Ag Obair Air Tìr

Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd
Tha an duilleag seo nam pàirt den Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd, goireas do bhuidhnean ionadail a tha ag obair gus nàdar ath-nuadhachadh. Air ais gu clàr-innse an stiùiridh.

Tha iomadh dòigh ann gus buaidh a thoirt air mar a ghabhas raointean fearainn is mara a stiùireadh, bho a bhith ag obair còmhla riutha a tha aig an stiùir mar-thà gu smachd a ghabhail thu fhèin is a’ ceannachd fearainn mar choimhearsnachd.

Faodaidh sealbhadairean-fearainn a tha nam pàirt de choimhearsnachd àite obrachadh còmhla gus atharrachadh a chur an comas aig ìre na cruth-tìre.
Bidh Bright Green Nature a’ dèanamh seo tro obrachadh le sealbhadairean ghàrraidhean. Tha feadhainn eile ag amas air obair tro shealbhadairean-fearainn aig ìre mhòr. Tha an Iomairt Ath-stèidheachaidh Sgìre Abhainn Eireachd a’ soilleireachadh nan dùbhlan de shealbhadairean-fearainn a chonaltradh mar bhuidheann coimhearsnachd aig nach eil fearann iad fhèin, agus far a bheil cuid shealbhadairean-fearainn ‘neo-làthaireach’ - gun a bhith a’ fuireach gu h-ionadail.
Ghabh Com-pàirteachas Cruth-tìre Nibheis ri bun-reachd ùr ann an 2021, gu bhith na bhuidheann coimhearsnachd aig a bheil an t-amas Ro-innleachd Nibheis a lìbhrigeadh. Tha seo ag ràdh gum bi ‘a’ choimhearsnachd an sàs ann am pròiseasan cho-dhùnaidhean air stiùireadh chruth-thìre Nibheis is am buaidh a bheir luchd-turais air.’

Thòisich Pròiseact Allt Gleann na Meanbh-cuileige às aonais fhearainn, le bhith a’ cur fòcas air rannsachadh sgìre Gleann na Meanbh-cuileige, is ged a tha fearann aig a’ phròiseact a-nis, tha e ga fhaicinn mar phàirt de dh’amas nas fharsainge àrainneachd an uillt air fad a thogail.

Agus tha coimhearsnachdan ann, gu h-àraid buidhnean bailteil, dha bheil sealbhadaireachd na uallach neo-fheumail. Mar eisimpleir, tha Flùraichean-fiadhain Lodainn Mheadhanaich ag obair gu dlùth ris an ùghdarras ionadail gus achaidhean san àite ath-stèidheachadh, is e ag obair còmhla ri buill Lìonra Gnìomh na Gnàth-sìde Lodainn Mheadhanaich gus taic a chumail ri leasachadh trannsa beatha-fiadhain Lodainn Mheadhanaich, cho math ri lìonra airson biadh fhàs gu h-ionadail.

Mar a bhithear mar shealbhadair-fhearainn coimhearsnachd

Do mhòran dhaoine tha sealbhadaireachd na slighe a dh’ionnsaidh cumhachdachadh coimhearsnachd airson ath-fhiadhachadh. Mar shealbhadairean-fearainn, faodaidh a’ choimhearsnachd na roghainnean aca fhèin a dhèanamh is a thoirt gu buil mu shlighean gu ath-fhiadhachadh.

Bidh laghan ath-leasachaidh fhearainn agus an Achd Cumhachdachadh Coimhearsnachd a’ toirt dòighean gus coimhearsnachdan a chuideachadh ri fearann fhaighinn. Bidh tòrr choimhearsnachdan a’ lorg slighean eile gu fearann fhaighinn, tro reicean air an socrachadh le sealbhadairean-fhearainn, maoineachadh-shluaigh no aontachaidhean buannachdan coimhearsnachd le tasgadairean.

Tha comhairle air gluasad a dh’ionnsaigh sealbhadaireachd coimhearsnachd ri fhaotainn bhon dà chuid stòrasan riaghaltais is neo-riaghaltais.

