Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd
Tha an duilleag seo nam pàirt den Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd, goireas do bhuidhnean ionadail a tha ag obair gus nàdar ath-nuadhachadh. Air ais gu clàr-innse an stiùiridh.
Faodaidh coimhearsnachdan a bhith mar ‘coimhearsnachdan àite’ - na daoine a tha a’ fuireach ann an àite cruinn-eòlach. Faodaidh iad a bhith cuideachd mar ‘coimhearsnachdan ùidh’ - daoine aig a bheil ùidh no aithne choitcheann, an àite a bhith a’ fuireach san aon àite. Dh’fhaodadh seo a ghabhail a-steach buidhnean le ùidhean cultarail, sòisealta, no eaconamach coitcheann.
Tha coimhearsnachdan a tha ag iarraidh nàdar ath-stèidheachadh ann an àite an-còmhnaidh an dòigh air choireigin ceangailte ri ‘àite’, ged a bhiodh sin a’ ciallachadh diofar rudan do dhiofar dhaoine. Do chuid, tha an dearbhadh seo dlùth-cheangailte ris na daoine a tha a’ fuireach ann an àite sònraichte is a tha mar dhachaigh dhaibh. Do fheadhainn eile, dh’fhaodadh gum bithear a’ cur barrachd fhòcais air ùidh shònraichte, leithid iasgachd no coiseachd, no air sgàth ’s gum b’ ann às an sin a bha an sinnsirean, a tha a’ toirt dhaibh ceangail no gràdh làidir airson an àite sin. Tha na h-eisimpleirean san stiùireadh seo a’ nochdadh seo air fad. Tha an Iomairt Ath-stèidheachaidh Sgìre Abhainn Eireachd a’ toirt iomradh air ‘coimhearsnachdan de dh’àite is ùidh’. Bidh feadhainn eile a’ bruidhinn cho luachmhor ’s a tha e a bhith beò ann an àite, is gu bheil dàimhean làidir aca dhan chruth-tìre is eachdraidh.
Bidh mìneachadh do choimhearsnachd a’ cuideachadh slatan-tomhais bhuill a mhìneachadh. Ma tha thu a’ cur laghan leasachadh fearann na h-Alba gu feum, feumaidh tu a’ choimhearsnachd agad a mhìneachadh gu faiceallach. Feumar coimhearsnachdan a mhìneachadh a thaobh cruinn-eòlais airson Còir Cheannachd Coimhearsnachd, ach tha Tar-chur So-mhaoin fosgailte do choimhearsnachdan air a bheil ùidh.
Bidh tòrr phròiseactan ath-fhiadhachaidh coimhearsnachd a’ tòiseachadh le buidhnean neo-fhoirmeil, a tha ag obair còmhla le dealas is lèirsinn. Thòisich Coille-fiadhain Carrifran, a tha a-nis fear de na pròiseactan ath-stèidheachadh coille as sìne stèidhichte is air a bheil meas àrd ann an Alba, le coinneamhan gach cola-deug ann an taigh-seinnse sna Puballan. Cha tug an t-àite buaidh air aire na buidhne, a dh’adhbharaich an obair chruaidh aca ceannachd gleann de 655 heactairean is cur trì chairtealan às a’ mhillean de chraobhan a rèir plana eag-eòlach a chaidh a riaghailteachadh gu faiceallach. Ach gus làrach a bhith agad, iarrtas maoineachaidh a dhèanamh, is luchd-obrach a chosnadh, feumaidh tu a bhith mar bhuidheann fhoirmeil.
Tha sreath de mhodailean ri fhaotainn do choimhearsnachdan, agus is fhiach e ùine a chosg gus fear a thaghadh a tha ag obair dhan bhuidhinn agad.
B’ fheudar do dh’iomadh buidheann choimhearsnachd tìde is airgead a chosg ag atharrachadh an reachdais no a bhith na dhiofar sheòrsa bhuidheann, gus a bhith ion-roghnach airson laghan ath-leasachaidh fhearainn, no gus teisteanachadh mar charthannais.
Ann an lagh ath-leasachadh fhearainn ’s e Buidheann Choimhearsnachd a chanar ris a’ bhuidhinn, a dh’fhaodas a bhith na Chompanaich Earranta le Barantas (CLG), Buidheann Chorpaichte Charthannach Albannach (SCIO) no Comann Buannachd Coimhearsnachd (CBS). Tha stiùireadh air a’ mhodail cheart a thaghadh dhut ri fhaotainn bho Chomhairle na h-Alba airson Buidhnean Shaor-thoileach (SCVO) no tro Notaichean Fiosrachaidh air fhoillseachadh le Coilltean na Coimhearsnachd.
