Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd
Tha an duilleag seo nam pàirt den Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd, goireas do bhuidhnean ionadail a tha ag obair gus nàdar ath-nuadhachadh. Air ais gu clàr-innse an stiùiridh.
Tha obair coimhearsnachd saor-thoileach - tha thu a’ toirt seachad do thìde is sgilean saor an asgaidh. Mar a dh’fhàsas tu dh’fhaodadh gum bi tuilleadh saor-thoilich an sàs. Tha tòrr fiosrachaidh ri fhaotainn mu shaor-thoilich a bhrosnachadh is a stiùireadh, a bhios air leth feumail airson pròiseactan nas motha. Tha e cudromach a chuimhneachadh cuideachd gu bheil saor-thoilich nan eòlaichean cuideachd, is tha sgilean, eòlas is ceanglaichean aca as urrainn dhaibh a thoirt gu pròiseact.
Faodaidh ceanglaichean proifeasanta is pearsanta a chuideachadh daoine a thoirt a-staigh a tha ag iarraidh taic a thoirt dhan obair agad. Ma dh’fhaodte gun toir iad seirbheisean pro bono - an-asgaidh - no do cheangail ri oileanaich is càch a tha ag iarraidh gnàth-eòlas a thogail le bhith a’ toirt an sgilean ris.
Shoilleirich Urras Grunnd-mara Coimhearsnachd Arainn (COAST) eòlas shaor-thoilich mar phrìomh fheart den obair aca. Mar eisimpleir, tha bòrd-comhairleachaidh aca, air a dhèanamh de dhaoine bho dhiofar àitichean is gnìomhachasan timcheall an eilein. 'S iad ‘ciad puing’ na buidhne, bòrd airson beachdan no stiùireadh ùra dhan bhuidhinn.
Tha urrasairean nan saor-thoilich cuideachd, agus faodaidh obair urrasairean a bhith iarrtach is a’ toirt ùine. Bidh buidhnean nas sine a’ moladh dòighean sam faodadh urrasairean fois a ghabhail greis, is tha dòighean gu tric gan togail a-staigh gu sgrìobhainnean tùsail na buidhne a dh’fheumas cuairteachadh. Faodaidh seo a chuideachadh gus sgìos a sheachnadh sa bhuidheann.
‘S e buidheann coimhearsnachd sluaigh bhun-reachdail a th’ ann am Flùraichean-fuadain Lodainn Mheadhanaich, a tha ag obair gus àitichean-gorma a chruthachadh, a dhìon is cùram a thoirt dhaibh air feadh Lodainn Meadhanach is iad a’ cumail taic ri slàinte is sunnd nan coimhearsnachdan ris am bi sinn ag obair.
Sa chiad bliadhna dh’obraich sinn còmhla ri 80 saor-thoilich gus achadh a bhuineadh ris a’ chomhairle ath-stèidheachadh ann an Tobar an Ròis. ’S e oidhirp fìor-mhòr a bh’ ann is dh’fheumadh e tòrr obair air sgàth ’s nach do chùm an comhairle an achadh fhlùraichean-fiadhain suas, ri lìn ghearraidhean buidseit gu mòr.
’S e sin an t-adhbhar a tha Flùraichean-fiadhain Lodainn Mheadhanaich ann, gus dèiligeadh ri èiginn na gnàth-sìde is eag-eòlach gu h-ionadail - fhad ’s a tha sinn a’ sìor-chall àitichean-gorma ri linn mòr-leasachaidhean taigheadais. ’S e ar n-amas achaidhean a th’ ann an-dràsta a dhìon, ath-stèidheachadh is cùram a thoirt dhaibh is sinn a’ lorg chothroman àrainnean ùra a chruthachadh fhad ’s a thathar a’ faireachdainn gu math is a’ dèanamh diofar dhan àrainneachd againn.
Bidh sinn ag obair air dà achadh a th’ aig a’ chomhairle. Dh’iarr sinn cead tron phoileasaidh ‘Gabh ri àite gorm’. Bidh Comhairle Lodainn Mheadhanaich a’ sanasachadh a’ chothruim seo, le ceann-latha iarrtasan air 29 Giblean gach bliadhna, airson buidhnean coimhearsnachd a ghabhail ri àite-gorm is a chumail suas còmhla ris a’ chomhairle airson buannachd na coimhearsnachd is bith-iomadachd. Tha e iongantach a’ mheud de dh’fhearann a th’ aca.
Tha sinn air obair ann an com-pàirteachas air leas-chunnradh le buidhnean eile gus taic a chumail ris a’ chomhairle air plana obair-ghlèidhidh achaidh fhlùraichean-fiadhain. Mas urrainn dhut, seall dhaibh gun urrainn dhut a dhèanamh soirbh dhaibh, gur e com-pàirteachas luachmhor dhan h-uile duine.
Bidh sinn ag obair còmhla ri buidhnean eile, Comhairle Lodainn Mheadhanaich, Comhairle Coimhearsnachd Tobar an Ròis is na Sgìre, Scouts and Beavers Tobar an Ròis, Àrd-sgoil Lasswade agus Coille Coimhearsnachd Three Hares. Is sinne nar buill èasgaidh de dh’iomadh bhuidheann leithid Lìonra Gnìomh na Gnàth-sìde Lodainn Mheadhanaich.
Lorg àitichean-gorma a tha daoine cùramach mu dheidhinn. Dh’fhaodadh gu bheil iad salach le sgudal, ach tha comasachd aca. Dh’fhaodadh gur e bruach a th’ ann, pàirc bheag far nach eil dad a’ fàs. Tha cothroman ath-fhiadhachaidh sa chruth-tìre.
Tha fios againn gur ann an èiginn gnàth-sìde a tha sinn. Tha ‘gabh air do shocair’ ceart gu leòr, ach cha cuidich e an sluagh dhealain-dhè is laomainn a tha a’ crìonadh. ’S e na dh’fheumas sinn a dhèanamh ar tìde a chleachdadh gus eag-shiostaman a thuigsinn air fad is tuigsinn dè a th’ againn.
Eòlas air an àite-ghorm agad, eòlas air an fhearann, freumhaichte san àite is coimhearsnachd agad fhèin.
Ciamar a stiùireas sinn na saoranaich?