn.  Chaidh sinn gu co-chomhairle coimhearsnachd, a’ cleachdadh mhapaichean den àite, gus beachd fhaighinn bhon choimhearsnachd air na chòrdadh riuthasan faicinn ann. Chaidh sinn air ais gu beachdan gu math sìmplidh, is chruthaich sinn plana airson pàirc bhìth-iomadach a’ cleachdadh sheòrsaichean dualchasach de bhun-sgeòil ionadail.

Chùm a’ chomhairle taic ris a’ bheachd Buidheann Chorporaichte Charthannach na h-Alba (SCIO) a chruthachadh gus stiùireadh na pàirce a ghabhail os làimhe, is mar sin ’s e carthannas coimhearsnachd a th’ annainn. Faodaidh duine sam bith sa choimhearsnachd a bhith na bhall.

Feumaidh tu a’ choimhearsnachd a thuigsinn - tha gach coimhearsnachd eadar-dhealaichte. Gus a dhèanamh gu math, feumaidh tu a bhith nad phàirt den choimhearsnachd sin. Agus na sgilean a dh’fheumas tu a thuigsinn. Tha urrasairean againn le sgilean ann am bith-eòlas, stiùireadh phàircean, hidreòlas, ionmhais, clach-eòlas, coimhearsnachd, làraich-linn, na meadhanan sòisealta, togail-dhealbhan.

Comhairle eile

  •  Feumaidh an t-àite a bhith cudromach do dhaoine, air neo thèid a dhìth. Chan eil com-pàirteachas leis a’ choimhearsnachd mu dheidhinn co-chomhairleachadh a-mhàin ach a’ dol air ais thuca is a’ sealltainn dhaibh na b’ urrainn dhut is nach b’ urrainn dhut a ghabhail ris.
  •  ’S e àite a th’ ann a tha ag obair gu nàdarrach, chan eil e coltach ri pàirc a th’ air a shaoidheadh. Tha daoine air fàs cleachdte ri sin. Tha an abhainn lùbach a’ sìor-atharrachadh. Gheibh sinn rothaichean, luchd-coiseachd, luchd-coimhid eòin is iasgairean; tha raon-chluiche chloinne ann agus raon-chluiche nàdarrach. Faodaidh tu suidhe is èisteachd ri na h-uiseagan.
  •  ’S e odharan-mòr fear de na dùbhlain stiùiridh mhòra. Thàinig e bho shuas na aibhne is tha e puinnseanta is cunnartach do chinne-daonna. Tha sinn a’ dèanamh dheuchainnean is a’ toirt eòlas ùr air stiùireadh odharan-mòr.

Aithneachadh

 B’ e Pàirc Taobh na h-Aithne Ùraidh buannaiche Duais Iomairt Coimhearsnachd 2022 le Nàdar na h-Alba RSPB is tha teisteanas 5-rionnag aca bho Chùm Alba Àlainn.

Read more about Ury on their website and on the SCOTLAND: The Big Picture website.

Goireasan taice

 ’S e an Lìonra Ath-fhiadhachaidh Northwoods sreath de ghealltanasan-fearainn air feadh na h-Alba air an cruinneachadh is co-òrdanachadh le ALBA:  An Dealbh Mòr. Tha na com-pàirtichean aca - a tha 20% air an ruith leis a’ choimhearsnachd - uile dealasach mu ath-shlànachadh nàdair is lèirsinn a roinn airson cruth-tìre far a bheil eag-eòlas ath-stèidhichte, far a bheil àrainnean air an ceangal nas fheàrr is far am faod seòrsaichean ath-shlànachadh, mheudachadh is sgaoileadh.

 Tha an Lìonra Ath-fhiadhachaidh aig Ath-fhiadhachadh Bhreatainn fosgailte do phròiseactan ath-fhiadhachaidh air feadh na dùthcha. Tha e a’ toirt taic do ath-fhiadhaichean a cheangail is eòlas is beachdan a roinn.

’S e Community Woodlands Association buidheann ballrachd airson coilltean coimhearsnachd ann an Alba. Tha e a’ toirt taic do bhuill is daoine sam bith aig a bheil ùidh, tron Cho-labhairt bhliadhnail, Cuairt-iomradh mìosail, Cuairt-litir ràitheil, is tadhailean-iomlaid ionnsachaidh aca. Bidh e cuideachd a’ toirt sheiseanan trèanaidh air-loidhne is pearsanta seachad, a’ toirt taic air feadh sreath de chuspairean, nam measg fearann fhaotainn, stiùireadh choilltean is com-pàirteachadh coimhearsnachd.                       

 ’S e an Lìonra Coimhearsnachdan a’ Chladaich (CCN) co-bhanntachd de bhuidhnean coimhearsnachd a tha dealasach mu ghlèidhteachas is dìon àrainneachdan a’ chladaich is na mara ann an Alba. Tha taic aca bhon bhuidheann beatha-fiadhain Fauna & Flora.
 Còmhla, bidh buill CCN a’ dèiligeadh ri iomadh cùis chudromach - nam measg iasgachd nam breac, truailleachd plastaig mara is ath-stèidheachadh àrainnean mara. Tha Fauna & Flora a’ cumail taic ri buill CCN fa leth, gan cuideachadh ann a bhith a’ cur nan obraichean aca air bhonn, a’ leasachadh structaran riaghlaidh, a’ togail maoin fa leth is a’ tòiseachadh phròiseactan.

← Air ais: Coimhearsnachdan Agus Ath-fhiadhachadh Clàr-innse Air adhart: A’ Ceangail ’s ag Eagrachadh →

Ciamar a thòisich sinn?

Artist: "I’m an artist. My work is to do with waterways. I thought I would look at the whole river catchment, then I realised that was much too complicated, and I went to the other extreme, this catchment beside my house, 7.5 km2. I got together with other artists in the pandemic, I got other people interested. It appeared to have interesting environmental qualities. And through those people I was introduced to an ecologist, and at that point things took off in a much more sensible way. 

Ecologist: "We were thinking about the whole burn. We thought, why don’t we start doing surveys upriver from where it meets the main river, to look at birds, what’s in the water, start exploring it and collecting data. We started organising regular community ecological surveys. It was part education, part survey. And then one day this piece of land suddenly came up for sale, and a few months later someone donated the money for our group to buy it."

Connect with us:

Follow us on Facebook Follow us on Twitter

Get in touch: info@rewild.scot

All images are subject to copyright. Copyright © 2025 The Scottish Rewilding Alliance, all rights reserved.