A’ Conaltradh ’s a’ Toirt An Sàs

Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd
Tha an duilleag seo nam pàirt den Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd, goireas do bhuidhnean ionadail a tha ag obair gus nàdar ath-nuadhachadh. Air ais gu clàr-innse an stiùiridh.

A’ dol an sàs, a’ gabhail pàirt, a’ teagasg

Ann an gnìomhachd coimhearsnachd sam bith tha diofar ìrean de chom-pàirt a thaobh co-dhùnaidhean a dhèanamh. Ged a bhios urrasairean is buill na buidhne an sàs as motha, feumaidh buidheann coimhearsnachd a’ choimhearsnachd nas fharsainge a thoirt an sàs - ’s e com-pàirt coimhearsnachd a chanar ri seo.

Bidh e a’ gabhail diofar chruthan aig diofar ìrean a’ choimhearsnachd a thoirt an sàs. Aig ìre-thràth dh’fhaodadh gum bi e a’ ciallachadh còmhraidhean neo-fhoirmeil gus ‘fiosrachadh fhaighinn’ air ùidh a dh’fhaodadh a bhith ann am beachd. Is dòcha gum feumar co-chomhairleachadh nas làine nas fhaide air adhart. Dh’fhaodadh gum bi seo na riatanas foirmeil airson adhbharan maoineachaidh, no gus a dhèanamh cinnteach gu bheil taic agad, tha thu air dèiligeadh ri dùbhlain, agus tha thu a’ faighinn buannachd bho mholaidhean cruthachail agus an raon de sgilean sa choimhearsnachd.

Faodaidh com-pàirt nas èasgaidh cumhachd a thoirt dhan choimhearsnachd nas fharsainge a dhol an sàs ann an co-dhùnaidhean is gnìomhachdan stiùiridh. Tha stòrasan cuideachail ri fhaotainn gus do stiùireadh tro sheòrsaichean is modhan-obrach airson com-pàirteachas.

Ged a tha tòrr bhuidhnean eile a’ cleachdadh na teirm ‘cosnadh na coimhearsnachd’ a thaobh iomadachd de gnìomhachdan is com-pàirt, is fheàrr le cuid eile teirmichean leithid ‘com-pàirteachadh’, a dh’fhaodadh a bhith nas èasgaidh. Faodaidh ‘co-dhealbhadh’ a bhith feumail a rannsachadh cuideachd. Tha e cudromach na faclan is cànan a chleachdadh a dh’obraicheas airson an suidheachadh agadsa - ach ’s e an rud as cudromaiche an dòigh-smaoineachaidh a tha na chois, agus na dòighean sa bheil cothrom aig a h-uile duine a bhith an sàs.

 Tha an Comann Eadar-nàiseanta airson Com-pàirteachadh a’ Phobaill air speactram a dhealbhadh gus cuideachadh ann a bhith a’ taghadh na h-ìre iomchaidh de com-pàirt airson pròiseas sam bith. Faodar IAP2 Spectrum of Participation a chuimseachadh ri ‘com-pàirteachadh coimhearsnachd’ le bhith a’ cur an fhacail ‘poball’ an àite ‘coimhearsnachd’ troimhe. Tha e a’ dol bho ‘Thoir fios’, ìrean de bhuaidh a’ choimhearsnachd air co-dhùnaidhean a tha a’ sìor fhàs: ‘Comhairlich’, ‘Thoir an sàs’ agus ‘Co-obraich’ agus mu dheireadh ‘Cumhachdaich’. Faigh am speactram an seo.

Sgrùdadh-cùise: Ag ionnsachadh bho eòlas: mar a dhèanadh sinn com-pàirteachadh coimhearsnachd diofraichte!

Smaoineachaidhean air na leasanan bho cho-chomhairle dhùbhlanach

Na dh’ionnsaich sinn bho chomhairleachadh ris a’ choimhearsnachd

Chaidh cùisean troimhe-chèile dhuinn. Dhèanainn a-rithist e, leis an fhios air mar a bheirear com-pàirteachas coimhearsnachd shoirbheachail gu buil - is a dhèanamh nas fhasa. Far am faod daoine bruidhinn, is na beachdan aca a roinn. Seach coinneamh far a bheil a h-uile duine ag ràdh, “chan eil fios agad air na tha thu a’ dèanamh!” Dh’fhàs cùisean beagan teth.

’S e ann am pàirt gu bheil na cumhaichean maoineachaidh a’ mìneachadh taic coimhearsnachd mar a’ choimhearsnachd ionadail gu sònraichte.
Gus taic fhaighinn bho Mhaoin Fearainn na h-Alba, feumaidh an taic coimhearsnachd a bhith làn aonta. Cha do thuig mi sin. Bha e soilleir - mar a dhealaich a’ choimhearsnachd - nach biodh comas againn air a dhol a dh’ionnsaigh a’ mhaoineachaidh sin. Chaidh foirgheall a chur thugainn air an robh ainmean dhaoine ag ràdh nach robh iad ag iarraidh a’ choimhearsnachd an fhearann a cheannach. Bha cuideigin ag iarraidh am fearann a cheannach is chuir iad bacadh oirnn! An rud a chur cùisean air falbh bhuam ’s e gun tug sinn cothrom gun fhiosta airson mì-fhiosrachadh.

’S e comhairle ma-thà: dèan ullachadh faiceallach airson coinneamh coimhearsnachd is iarr air cuideigin bho thaobh a-muigh na coimhearsnachd a chur an comas. Gus nach canar bu chòir / cha bu chòir a-mhàin ach cuideachd “bu chòir is seall na rudan a b’ urrainn dhuinn a dhèanamh”, gus an gabh daoine beagan brosnachadh is gun tòisich iad a’ smaoineachadh. Oir tha e doirbh - sin an rud a dh’fheumas tu.

’S e sin fear de rudan as cugallaiche is duilghe ris am feumar dèiligeadh, an taic coimhearsnachd. Tha mi air iomadh pròiseact cruthachail a dhèanamh le coimhearsnachdan. Ach thachair gun robh sinn buileach thar ar comais. Is fhiach e fiù ’s mura thachras e, cha tèid an càirdeas leis a’ choimhearsnachd a chur an cunnart leis a’ mholadh - a sgaradh le cha bu chòir agus bu chòir. Agus ma thachras e tha an t-astar-mheud seo agad!

← Air ais: Ag Obair Aig Muir Clàr-innse Air adhart: A’ Togail Chàirdeasan is Com-Pàirteachasan →

Ciamar a bheir sinn pàirt do chàch?

  • “Engaging with the community is not just about consultation but about going back to them and showing what you have been able to take on board and what not.”
  • "There’s an expectation that everyone should do everything for free. We paid our steering group members."
  • "We tried to do as many live, in-person consultation events rather than online because we want to constantly build relationships. It’s more time and money because of the cost of hiring venues. But it massively pays. Also offering food and drink at the meetings, if people are coming for an evening."

Connect with us:

Follow us on Facebook Follow us on Twitter

Get in touch: info@rewild.scot

All images are subject to copyright. Copyright © 2025 The Scottish Rewilding Alliance, all rights reserved.