’S e buidheann ballrachd a th’ ann am Fearann Coimhearsnachd na h-Alba a chuireadh air bhonn gus guth choitcheann a thoirt airson sealbhadairean-fearainn na coimhearsnachd ann an Alba. Tha còrr is 130 buidhnean ballrachd air feadh na h-Alba, bho sealbhadairean-fearainn coimhearsnachd de dh’oighreachdan croitearachd mòra sna h-Eileanan Siar gu ionadan coimhearsnachd bailteil ann an coimhearsnachdan eadar-mheasgte. Tha e a’ toirt mapa a dh’ionnsaigh sealbhadaireachd coimhearsnachd an seo.

’S e Coimisean Fearann na h-Alba buidheann phoblach a chaidh a chur air bhonn gus “prògram de dh’ath-leasachadh fhearainn thar fearann bailteil is dùthchail, gus Alba a chruthachadh far a bheil fearann air a shealbhachadh is a chleachdadh ann an dòighean a tha cothromach, cùramach is tarbhach.” Tha e a’ toirt seachad stiùireadh air com-pàirteachas is sealbhadaireachd coimhearsnachd, a rèir fianais.

Tha Seirbheis Taic Sealbhadaireachd na Coimhearsnachd (COSS) air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba is bidh e a’ toirt comhairle is taic do choimhearsnachdan air feadh a’ phròiseis de shealbhadaireachd a ghabhail de dh’fhearann is togalaichean. Tha seo a’ gabhail a-steach cuideachadh le rannsachadh so-dhèantachd, planadh gnìomhachais, agus ag obair a rèir riatanasan laghail. Faigh barrachd fiosrachaidh an seo.

Tha còir aig coimhearsnachdan iarrtasan a dhèanamh air ùghdarrasan ionadail air fad, Ministearan na h-Alba agus iomadach buidheann phoblach airson fearann no togalaichean sam bith a tha iad am beachd a b’ urrainn dhaibh a chur gu feum nas fheàrr. Faodaidh iad sealbhadaireachd, aonta no chòraichean eile iarraidh mar a thogras iad. Tha Riaghaltas na h-Alba air stòran a dhèanamh gus taic a chumail ri coimhearsnachdan ann a bhith a’ faighinn fearann. Tha e a’ toirt geàrr-stiùireadh air so-mhaoin a ghluasad.

Dh’fhaodadh fearann bàn is fàsaichte cothroman a thoirt airson ath-fhiadhachadh coimhearsnachd. Tha clàr oifigeil ann de dh’fhearann bàn is fàsaichte.
Faodar am map fhaighinn aig https://isshinyapps.shinyapps.io/SVDL_mapping_2023/. Faodaidh Fearann Bàn is Fàsaichte a bhith dùbhlanach, oir ma dh’fhaodte gum bi e truaillte no mì-shàbhailte. Tha Ionad Sealbhadaireachd Coimhearsnachd Ghlaschu is Srath Chluaidh air geàrr-chunntas a dhèanamh air fèin-fhiosrachaidhean coimhearsnachd leis an t-seòrsa sho-mhaoin seo.

Sgrùdadh-cùise: Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Loch Uinnich

A’ toirt seachad fearann air aonta airson càradh eag-shiostaim

Tha Loch Uinneach na bhaile air taobh deas Pàirc Roinneil Muir Seile a’ Chluaidh. Tha Buill Urras Leasachaidh Choimhearsnachd air a dhèanamh de dhaoine a dh’àraicheadh an sin, aig an robh dreuchdan trang an àitichean eile agus a thàinig air ais gu dachaigh an òige an dèidh an dreuchdan a leigeil seachad. Thàinig am Pròiseact Yearn Stane gu cuid dhiubh, pròiseact a chaidh a chur air bhonn gus eag-shiostam obrachail a thoirt air ais gu bràigh Àirdean Siorrachd Rinn Friù.

