Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd
Tha an duilleag seo nam pàirt den Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd, goireas do bhuidhnean ionadail a tha ag obair gus nàdar ath-nuadhachadh. Air ais gu clàr-innse an stiùiridh.
Tha conaltradh na phàirt chudromach de choimhearsnachd no gnìomhachd co-obrachail sam bith. Bidh ath-fhiadhaichean coimhearsnachd a’ cur cuideam air trì rudan gu sònraichte:
Accessible communication
A rèir artaigil air CharityComms, a’ bhuidheann ballrachd airson proifeiseantaich chonaltraidh charthannais, tha doille-fhacail air duine à 10 san t-saoghail, tha fear ann an 12 fo bhuaidh dhath-doille, ’s e naoi bliadhna a dh’aois aois-leughaidh chuibheasach san RA, agus tha call-claisneachd air còrr is 460 millean daoine.
Bidh seanchas a’ cuideachadh daoine ann a bhith a’ faireachdainn ceangailte ri nàdar is a’ tuigsinn mar a tha ath-fhiadhachadh ag obair. Bidh sgeulachdan mu bheatha-fiadhain, àrainnean, is pròiseactan ionadail a’ toirt dhaoine còmhla. Tha e gam brosnachadh a dhol an sàs is a’ nochdadh na buaidh deimhinneach a dh’fhaodas a bhith aig ath-fhiadhachadh air daoine agus an àrainneachd.
Thug Bioregioning Tayside mìneachadh air cho cudromach ’s e tha e gnìomhachdan is freagairtean cultarail agus saidheansail a ghabhail a-steach ann am pròiseactan ath-stèidheachadh nàdair.
“Tha ar fòcas air èiginnean na gnàth-sìde is bith-eòlas fhuasgladh air a bhith a’ taobhachadh air saidheans, tha air uile air a bhith mu ath-stèidheachadh eag-eòlach. Cha robh aithneachadh gu leòr ann no comharrachadh air mar a tha na cruthan-tìre againn nam pàirt den cultar againn tro, mar eisimpleir, sgeulachdan, òrain no ainmean-àite. Bho thaobh bìth-roinneil, bhithinn a’ brosnachadh do dhaoine ath-cheangail ris an dualchas cultarail seo agus eachdraidh a dhèanamh, gus ionnsachadh mar a tha an cinne-daonna air buaidh a thoirt air an cruthan-tìre thar mhìltean de bhliadhnaichean.
A’ cosg tìde rannsachadh a dhèanamh, gus a thuigsinn, mar eisimpleir, mar a tha uisgeachan air atharrachadh gus barrachd fhearainn a chur an comais airson tuathanachas no muilleanan airson gnìomhachas obair-chlòtha, dè na h-àitichean a b’ àbhaist a bhith fearann coitcheann, dè na h-oighreachdan a chaidh a cheannach is a thogail tro airgead tràilleachd, a’ bhuaidh eag-eòlach a tha damaichean hàidreo air a thoirt.
Mura h-eil fios agad air an sin, cha ionnsaich thu bhon àm a dh’fhalbh no a bhith a’ chumhachd agad a ràdh, 'Chan fheum e a bhith mar seo’."
Prìomh mholaidhean bho bhuidhnean coimhearsnachd