Mar eisimpleir, thòisich COAST mar bhuidheann neo-fhoirmeil, is chaidh inbhe charthannach a thoirt dhaibh gus a’ chiad neach-obrach aca a chosnadh.
Thòisich iad leis a’ phrìomh amas an uisge timcheall air Arainn a thoirt am feabhas do àrainneachd is eaconamaidh na coimhearsnachd. Dh’obraich iad leis na cothroman is uidheaman a thàinig am bàrr aig an àm. Bha cothroman poilitigeach ann airson Raon Gun Ghabhail is an Raon-Glèidhte Mara Arainn a Deas, agus luchd-poilitigs sònraichte deònach na pròiseactan a thoirt air adhart.
’S e ceum cudromach airson buidheann coimhearsnachd tighinn a dh’ionnsaigh cosnadh. Tha COAST is Seawilding air fàs bho bhuidheann bheag de shaor-thoilich gu cosnadh còrr is còignear luchd-obrach làn-ùine. Tha Bright Green Nature air a chur a-staigh gu soirbheachail airson tabhartas Awards for All bhon Chrannchur Nàiseanta gus an neach ruigsinneachd coimhearsnachd aca a chosnadh.
Feumaidh buidhnean coimhearsnachd roghainnean a dhèanamh ann an dòigh a nochdas na buill is a choinneachas ri amasan na buidhne. Tha seo uile mar phàirt den chomhairle a thugadh seachad le SCVO. Tha na duilleagan aca mu Ruith do bhuidheann a’ gabhail a-steach ceanglaichean ri riaghladh math, gus dèanamh cinnteach gu bheil stiùirichean earbsa a’ tuigsinn an dreuchd, agus gus cuideachadh le bhith a’ fastadh, a’ toirt a-steach agus a’ cur taic ri stiùirichean earbsa math. Tha e cudromach a thuigsinn mar a stiùirichear coinneamhan èifeachdach, dreuchdan cathraiche, rianaire is ionmhasair a choileanadh, is dèiligeadh ri duilgheadasan. Tha SCVO cuideachd a’ tabhann theamplaidean is innealan gus do chuideachadh deagh chleachdaidhean stiùiridh a thoirt gu buil.
Tha tòrr de na sgrùdaidhean-cùise san stiùireadh seo a’ nochdadh an fheum a th’ air raon de sgilean air bòrd nam ball, is tha seo a’ ciallachadh san fharsaingeachd daoine le sgilean ionmhasail, teicnigeach is eag-eòlasach. Tha iad cuideachd a’ cur cuideam air a’ bhitheantas sa bheil na sgilean seo ri fhaicinn sa choimhearsnachd.
’S e an carthannas cliùiteach, Seawilding, a’ chiad pròiseact san RA airson ath-stèidheachadh eisirean dùthchasach is feur-mara a th’ air a stiùireadh leis a’ choimhearsnachd. ’S e an t-amas aca bìth-eòlas caillte a thoirt air ais, carbon a chur gu taobh, obraichean uaine a chruthachadh is buidhnean eile a tha stèidhichte air a’ choimhearsnachd a theagasg a dhèanamh an rud ceudna (www.seawilding.org). Nì iad seo le bhith ag ath-stèidheachadh àrainnean mara ris a’ chladach, gu h-àraid leapannan-eisir dùthchasach.
Mar a dh’fhàs sinn a’ bhuidheann againn
An toiseach, rinn buidheann coimhearsnachd air an robh Cromach iomairt gus dreideadh a stad ann an Loch Creag an Nis. Chaidh caraid againn a bheò-ghlacadh le eisirean, is thòisich e gam fàs, is an uair sin chuir e roimhe carthannas a chur air bhonn gus ath-stèidheachadh eisirean a thoirt seachad aig ìre mhòr.
