A’ Togail Chàirdeasan is Com-Pàirteachasan

Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd
Tha an duilleag seo nam pàirt den Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd, goireas do bhuidhnean ionadail a tha ag obair gus nàdar ath-nuadhachadh. Air ais gu clàr-innse an stiùiridh.

A’ fàs do lìonra

Seachad air a’ choimhearsnachd, bidh càirdeasan le buidhnean eile is daoine fa leth a cuideachadh gus pròiseactan ath-fhiadhachaidh a thoirt gu buil. Uaireannan bidh an iomairt a’ tòiseachadh le com-pàirtiche air an taobh a-muigh. Chaidh am Pròiseact Yearn Stane, a chaidh a chur air bhonn e fhèin le iomairt-sòisealta lios chraobhan is co-comhairleachaidh eag-eòlach, an comhair Urras Leasachaidh Coimhearsnachd Loch Uinnich, gus eag-shiostam obrachail a thoirt air ais gu bruaichean Àirdean Siorrachd Rinn Friù. Bha Urras Leasachaidh Coimhearsnachd air a bhrosnachadh ceumannan a ghabhail ri pàirt den àite a thoirt air aonta.

Thòisich feadhainn eile le buidheann coimhearsnachd bheag agus chaidh iad a shireadh caidreachas le com-pàirtichean buadhmhor, no buidhnean le cothrom air luchd-ùidh leithid sealbhadairean-fearainn no iasgairean. Shoilleirich grunn coimhearsnachdan luach na taic bho Bhuill-Pàrlamaid, Bhuill-Pàrlamaid na h-Alba, is comhairlichean. Thug Pàirc Taobh na h-Aibhne Ùraidh fa-near dhan deimhinneachd a bh’ ann obrachadh còmhla ris an ùghdarras ionadail agus comhairlichean a thoirt air a’ bhòrd aca.

Tha saoghal ath-fhiadhachaidh a’ gabhail a-steach measgachadh de lìonraidhean taice is buidhnean luachmhor, leithid Lìonra Coimhearsnachdan a’ Chladaich (air a stiùireadh le Fauna & Flora International), ALBA: Lìonra Ath-fhiadhachaidh Northwoods An Dealbh Mòr agus Lìonra Ath-fhiadhachaidh Ath-fhiadhachadh Bhreatainn. Tha Caidreachas Ath-fhiadhachaidh an t-Saoghail a’ ceangail bhuidhnean ri pròiseactan ath-fhiadhachaidh air feadh an t-saoghail. Bidh Caidreachas Ath-fhiadhachaidh na h-Alba a’ ceangail buidhnean ath-fhiadhachaidh, buidhnean coimhearsnachd nam measg, gus iomairt is tagradh airson ath-fhiadhachadh ann an Alba.

 Ag obair le comhairlean ionadail

Le bhith ag obair le buidhnean poblach faodaidh dùbhlain a nochdadh gun dùil. Faodaidh na riaghailtean a stiùireas buidhnean poblach, dleastanasan glèidhteachais is riaghladh stiùireadh-stòrais, a bhith uile nan dòighean dìreach a dh’ionnsaigh stiùireadh coimhearsnachd, agus airson ath-stèidheachadh eag-shiostaman a tha ag obair gu slàn.

Mar eisimpleir, tha pàirtean de Shrath Tharrais (a tha leis an Iomairt Langholm) air an sònrachadh mar Làrach de dh’Ùidh Saidheansail Sònraichte (SSSI), agus Àite Dìon Sònraichte (SPA). Gu h-oifigeil, tha sluagh de chlamhain-circe na chomharrachadh cudromach airson stiùireadh soirbheachail. Tha stiùireadh a’ moladh airson ath-ghineamhainn choilltean nàdarra a thoirt air falbh is a’ cumail an àite mar ‘raon fosgailte’, ach mar is eòlar gabhaidh a’ mhòr-chuid den reachdas a thuigsinn gu diofraichte, a rèir an nach fa leth.

Mar an ceudna, mhothaich Seawilding gun deach riaghailtean a bh’ air an droch cur an gnìomh le buidhnean malairteach a chur ris na gnìomhachdan beaga aca. Faodaidh na bacaidhean seo a bhith a’ faireachdainn mì-chothromach is feumar foighidinn.

Tuilleadh goireasan

Planaichean Àite Ionadail is Planaichean Gnìomha Coimhearsnachd

Bidh an dà sheòrsa phlana seo a’ toirt dhòighean do choimhearsnachdan na feumalachdan aca a mhìneachadh is an innse do chàch. Tha iad gu tric air an ullachadh le coimhairlean na coimhearsnachd no urrasan leasachadh coimhearsnachd, ag obair ann an com-pàirteachas leis a’ choimhearsnachd nas fharsainge. Faodaidh e a bhith cuideachail do bhuidhnean coimhearsnachd na làraichean a tha iad am beachd ath-fhiadhachadh, no na làraichean iad fhèin, a ghabhail a-steach ann an aonan no dhà sheòrsa plana, gus aithne is taic nas fharsainge a dhèanamh cinnteach. Airson tuilleadh fiosrachaidh faic Planaichean Àite Ionadail | An t-Àite Againn.

Tha Planaichean Gnìomh na Coimhearsnachd (CAPs) ann an Alba, nan sgrìobhainnean innleachdail air an dèanamh le coimhearsnachdan ionadail gus dèiligeadh ris na feumalachdan, duilgheadasan is comasachd aca. Thèid na planaichean seo a leasachadh tro phròiseas com-pàirteach sa bheil buill na coimhearsnachd ag obair còmhla a dh’aithneachadh phrìomhachasan is a mhìneachadh na ceumannan a dh’fheumas iad gus an t-àite ionadail aca a thoirt am feabhas. Airson tuilleadh fiosrachaidh faic Community Action Plans | DTAS Community Ownership Support Service.

