Ath-fhiadhachadh An Àite Agad

Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd
Tha an duilleag seo nam pàirt den Ath-fhiadhachadh: Stiùireadh do Bhuidhnean Coimhearsnachd, goireas do bhuidhnean ionadail a tha ag obair gus nàdar ath-nuadhachadh. Air ais gu clàr-innse an stiùiridh.

Eadar-theachdan

Tha ath-fhiadhachadh mu dheidhinn pròiseasan nàdarrach air tìr ’s aig muir a bhreab-thòiseachadh. Tha obair le tha a tha gun fhiosta dhuinn na lùib - agus a’ cruthachadh dòchas a dh’ionnsaigh àm ri teachd chugallach, fhad ’s a tha an gnàth-sìde is eag-shiostaman ag atharrachadh mun cuairt oirnn.

Gu tric ’s e a’ chiad ceum gun a bhith a’ dèanamh càil. Chuir gach coimhearsnachd a bha an sàs ann an riochdachadh an stiùiridh seo cuideam air cho cudromach ’s a tha e tìde a thoirt eòlas fhaighinn air an àite agus an eag-shiostam a tha iad an dòchas ath-stèidheachadh.

Is dòcha gum biodh e feumail dhut cuideachd sùil a thoirt air 12 ceumannan a dh’ionnsaigh ath-fhiadhachadh aig Ath-fhiadhachadh Bhreatainn.

Tha an Iomairt Langholm, a tha a’ stiùireadh còrr is 4,200 heactairean den ghlèidhteachas Srath Tharrais, air còrr is dà bhliadhna a chur seachad a thuigsinn an àite is a’ beachdachadh dè na gnìomhan air bu chòir prìomhachas a chur. Tha iad a-nis a’ cuimseachadh air ceudan mìltean de thraoghadh a thoirt air falbh air monaidhean na bruaiche, gus cuideachadh ri haidreòlas nàdarra is comas na mòine ri uisge is carbon a chumail ath-stèidheachadh.

Gu tric ’s e gnìomh ath-fhiadhachaidh chudromach a’ choille a mheudachadh. Bidh an slighe gu tuilleadh choilltean a chur air dòigh a’ crochadh air faotainneachd chraobhan ri sgaoileadh san àite, tro shìol is dòighean eile air ath-bheothachadh nàdarrach. Mura h-eil ach glè bheag de chraobhan dùthchasach san àite, dh’fhaodadh gum bi e riatanach craobhan a chur - mar eisimpleir aig Carrifran, far an robh ach grunn bheag de chraobhan sa ghleann is cha mhòr millean chraobhan air an cur bhon do ghabh Urras Coille na Crìochan sealbhadaireachd air a’ ghleann 655-heactair.

Nuair a thathas a’ cur chraobhan, dèan cinnteach gum faighear craobhan òga is sìl le cùram. Cùm sùil a-mach airson liosan-àraich chraobhan is reiceadairean-sìl ionadail. Tha pasgan liosan-chraoibh aig Ath-choilleachadh na h-Alba. Tha tòrr chomhairle air dòighean planntachaidh aig Urras nan Coilltean.

Ann an àitichean far a bheil an sluagh nas dlùithe, gu tric tha pàircean nan toiseach tòiseachaidh airson ath-fhiadhachadh coimhearsnachd. Dh’fhaodadh buidhnean coimhearsnachdan ann an àitichean bailteil tagradh airson saoidheadh is stealladh mar phrìomh fhòcais.

Airson mòran phròiseactan ath-fhiadhachaidh, ’s e an t-atharrachadh cudromach cuideam air eag-shiostam a thoirt air falbh gus am faod pròiseasan nàdarrach a thilleadh. A rèir COAST ’s e ‘seòrsa de ath-stèidheachadh fulangach a th’ ann: bheir sinn an cuideam air falbh (le bhith a’ cur bacadh air iasgachd) is leigidh sinn leis an àrainneachd ath-shlànachadh.’ Airson pròiseactan air tìr, tha staid mhillte ar n-àrainneachd nàdarrach a’ ciallachadh gum feumar ceumannan air choireigin a ghabhail gus breab-tòisich a thoirt do phròiseasan nàdarrach.

 Faodaidh lìonraidhean leithid Native Oyster Network taic a thabhann airson pròiseactan ath-stèidheachaidh eisirean.

 A’ faicinn thoraidhean

Nuair a nì thu eadar-theachd, ge b’ e ma tha thu a’ toirt cuideam air falbh no a’ toirt pàirtean ùra de dh’eag-shiostam a-steach (mar eisimpleir, le bhith a’ coille dhùthchasach no feur-mara), dh’fhaodadh gum bi na h-atharraichean iongantach is nas brosnachail na dh’fhaodadh duine sam bith smaoineachadh air.

San leabhar aice Wilding, tha Isabella Tree a’ mìneachadh mar a chuireadh iongnadh le tilleadh meanbh-bhiastagan is beatha-eòin dhan tuathanas aca ann an Sussex air eag-eòlaichean no tuathanaichean. Tha fèin-fhiosrachadh ceudna aig buidhnean ath-fhiadhachadh coimhearsnachd agus - mar a tha com-pàirtichean a’ choimhearsnachd dhan stiùireadh seo a’ sealltainn - faodaidh gu bheil iad a’ lorg nithean a tha ùr a thaobh saidheans.

A’ stiùireadh cothrom

Tha diofar adhbharan aig diofar bhuidhnean coimhearsnachd airson nàdar ath-stèidheachadh, is feumar fa-near a thoirt do dh’fheumalachdan ruigsinneachd a’ phobaill ri linn nan adhbharan sin. Ann an Alba tha còir coitcheann air cothrom cùramach, agus do chuid bhuidhnean, bidh àrd-phrìomhachas air buill a’ phobaill a tharraing.