Tha thu an toiseach nad bhuidheann le glè bheag de rianachd, bidh thu a’ tighinn còmhla gach dàrna mhìos, tha e saor-thoileach, bidh thu a’ roinn obraichean. Gus faighinn dhan ath-ìre feumar carthannas a chur air dòigh gus maoineachadh a thoirt a-steach is cosnadh. Feumaidh airgead gu leòr a bhith agad gus sin a dhèanamh. Fhuair sinn còig bhliadhna de mhaoineachadh bhon Crannchur Dualchais Nàiseanta, tha sin a’ toirt dhuinn fad-saoghaltachd air leth. B’ e fìor dheagh thaic a bh’ ann Lìonra Coimhearsnachdan a’ Chladaich. ’S ann às a’ choimhearsnachd a tha ar n-urrasairean uile. Air an rubha againn gheibh thu cuideigin aig a bheil eòlas air rudeigin. A-nis tha còignear luchd-cosnaidh làn-ùine is neach-cosnaidh pàirt-ùine againn.
Agus tha sinn air taic a thoirt do choimhearsnachdan eile a’ tòiseachadh air na rudan aca fhèin. Tha sinn a’ mhòr-chuid den ùine a’ toirt misneachd dhaibh. No molaidh sinn a’ chiad ceum: bheir beagan daoine còmhla, dèan suirbhidh, thoir sùil air dè tha agaibh.
Comhairle eile
’S e pàirt mhòr de na nì sinn a bhith a’ dèanamh dheuchainnean - bha fios againn sa bhad gun robh sinn an seo a dh’fhàilligeadh gus nach biodh coimhearsnachdan eile a’ fàilligeadh. Cha robh leabhar-làimh ann air ath-stèidheachadh feur-mara, chan eil duine sam bith eòlach air ciamar a nithear e. Tha sinn a’ dol tro na pròiseasan seo, a’ faighinn a-mach mar a ghabhas a’ mhuir ath-fhiadhachadh. Tha sinn a bhith as saidheansail ’s as urrainn dhuinn ach ma dh’fhuiricheas tu gus an toir saidheans na freagairtean dhut air fad, tha thu air deich bliadhna a chall.
Tha a h-uile duine ag ràdh gur e seo Deichead Ath-stèidheachaidh nan Nàiseanan Aonaichte, is chaidh sinn oirnn leis. Tha sinn ag innse na sgeulachd gu h-èifeachdach. Tha deagh stuth-lèirsinneach is dealbhadh làrach-lìn againn, deagh chòmhraidhean nuair a thachras sinn ri daoine, luchd-maoineachaidh, no daoine uaigneach fa leth.
Thòisich sinn ar cliù a thogail, ionmhas uaigneach fhaighinn, an uair sin thàinig daoine le eòlas saidheansail dhan choimhearsnachd, rinn sinn tairgsean airson maoineachadh saidheansail, dh’fhàs sinn nas làidire nar aithriseadh is sgrìobhadh thairgsean.
Chan eil maoineachadh riaghaltais ach bliadhna no dhà bhliadhna, nach eil ag obair airson ath-stèidheachadh nàdair. Ann an trì bhliadhna, chan tèid agad air ach aon rud fheuchainn is a mheudachadh tron àm sin. Tha sinn a-nis a’ feuchainn ri barrachd maoineachaidh chorporra fhaighinn.
Chan eil meatraigean carboin no bìth-eòlas sa mhuir fhathast, ach tha sinn ag obair le companaidhean a tha ag iarraidh a bhith còmhla rinn mar sgioba is dàimhean a dhèanamh. ’S e àite math a th’ ann an sin dhuinn.
Faic: www.craignish.info/blog/craignish-launches-scotlands-first-community-oyster-restoration-project
Dè th’ ann an urrasan leasachadh coimhearsnachd? Tha coimhearsnachdan air feadh na h-Alba - mòr is beag, dùthchail is bailteil, stèidhichte air tìr-mòr is eilean - a’ cur urrasan leasachaidh air bhonn gus togail a thoirt dha na coimhearsnachdan aca tro ghnìomhachdan, obair chom-pàirteachais agus iomairt. Tuilleadh fiosrachaidh.
’S e Comhairle na h-Alba airson Buidhnean Saor-thoileach (SCVO) a’ bhallrachd nàiseanta dhan roinn shaor-thoileach. Their mission is to support, promote and develop a confident, sustainable voluntary sector in Scotland. ’S e an t-amas a bhith a’ cumail taic ri, adhartachadh is leasachadh roinn shaor-thoilich sheasmhach ann an Alba. Faodaidh SCVO cuideachadh leis a’ bhuidhinn agad a chur air bhonn, a stiùireadh, riaghladh is luchd-obrach a chosnadh. Tuilleadh fiosrachaidh.