Sgrùdadh-cùise: Bright Green Nature

Ag obair le teaghlaichean is sgoiltean

’S e carthannas a th’ ann am Bright Green Nature a bhios a’ toirt meanbh-thabhartasan is comhairle, ag obair le sgoiltean, teaghlaichean is buidhnean bhaile air feadh Crìochan na h-Alba gus nàdar a thoirt air ais do dh’àitichean a tha leotha is sa bheil iad a’ fuireach.

Mar a thèid sinn an sàs le daoine ionadail

Bidh sinn a’ toirt meanbh-tabhartas fa leth do chom-pàirtichean air a’ phrògram ‘Wild Your Space’ againn - mar is trice tha sinn ro-chlàraichte. Tha na h-àitichean ris a bheil sinn ag obair a’ tòiseachadh aig meanbh-mheud (gàrraidhean beaga) gu àitichean coimhearsnachd de dh’iomadh heactair. Bidh feum ann daonnan na h-àitichean seo a stiùireadh, is tha bacaidhean ann air càite am faod pròiseasan nàdarrach smachd a ghabhail. Ach fiù ’s ann an gàrradh beag chì sinn badan fhlùraichean-fiadhain no puill a tha a’ cur iom-sgarachd structair am meud is a’ toirt slàinte am feabhas san àite sin, no coimhearsnachdan a’ fàgail fiodh marbh ann an coilltean an àite ga sgioblachadh.

Ann an sgoiltean tha trèanadh is gu h-àraid tìde a dhìth gus na h-àitichean seo a chumail suas, is mar sin bidh ar n-Oifigear Ath-stèidheachaidh Nàdair a’ cur seachad ùine a’ toirt trèanadh do dhaoine. Uaireannan gheibh sinn iarrtas mìorbhaileach bho theaghlach no sgoil a tha a’ seasamh a-mach a thaobh na tha iad a’ dèanamh, agus ìre de chom-pàirt leis a’ choimhearsnachd ionadail. Mar sin tha sinn air prògram ‘Tosgaire’ a thòiseachadh, daoine am broinn na coimhearsnachd a chumhachdachadh is an naidheachd a sgaoileadh.

An toiseach b’ e am maoineachadh a bh’ ann - teaghlaichean aig nach robh airgead a bharrachd gus nàdar a thoirt air ais dha na h-àitichean aca.
’S e na tha a’ dèanamh diofar ge-tà, an ìre de chom-pàirt is trèanadh as urrainn dhuinn a thoirt, gu tric 1:1, a tha loma-làn stòrasan ach is fhiach e airson cumhachdachadh. Tha sinn dìreach an dèidh stòrasan a leasachadh airson ‘puill’, ‘flùr-fiadhain’ no ‘callaidean’. Gu tric chan eil fios aig daoine far am bu chòir dhaibh coimhead air loidhne is ’s e stòrasan feumail a th’ annta. Tha cruinneachadh innealan againn cuideachd airson sgoiltean, is bheir sinn lusan-puill is compost gun mhòine. Tha sinn am beachd feuchainn ri sìl is craobhan a thoirt tro chom-pàirtichean.

Tha neach-cosnaidh phàirt-ùine againn (Oifigear Ath-stèidheachadh Nàdair) is saor-thoileach pàirt-ùine againn. Tha an rianachd meanbh-thabhartasan cuideachd a’ gabhail a-steach an stèidheadair (1 latha sa mhìos) is ar Urrasairean sa phròiseas cho-dhùnaidhean.

 Fiosrachadh air ais bho chom-pàirtichean:

“Tha a’ phròiseact againn air a thoirt air adhart nas luatha air sgàth ’s a’ mhaoineachaidh a fhuair sinn airson lusan-puill. Tha am poll a’ tarraing beatha-fhiadhain dhùthchasach mar-thà is chaidh ar glacadh leis na diofar sheòrsaichean tairbh-nathrach a thadhail air an-uiridh.”

“Nuair a thog a’ choimhearsnachd Newstead maoinean gus Raon a’ Bhaile a cheannachd, bha luchd-còmhnaidh air miann soilleir innse bìth-iomadachd is àrainnean beatha-fiadhain a bhrosnachadh is iad a’ toirt àite sòisealta seachad air an taobh a-muigh. Leis a’ mheanbh-thabhartas chaidh againn air àite lusan-fhiadhain a chur gus poileanadairean a tharraing cho math ri brògan-cuthaige is sòbhragan sa choille. Tha sinn cuideachd air luach a chur air a’ chomhairle is taic cuideachail a tha Bright Green Nature air a thoirt dhuinn.”

“Barrachd leughadh air an làrach-lìn aca.

← Air ais: A’ Conaltradh ’s a’ Toirt An Sàs Clàr-innse Air adhart: Saor-Thoilich is Eòlaichean →

Ciamar a nì sinn obair le càch?

  • “Tay Ghillies Association is one of our partners. They have a remit across the whole catchment so they are a community of interest and place. They have connections to all the local wild fish people.”
  • “These networks are really useful. There’s no point other communities frying their brains because the Scottish Rewilding Alliance are responding to a consultation for you.”
  • “Landscape-Scale restoration needs to be completely collaborative. No one organisation can do this on their own. The power and the strength to realise restoration at scale comes from working together across the landscape. That’s the power and strength community participation can bring - involving the whole network of people in the landscape who know and care about the land and have relevant professional expertise.”

Connect with us:

Follow us on Facebook Follow us on Twitter

Get in touch: info@rewild.scot

All images are subject to copyright. Copyright © 2025 The Scottish Rewilding Alliance, all rights reserved.