Tha Pàirc Taobh na h-Aibhne, mar eisimpleir, moiteil air a dhòigh-obrach ri ruigsinneachd, a tha a’ gabhail a-steach slighean dìonach, beingidhean is fiù ’s raointean-cluiche ann an àitichean air an taghadh gu faiceallach, cho math ri bùird-bhratha is inntrigean a th’ air an comharrachadh gu soilleir.
Tha iad a’ tomhas gu bheil iad a’ faighinn 500 luchd-tadhail gach latha oir chaidh am pàirc a dhealbhadh mar phàirt de slighe-siubhail bheò, agus gu bheil an ìre seo de ruigsinneachd is cosnadh is mothachadh dhaoine air nàdar atharrachadh. Mar eisimpleir, le bhith a’ mothachadh nuair a thig uiseagan ceòlmhor san earrach, no a’ tuigsinn adhbharan feurachaidh gus smachd a chumail air an odhar-mhòr.

Tha feadhainn eile ag iarraidh an cumail fhèin air falbh bho chus aire, oir dh’fhaodadh tòrr luchd-turais lagachadh nam pròiseasan eag-eòlach a tha a’ cuideachadh bith-iomadachd ath-stèidheachadh. Bidh Coille-fiadhain Carrifran, faisg air a’ Mhagh Fhada ann an taobh deas na h-Alba, a’ cur fàilte air luchd-turais am fèin-fhiosrachadh aca innse is bruidhinn air na toraidhean. Ach bidh iad a’ feuchainn a sheachnadh nach fhaicear iad mar àite airson luchd-turais a-mhàin.
Ghabh iad comhairle ri pàirc nan càraichean a chumail beag is uaigneach. Tha fios gu bheil daoine ag iarraidh fhaicinn na tha a’ tachairt, agus ’s e cùis-bhrosnachaidh a th’ ann a bhith a’ faicinn na coille seo a’ tilleadh dhan ghleann seo a bha roimhe lom. Mar sin tha iad air slighe nas giorra a dhèanamh faisg air a’ phàirc-chàraichean a leigeas le daoine an gleann fhaicinn is a bhith ann airson nàdar a’ tilleadh dhan àite.

Seòrsaichean sgaoilteach

’S e aon dòigh sam feumar eadar-theachd gu h-èiginneach a thaobh seòrsaichean sgaoilteach. Tha an sgrùdadh-cùise air Pàirc Taobh na h-Aibhne Ùraidh a’ toirt eisimpleir de bhuidheann coimhearsnachd a tha a’ coimhead ri trì dhiofar dhòighean air smachd a chumail air odharan-mòr, le ionaltradh nam measg. Chuir iad Iomairt Seòrsaichean Sgaoilteach na h-Alba air bhonn gus a bhith na stòras cuideachail de chomhairle is beachdan.

Tha làraich eile feumach air dhèiligeadh ri giuthais-Sitka a tha air fhèin-chur, agus a dh’fhaodas ath-bheothachadh tro ‘shileadh sìl’ grunn cilemeatairean bho phlanntachasan coimeirsealta. Tha Iomairt Langholm, mar eisimpleir, dìreach an dèidh pròiseas fada, daor de ath-bheothachadh giuthais-Sitka a thoirt air falbh air feadh monaidhean Srath Tharrais a’ cleachdadh sgioba de chunnradairean ionadail, air a mhaoineachadh le Sgeama Àrainneachd Gnàth-sìde-Àiteachais le Riaghaltas na h-Alba. Uaireannan bidh taic ionmhasail ri fhaotainn airson smachd a chur air seòrsaichean sgaoilteach, leis Iomairt Seòrsaichean Sgaoilteach na h-Alba.

← Air ais: Ag Innse Ur Sgeulachd Clàr-innse Air adhart: Sgrùdadh Agus Saidheans Shaoranaich →

Ciamar a thilgeas sinn nàdar air ais?

  • “There is this tension between doing nothing, and feeling the obligation to be doing something. I keep reminding myself that we have already done something really important, which is to make sure that that piece of land becomes something it needs to become.”      
  • “In my experience of advising [urban and suburban] communities, the thing they most want to do is something really drastic like cutting down or planting. What I would encourage is to look really closely at what you’ve already got. For example, there are lots of tree seedlings waiting to come up. When a tree falls down all these baby trees will grow up. So I’d suggest you don’t plant there.”
  • “We’ve found that within the no-take zone and the marine protected area, you would think when you remove the fishing pressure that everything would bloom and go crazy, and you would get loads more of every species. But it’s very complex, you have competition, predation; so we found that recovery is not linear, it goes up and down, and that hasn’t been mapped before. We now have a decade of data, and that’s really valuable.”
  • “People often don’t feel connected to large landscapes and find it challenging to grasp the relevance. So engaging people at a smaller scale and in the spaces they care about can open up conversations to build engagement and understanding of the importance of nature recovery and the role of rewilding/nature restoration. This can make people more likely to act, whether that’s to lobby their local MSPs, support campaigns such as the Rewilding Nation, work in nature restoration or support local groups looking to rewild.”
  • “I grew up on a railway that is now a Sustrans route. Midlothian Climate Action Network is looking to develop a wildlife corridor along that. There are a lot of wee patches. We need to be thinking about how to connect patches. We are seeing how much annuals move around. It’s astonishing to see their journeys. We need to stop the isolation of tiny patches.”

Connect with us:

Follow us on Facebook Follow us on Twitter

Get in touch: info@rewild.scot

All images are subject to copyright. Copyright © 2025 The Scottish Rewilding Alliance, all rights reserved.