 Ar slighe gu fearann a stiùireadh

Tha Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Loch Uinnich (LCDT) ag amas air Oighreachd Loch Uinnich, sgìre a tha timcheall air 500 heactairean de dh’fheurachadh garbh is 800 heactairean de bhoglach a tha air chrìonadh ann am pàirt, le Comhairle Siorrachd Rinn Friù. Ann an 2021, chaidh Pròiseact Yearn Stane còmhla ri Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Loch Uinnich gus obrachadh a dh’ionnsaigh Tar-chur So-mhaoin na Coimhearsnachd fhaighinn airson na h-oighreachd gus an rachadh sealbhadaireachd dhan coimhearsnachd ionadail. Tha LCDT a-nis a’ cur a-staigh airson aonta 99 bliadhna an àite sin.

Tha a’ bhuidheann ag ràdh: ’S e an t-amas a th’ ann àm ri teachd Monadh an Teine-dhèal a ghlèidheadh mar bhuannachd do choimhearsnachdan ionadail.
Tha sinn ag amas air dòighean-obrach a leasachadh a thaobh cleachdadh fhearainn a tha seasmhach, a’ measgachadh àiteachas ath-ghineach aig ìre bheag is ath-stèidheachadh àrainn is turasachd-eco a bheir togail do bhìth-iomadachd, a lùghdachas tuilteachadh is a ghlacas charboin, cho math ri buannachd a thoirt do shunnd eaconamach muinntir Rinn Friù.’

 Comhairle eile

Tha eòlas LCDT a’ nochdadh cho luachmhor ’s a tha eòlas ionadail. Mar iomadh eisimpleir eile san stiùireadh seo, tha eòlas luachmhor ri fhaighinn an sin sa choimhearsnachd. Mar eisimpleir, tha fear de na h-urrasairean ag ràdh, “Bha m’ athair na thuanaiche an seo - is aithne dhomh am fearann gu math is tha fios agam cò ris nach eil e coltach tuilleadh.”

Tha iad cuideachd a’ nochdadh eisimpleir nan tuathanaichean san nàbaidheachd a tha air ghluasad gu dòighean-obrach ath-chruthachaidh. “Tha sluagh adharcan air a dhol am meud, air sgàth a’ chrodh Ghàidhealaich aige a’ feurach sa gheamhradh. Chan eil e a’ cleachdadh fheansaichean, ’s e coileirean a tha e a’ cleachdadh - gam feurach leis an iPad aige! Tha e na chùis-bhrosnachaidh. Tha ùidh againn ann a bhith ga dhèanamh.”

Barrachd leughadh air an làrach-lìn aca.

Tha am Pròiseact Cruth-beatha ag amas air cruthachadh, ath-stèidheachadh is dìon a thòiseachadh de chruthan-tìre fiadhain le bhith ag obair air pròiseactan a chleachdas sgilean a’ gabhail a-steach saidheans, teicneòlas, laghan, eaconamach agus conaltradh. Thug Ath-fhiadhachadh Bhreatainn barantas do sheata de notaichean stiùiridh laghail airson Alba an seo air pròiseactan ath-fhiadhachaidh a leasachadh is a stiùireadh.

← Air ais: A’ Maoineachadh a’ Phròiseict Agad Clàr-innse Air adhart: Ag Obair Aig Muir →

Prìomh mholaidhean bho bhuidhnean coimhearsnachd

  • I underestimated the need, not only for financial support but also empowerment and giving people confidence to take control. I also wish I had known how many farmers want to do something for nature but are scared of the economics and the reaction of their peers.
  • I recommend having knowledge of the law, forensic knowledge of it. We relied on other people to keep us informed but if you are doing a Community Asset Transfer I think you really need to have it at your fingertips, know what your rights are and be explicit in your understanding when you are in dialogue with the council. 

Connect with us:

Follow us on Facebook Follow us on Twitter

Get in touch: info@rewild.scot

All images are subject to copyright. Copyright © 2025 The Scottish Rewilding Alliance, all rights reserved.